(navigation image)
Home American Libraries | Canadian Libraries | Universal Library | Community Texts | Project Gutenberg | Children's Library | Biodiversity Heritage Library | Additional Collections
Search: Advanced Search
Anonymous User (login or join us)
Upload
See other formats

Full text of "Iul a' Chriostaidh"

L.y.d. 



National Library of Scotland 

■iiiiiiiiiii 

*B000501629* 



Digitized by tiie Internet Arciiive 
in 2013 



littp://arcliive.org/details/iulacliriostaidli1872inne 



lUL 



CHRIOSTAIDH. 



AN CEATHRAMH CLO-BHUALADH. 



INNERNIS: 

OtO-^HUAILTE AIO OFIG AN TEAGHDAIÌIJ}, 
MDCCCLXXII. 



OLAR-INNSE. 



Clarr-innae nam Feiltean Fogarrach 
Laithean Feille agus Traìsg , . 
Urnaighean ub Teagaeg .... 

Urnaigh Maidne ...... 

Griomhan Creìdimh Dochals, &c. 

Urnaigh Oìdhche 

Leadan loea . , 

Moire ....... 

nan Naomh 

Na Seachd Sailm Aithreachail 
Crabhadh do dh' Ainm losa , . 

do'n Spìorad Naomh 
An Aifrionn air a mineachadh 
Urnaighean an àm na h-Aifrinne . 
Buidheachas an dèigh na h-Alfrinne 
Uìdheamachadh gu Faoisid . . 
Rannsachadh Cogais ..... 
Jrnafgh an dèìgh na h-Eisdeachd 
* i'easgasg air Comanachadh . . , 
Griomhan roi Chomanachadh . , 
an deis Comanachaidh . 



IV. CLAR-INNSE. 

Fiosrachadh air Sacramaid an daingrneachaidh 144 
Urnaigh roi 'n Daingneachadh . . . , 148 

an dèigh an Daingneachaidh . . 150 

Air Laghadh-Eaglais 152 

Urachadh ar Boidean Baistidh .... 158 
Comhairlean do Dhaoine Tinne . . . . 161 

Comhra Duine Thinn ri Dia 164 

Leadan air-son Bh,is shona . . . . . . 169 

Urnaighean an àm Tinneis 172 

Urnaigh roi 'a Chomanàchadh dheireannach 181 

an dèigh a Chomanachaidh dheir- 
eannaich 184 

roi 'n Ola Dheireannaich . . . 185 

an dèigh na h-Ola Deireannaiche , 188 
Leadan Dhaoine tinne ....... 189 

Leadan air*son nam marbh 201 

Cràbhadh na Conair Mhoire ..... 208 
Freagairt na h-Aifrinne ....... 223 



}-t t-i f-1 f^ 

aaal 

CD OJ O) m 

> ;> > O 

O O O O) 



CM 



1¥ 



lr<t)rHO 



o 
Uà ^ 



m 
z 
z 

I 

< 
O 



o 

H 
<1 



3 < 



u ^ f-> 



f-t f-* t., ^ 

o o S S 

s a a g 

^ ^ '^ "^ 

O O CD O) 



f-l ^ Sj Sj '-< 

^ S O S S 

o 0) 53 s ^ 

> >■ o o >• 

O O OJ OJ O 



Q:z;;z;;z^^QQ^^^ÒQQ:g^;gQP^ 



w^ 



OC5'-ì*(b-05r-lOC<JOO^OO-«^CO'*I>-OirHOlO 
COi— I G<3 CCG^rHC^lrH Q^ r-i rH Ol 

WH S 5fcH !^bH S StH S dtH 3 P d 3 S S S 
l^l-5l-5f=^^-5f=qHil-:S^H:l-5r>jH5l-5l-5H0H-5t-5t-5 



, . Oi i-H rti :o Oi O Oi rH t>. lO OO CO C<> "* ^ Oi r-J 05 lO 
q.airH CQ-HOICM rH C<lr-I Ol OJCJ 03 









05C^Tj<:00iOOC<lt>.:0G0C0f0-^t>.aìr-IOl0 
C<JrH rHrHCOCa C^r-l C^r-lCarMr-ICOrH 

c5c3csc5cSoSc^CT5c^o3ctìc^c3TOCjC3:tìcics 



r-i co lo eo o rH p-i co S t- Oi lo '^ lO GO o r-^ r-< :d 

^.ICOrH G^rH Car-|G<lfH <Mr-( r-lr-lG<lG<l 

^ 'f-i 'jn f~l 'f-i 'C 'fn '?H '-''?.« ';^ f-^ ' j_< 'r~i '^^ 'fZi *;_( 'fl^ '^ 
c^ (ÌiftcS p^p,pL|P^c^ P(p,c^ PiPhPhPPiPiP 

^ <ti <^ g <j <l <j <i ^ ^ <^ g <: <d << <: <3i <ii <1 



xiHi:000OC0'*(:0'X5rH(MrMt>.5>.00C0^ 
r-(Cvlr-trHG<lrH'^Cslm'*^Cq'- C^r-.'"'c 



>>>,>»>.>,>> rr^^ 

cccoctìajC^C3_iC^ci_i 

^ :3 1:3 -s ns ;3'g r- r3^ 
fH s-i t-i ^ ^ ^ ^ r " 



i-l >-l i-, 5_l )H >-l 



r^ r^ ^ ^ riU r^i ^, 

Cì CD fl3 n-) nt cu ^'•^ ni o:> 



?S c3 ctì aS _i 

^ "^ j!^ fi^ j::; d P 



>>>. 

!3 JS'^ 



CD O 'V'rOilfi': 
Pm pH pU| Ph f=i j 



dCO-^l^COt^OOOiOrHdCOH^lO^^^OOOiO 
t>.t-.l>.b^I>-t^r:^t^OOOO(X)COOOGOOOOOOOOOOi 
OOGOGOOOGOOOOOCCOOOOOOOOOOOOOOOOOOOOOO 



LAITHEAN FEILLE AGUS TRAISG. 

Clar-innse nam Feiltean Neofhogarrach, 
1 Jan. Là-na-bliadhn-ùir. 
6 Jan. La-nan-tri-righ. 

28 June. Traisg air-son Là Pheadair us Phòil. 

29 June. Lh, Pheadair iis Phòil. 

14 Aug. Traisg air-son Là-'eill-Moire. 

15 Aug. Là-'eiU-Moire. 

31 Oct. Traisg air-son Là-Samhna. 

1 Nov. Là-Samhna. 

29 Nov. Traisg air-son Là-'eill-Aindris. 

30 Nov. Là-'eill-Aindris. 

24 Dec. Traisg air-son La-NoUaig. 
25Dec. Là-Nollaig. 



Tha Traisg nan Amanan ri'n cumail air 
Di*ciaduin Di-haoine 's Di-sathurn, 

An dèis a chiad Dònach den Charghus. 

An dèis Di-dònach Caingis. 

An dèis a cheatramh-là-diag de mhios mhiadh- 

onaich an fhaghair. (Sep.) 
An dèis an tritheamh-lk-diag de mhios mhiadh- 
onaich a gheamhraidh. (Dec.) 

Is laithean traisg cuideachdj Di-ciaduin 's Di- 
haoine san Aidbhen. 

Air laithean traisg, 's air a h-uile Di-haoine, 
tha feoil ri seachnadh. 



lUL A GHRIOSTAIDH 
URNAIGHEAN. 



XJrnaigh an Tigliearna, am Beannach- 
adh Moire, a Chreud agus an t-Aideach- 
adh, le suim an Teagaisg-Chriosta. 

Urnaigh an Tighearna, 
Ar n-Athair, a tha air nèamh, gum bu 
naomh a bhios t'ainm ; gun tigeadh do 
rioghachd ; gun dianar do thoil air talamh 
mar thathas ga dianamh air neamh. 
Thoir dhuinn an diugh ar n-aran lathail j 
math dhuinn ar fìachan, mar a mhathas 
sinne do luchd ar fiach : 's na leig ann am 
buaireadh sinn ; ach saor sinn bho 'n olc. 
Amen. 

Am Beannojchadh Moire, 

Fàilt dhut, a Mhoire, tha thu làn de 

na grasan ; tha an Tighearna maille riut ; 

is beannaichte thu measg nam mna ; agus 

is beannaichte toradh do bhronn, losa. 



4 URNAIGHEAN. 

A Naomh. Mhoìre, Mhathair Dhè, guidh 
air ar sonne na peacaich, a nis, agus aig 
i^ir ar bàis. Amen. 

A Chreud. 
Creideam ann an Dia, an t-Athair, 
XJile-chumhachdach, Cruthadair neàmh 
agus talmhainn. Agus ann an losa 
Criost, aon Mhacsan, ar Tighearna ; a 
ghineadh leis an Spiorad ISTaomh ; a 
rugadh le Moire Oigh ; a dh^ f huilig fo 
Phontius Pilat ; a cheusadh ; a f huair 
bàs, sa thiodhlacadh ; a chaidh sios a dh' 
ifrinn ; a dh' èirich an treas latha bho na 
mairbh ; a chaidh suas air neàmh ; a tha 
na shuidhe air deas laimh Dhe an t-Athair 
XJile-chumhachdach ; as a sin thig e 
rithisd, a thoirt breitheanais air bheo 's 
^ir mhairbh. Creideam anns an Spiorad 
Naomh ; an Eaglais naomh Chaitliceach ; 
Co-chomunn nan Naomh ; Mathanas nam 
peacannan, Aiseirigh na coluinn, sa 
bheatha shiorruidh. Amen. 

An t'Aideachadh. 
Tha mi g-aideachadh do Dhia Uile- 
chumhachdach, do naomh Moire bha 
riamh na h-Oigh, do naomh Micheil an 



FAINTEAN. 6 

t-Ard-aingeal, do naomh Eoin Baiste, do 
na naomh ostail Peadar agus Pòl, ^s do 
na naoimli uile, ('s dhuiblis' Athair,) gun 
do pheacaich mi gu trom, lem smaointean, 
lem bhriathran, lem ghriomhan, lem 
choire fhein, lem choire fhein, lem mhor 
choire fhein. Air an aobhar sin, tha mi 
guidhe air naomh Moire bha riamh na 
h-Oigh, air naomh Micheil an t-Ard- 
aingeal, air naomh Eoin Baiste, air na 
naomh ostail Peadar us Pòl, 's air na 
naoimh uile, (^s oirbhs' Athair,) urnaigh a 
dhianamh ris an Tighearna ar Dia air mo 
shon. Amen. 

Tha dhuibhs' Athair, agus oirbhs' 
Athair, rim fagail a mach, ach an àm 
faoisid ; oir tha dhuibhs' Athair a ciall- 
achadh a/r n-athair eisdeachd, 

Sia Fàvìitean na h-Eaglais. 

1. An Aifrionn eisdeachd air Di-dò- 
naich 's làithean feille. 

2. An Carghus a thrasgadh gu gian, 
's làithean àraid eile a chumail bho f heoil. 

3. Faoisid ghlan a dhianamh aon uair 
sa bhliadhna, chuid is lagha. 

4. Corp Chriosta ghlacail aon uair sa 
bhliadhna, 's gu h'àraid an àm na Càsga. 



6 SACRAMAIDEAN IS 

5. DeaoKamh a dhioladh do na pear- 
saclian eaglais. 

6. Gun phosadli le bainis sa Charglius, 
no san Aidbhen, no an taobh stigh den 
cheathramh glùn ginealaich. 

Na seachd Sacramaidean, 

1. Baisteadh Mat. xxviii. 19. 

2. Dol-fo-laimh- 

Easpuig Griomh. viii. 17. 

3. Corp-Chriosta Mat. xxvi. 26. 

4. Faoisid Eoin. xx. 23. 

5. Ola-ro-bhàs Seum. v.- 15. 

6. Ordugh naomh Eoin. xx. 22. 

7. 'S posadh Mat. xix. 6. 

Na ceithir Friamh Shubhailcean. 

1. Gliocas. 2. Ceartas. 3. ISTeart. 4. 
Us Measarrachd. 

Na tri Suhhailcean Diadhaidh. 

1. Creideamh. 2. Dòchas. 3. Agus 
Carrantachd. 

Seachd Tiodhlaicean an Spioraid Naoimh, 

1. Gliocas. 2. Tuigse. 3. Comhairle. 
4. Neart. 5. Eolas. 6. Diadhachd. 7. 
*S eagal an Tighearna. Isaias xi. 2. 



SUBHAILCEAN. 7 

Dà Thomdh dhiag an Spioraid Naoimh, 
1. Carrantaclid. 2. Aoiblineas. 3. 
Sìth. 4. Faighidin. 5. Fad-fhulangas. 
6. Mathas. 7. reileachd. 8. Caoimh- 
neas. 9. Fiiinn. 10. Stuamachd. 11. 
Measarrachd. 12. Gimneachd. Gal. v. 
22. 

Seachd Oibrichean Corporrana Trocaire, 
1. Biadh do 'n acrach. 2. Deoch don 
phàiteach. 3. Aodach don nochd. 4. 
Fardach don deoraidh. 5. Dol a choimh- 
ead air priosanaich. 7. 'S na mairbh 
adhlacadh. 

SeachdOibricheanSpioradail na Trocaire. 
1. Am peacach a chronachadh. 2. 
An t-aineolach a sheoladh. 3. An teag- 
mhach a chomhairleachadh. 4. Misneach 
a thoirt don bhrònach. 5. Gach eucoir 
fhulang le faighidin. 6. Mathanas a 
thoirt san eucoir. 7. Guidh air-son bheo 
agus mharbh. 

Na h-ochd Beannachdan. 
1. Is beannaichte iadsan a tha bochd 
nan spiorad: bhon is leo rioghachd Dhe. 
2. Is beannaichte na daoine ciuin : bhona 



8 SUBHATLCEAN. 

gheobh iad seilbli air an talamh. 3. Is 
beannaiclite luclid a bliròin : bhona gheobh 
iad sòla.s. 4. Is beannaichte an fhea- 
dhainn air a bheil acras iis pathadh a 
cheartais : bhona gheobh iadan riarachadh. 
r^ Is bfìamiaiclìte na dfioine trocaireach : 
bhona gheobh iad trocair. 6. Is beann- 
aichte luchd a chridhe ghlain : bhona 
chi iad Dia. 7. Is beannaichte luchd- 
dhianamh na sìthe : bhona theirear clann 
Dè riu. 8. Is beannaichte an fheadh- 
ainn a dh' fhuiligeas geur-leanmhuinn 
air-son a cheartais : bhon is leo rioghachd 
Dhè. Mat. v. 3. 

An dà Shuhhaìlc anns a hheil suim an 

Lagha 's nam Fàintean, 

1. Bheir thu gaol don Tighearna do 

Dhia le t' uile chridhe, le 't uile anam, le 

t' uile inntinn, 's le t' uile neart. 2. 'S 

dhad choimhearsnach mar dhut fhein. 

Tri luchraichean Fhlathanais. 
1. Urnaigh. 2. Traisg. 3. Us Deirc. 

Tri Chomhairlean an t-SoisgeiI. 
1. Deoin-bhochdainn. 2. Gna-ghim- 
neachd, 3. Lan-umhlachd. 



PEACANNAN. 9 

Na seachd Peacannan hàis, 

1. TJabhar | ^ Irioslachd. 

2. Sannt. p « Fialachd. • 

3. Drùis. S:|, gìmneachd. 

4. Craos. o, »- Measarrachd. 

5. Fearg. & S^ Faighidin. 

6. Fai'mad. g g' Carrantachd. 

7. Agus leisg. g] S^ lasgachd. 

i\^(X 5m Feacannan iìia an agaidh an 
Spioraid Naoimh, 

1. Ao-dochas. 2. Danadas air trocair 
Dhè. 3. Cur an aghaidh na fìi'inn as a 
riochd. 4. Farmad à math spioriadail an 
atharraich. 5. Hag-leanmhuinn ri staid 
a pheacaidh. 6. Neo-aithreachas deirean- 
nach. 

Na ceithir Peacannan tha g-eigheach 
diughaltais hho Fhlathanas, 

1. Murt. 2. Peacadh Shodoim. 3. 
Ainneart air daoine bochda. 4. Agus an 
tuarasdal a chumail bho chosnaich. 

Na naoi Doighean anns am faod sinn a 
hldth coireach am feacadh an atharraich. 

1. Le Ordugh. 2. Le aonta. 3. Le 
comhnadh, 4. Le comhairle. 5. Le 



10 URNAIGH MAIDNE. 

brosgiil. 6. Le impidh. 7. Le dìon. 8. 
Le cleith. 9. Le tosdachd. 

Na ceithir Nichean deireannach. 
L Bàs. 2. Breitheanas. 3. Ifrionn. 
4. Agus riathanas. 



URNAIGH MAIDNE. 

An Ainm an Athar, agus a Mhic, agus 
an Spioraid naoimh. Amen. 

Guir thufhein amjìanuis Dè agus iarr 
a chomhnadh, Ahair a Fhaidir, am 
Beannachadh Moire, a Chreud, àgus an 
t'Aideachadh. 

O Dhia shiorruidh, Uile-chumhachd- 
aich, tha mi creidsinn gu daingean gu 
bheil thu lathair ann a so, gu bheil thu 
daonnan a faicinn mo ghriomhan, agus a 
gabhail beachd air smaointean uaigneacli 
mo chridhe. Is peacach truagh mise 
nach fhiach tighinn ad fhianuis. Tha 
sgàth orm labhairt riut. Ach, O mo 
Dhia, bhon tha thusa uile-mhathasach, 
agus uile-throcaireach ; 's bho nach aill 
leat bàs a pheacaich, ach gun till e riut, 
's gum bi e beo : tha mi cur romham a 
nis cul a chur rim pheacannan, agus a 
bhith dileas gu bràch nad sheirbheis 



URNAIGH MAIDNE. 11 

naoimh. Thighearna, le cuideacliadh 
do ghràs cha dian mi tuilleadh eucoir ort. 
Tha mi ann am meinn do mhathais agus 
do throcair. Tha mi 'n earbsa laidir, tro 
thoillteanas losa Criost, gun eisdthu rium, 
gun neartaich thu mo thoil, agus gum 
faigh mi comhnadh an Spioraid Naoimh, 
gus mo dhleasnas maidne chur an ceill 
anns an doigh a bhios taitneach leatsa, 
agus a choisneas grasan dha m' anam. 

O Athair shiorruidh, a tha lionadh nam 
flathas is airde led ghloir, tha mi gam 
umhlachadh fhein ad lathair, agus a toirt 
aoraidh, molaidh, us cliu dha t'ainm 
naomh air-son nan grasan lionar a 
bhuilich thu orm ; air-son mo chruth- 
achadh air reir t^iomhaigh agus do choltais 
fhein; mo shaoradh le fuil phriseil do 
Mhic ionmhuinn, agus mo naomhachadh 
leis an Spiorad Naomh : agus air-son mo 
thoirt sabhailt as gach cunnart san robh 
mi riamh gu toiseach an latha diugh. O 
mo Dhia, bi maille rium air an latha so, 
agus air gach latha dhem shaoghail. Dian 
mo chomhnadh gii gluasad gu stuama, 
beusach, umhlaidh, faighidneach, carth- 
annach nad lathair naomh air an latha 
so. O mo Dhia, gleidh mi bho gach olc 



12 URNAIGH MAIDNE. 

air an latha'n diugh ; treoraich mo cheu- 
man air slighe na còrach, agus na sìthe; 
neartaich mi gus a h-uile nì dhianamh gu 
leasachadh do ghloìr; lion mo chridhe le 
fuath agus gràin air a pheacadh dheis- 
neach, agus gu h-araid na peacannan is 
mua a chuir m' anam ann an cunnart. O 
Thighearna, tha aithreachas orm air-son 
gach peacaidh a rinn mi riamh; tha mi 
cur romham, le cuideachadh do ghràs, gun 
seachainn mi iad à so suas. O Shlànair 
bheannaichte, gabh truas dhiom ; tha mo 
nadur lag, coirbte, claon a dh' ionnsaidh 
an uilc; tha namhaid m* anma an geall 
air mo mhealladh, mo sgaradh bhod 
ghloir, agus mo sgriosadh gu siorruidh. 
losa, na treig mi as leth na fala priseil a 
thaom bhod lotan cràiteach air fiodh na 
croise. Cuidich mi gu buaidh fhaotainn 
air m' ana-miannan, agus air mo naimh- 
dean spioradail, 's gus a h-uile dleasnas a 
bhuineas dham staid a choimhlionadh ; na 
biom mua 's iomaguineach, no mua 's 
deidheil, air gnothaichean saoghalta a 
dhol leam. Anns gachcrois agus trioblaid 
a thig am rathad, dian striochte mi rid 
thoil naoimh, agus lan-leagte ri stiuradh 
do fhreasdail bheannaichte. Beannaich 



URNAIGH MAIDNE. 13 

mo ghriomhan, rian mo bheachd led 
ghrasan; los gum bi mo bheatha gu h- 
iomlan, agus uile smaointean mo chridhe, 
gud bharrachd gloir, gu feum an athari'- 
aich, 's gu sabhaladh siorruidh dha m' 
anam fhein. Amen. 

Tha mi toirt aoraidh us gloire dhut, O 
Thrionaid bheannaichte, a Dhia XJile- 
chumhachdaich, Athair, a Mhic, agus a 
Spioraid Naoimh. Tha mi gam liubhairt 
f heln dhut, agus a g-achanaich ort gach 
nì tha mi-thaitneach leat a thoirt air falbh 
bhuam, agus bho na creidich uile ; agus 
gach nì a tha freagarrach ad lathair a 
thoirt duinn. Deonaich gun dian sinn do 
thoil air talamh, gus sòlas f hlathanais a 
chosnadh mar dhuais. 

K/iuts*, O Thighearna, tha mi g-earbsa 
m' anma agus mo choluinn (mo theagli- 
laich, mo pharantan, mo hhraithrean^ mo 
pheathraicheanj , mo chairdean, mo dhìs- 
lean, mo luchd-eolais, agus gach aon air- 
son a bheil e mar fhiachan orm guidh. 
O Thighearna stiuir led ghliocas, agus dion 
led chumhachd, an Eaglais naomh Chait- 
liceach, ar righ dligheach, agus an riogh- 
achd so. O Thighearna, deonaich gum 
faigh an cinne-daonda gu leir eolas ort ; 



14 URNAmH MAIDNE. 

agus gun toir gach neach onair, iiiTam us 
gaol dhut. Thoir an sluagh a tha air 
seachran gu slighe na firinn ; thoir solus 
do chreidimh ghras oir dhaibhsa th' ann an 
dorchadas, an aineolas, no 'n eiriceachd. 
O Thighearna, thoir cobhair us furtachd 
dha gach aon tha an trioblaid, an teinn, 
no 'm buaireadh ; fuasgail air gach aon a 
tha 'n trioblaid thaobh anma no cuirp. 
Bithemid gu leir fod dhidean naoimh. 
Thoir mathanas do na Criostaidhean tha 
an talamh nam beo, agus fois shiorruidh 
do na creidich a dh' f hag a bheathasa. 
Amen. 

Urnaigh do ^n Aingeal Ghomhaideach. 

Aingil Dè, a fhuair mar chùram bho 
Athair na trocair buachailleachd naomh 
a dhianamh ormsa air an latha an diugh, 
gleidh mi bho gach cunnart ; stiuir mo 
thriall air slighe na còrach ; dian iul 
dhomh nis, agus dion m' anam aig uair mo 
bhàis. Amen. 

Am Beannachadh. 

Sìth an Tighearn losa Criosta, toradh 
fhulangais naoimh, dion nan Aingeal, 
eadar-ghuidh na h-Oighe beannaichte 



URNAIGIt MAIDNÈ. l5 

Moii'e, nan Naomhj 's nan daoine taghte 
air fad, gim robli maille ruinn. Amen. 

Fàilt cm AingiL 

Labhair an t-Aingeal ri Moire: agus 
ghin ise leis an Spiorad Naomh. Failt 
dhut, &c. 

Seall bean-mhuinntir an Tighearna : 
biodh e diante dhomh a reir t' fhacail. 
Fàilt dhut, &c. 

Ghabh am Faoal nadur daonda : 's rinn 
e comhnuidh nar measg. Fàilt dhut, &c. 

Guidhemid. 
A Thighearna, doirt do ghrasan nar 
cridheachan, air chor 's mar f huair sinn 
fiosrachadh le teachdaireachd aingil, air 
do Mhac losa Criost a ghabhail naduir 
daonda, gun ruig sinn, as leth a phàis, 
agus a cheusaidh, air gloir na h-aiseir- 
igh : tro losa Criost ar Tighearna. 
Amen. 

Griomhan Greidimh, Dochais, agus Graidh, 
(fec. a dKfhaodar a chur ris an Urnaigh 
mhaidne, 

Urnaigh. 
O Dhia shiorruidh Uile-chumhachdaich, 
thoir dhiiinn lea^achadh creidimh, dociiais, 



16 URNAIGH MAIDNE. 

agus graidh; agus, gus an toill sinn 
greim fhaotainn air na nichean tha thu 
gealltainn duinn, tlioir dhuinn gaol air na 
nichean tha thu g-àithneadh oirnn as leth 
losa Criost, ar Tighearna. Amen. 

Griomh Gr&idimh, 
Tha mi creidsinn gu daingean gu bheil 
aon Dia ann; agus gu bheil anns an aon 
Dia so, tri pearsachan, an t-Athair, agus 
am Mac, agus an Spiorad ISTaondi. Guna 
ghabh am Mac nadur daonda air giùlan 
na h-Oighe Moire le cumhachd an Spioraid 
Naoimh ; gun d' f huilig e pàis agus bàs 
air ar son anns an nadur dhaonda sin ; gun 
d'^ eirich e rithisd bhon bhàs j gun deach e 
suas air nèamh ; 's gun tig e à sin a rithisd 
a thoirt gloire siorruidh do na daoine 
diadhaidh, agus pein siorruidh do na 
daoine mi-dhiadhaidh. Thuilleadh air sin, 
tha mi creidsinn gach aon nì tha 'n Eagiais 
naomhChaitliceachacur mum choimieamh 
a chreidsinn : a chionn 's gur e Dia na 
firinn nach urrainn ipiealladh, no bhith aix 
a mhealladh, a shoillsich gach fìrinn di. 

Griomh Dòchais. 
O mo Dhia, chionn's gu bheil thu uile- 
chumhachdach, uile-throcaireach, agus 



URNAIGH MAIDNE. 17 

uile-mliathasach, agiis ro-fhirinneach nad 
gheallaclh, tha mi 'n earbsa gnn toir thn 
mathauas domh nam pheacannan as leth 
toillteanais do M.hic losa Criost j agus 
gun cuidich thu mi led glirasan gu griomh- 
an niath a dhianamh, leis an coisiim mi a 
bheatha mhaireannach a tha thu gealtainn 
duinn anns na flathas. 

Girìomh Graidh, 
mo Dhia, bhona tha thu uile-mhath 
unnad fhein agus uile-mhathasach dhomh- 
sa, tha mi toirt gaoil dut thar gach nì, le 
m' uile chridhe, le m' uile anam, le m' uile 
inntinn, agus le m' uile neart ; agus aii^- 
son do ghaoilse tha mi deonach dealachadh 
ris a h-uile nì a roghainn air thiis a chall 
leis a pheacadh. 

Griomh Carrantachd. 

O mo Dhia, a tha cho gaolach air a 
chinne-daonda, chionn guna chruthaich thu 
mo choimhearsnach ri t' iomhaigh fhein, 
gu bheil gaol agads air, agus gun deach a 
cheannach le fuil losa Criosta ; si mothoil 
gaol a thoirt dham choimhearsnach mar 
dhomh fhein, air reir ordugh naomli do 
lagha. Bhom chridhe tha mi toirt math- 

2a 



18 URNAIGH OIDHCHE. 

anais don h-uile h-aon a chuir corruich 
riamh orm ; agus mar a tha mo dhùil fein 
ri mathanas, si m' achanaich gun ruigeadh 
gach duine air grasan, trocair, agus sa- 
bhaladh siorruidh. 

Griomh Aithreachais. 
O mo Dhia, dha bheil mi toirt gaoil os 
cionn gach nì, is duilich leam bho ghrund 
mo chridhe guna chuir mi miothlachd 
riamh ort lem pheacannan ; agus le comh- 
nadh do ghras tha mi cur romham a so 
suas, gun seachainn mi gu ro-churamach 
h-uile peacadh, agus h-uile ceann-aobhair 
peacaidh. 



URNAIGH OIDHCHE. 

Guir thu fhein am fianuis Be^ agus 
iarr a chomhnadh. 

An ainm an Athar, agus a Mhic, agus 
an Spioraid Naoimh. Amen. 

Beannaichtegun robhanTrionad naomh 
neo-dhealaichte, a nis agus gu siorruidh. 
Amen. 

A Spioraid Naoimh, thig agus lion 
cridheachan do chreideach, agus las unnta 
teine caomh do ghaoil. 

Abmr a Phaidir, am Beannachadh 



URNAIGH OIDHCHE. 19 

Moire agus a Chreud; agus thoir taing do 
Dhia air-son gach tiodhlaic a hhuilich e 
ort, gu h-araid air an latha an diugh. 

O mo Dhia, tha mi creidsinn gu bheil 
thu lathair ann a so, agus a leirsinn mo 
smaointean,mo bhriathran, agus modhian- 
adas. Tha curam mor agad dhiom; tha 
do ghaol domh thar tomhas ; daonnan tha 
thu buileachadh ghrasan mora lionar orm, 
agus gam ghleidheadh bho olc : shaor thu 
mi le fulangas doruinneach, 's le bàs mas- 
lach do Mhic losa Criosta. Is tric a rinn 
mi eucoir ort, is tric a bha mo pheacannan 
graineil toillteanach air bàs obann agus 
pian shiorruidh. Ach, ò mo Dhia phriseil, 
thug thu fathamas domh, agus nad mhor 
throcair thug thu cuideachd uine agus 
comas an aithreachais domh, ged nach b* 
airidh air mi. O moladh, cliu, onair agus 
gloir gun robh dhuts', a Dhia uile-bheann- 
aichte, air-son nan grasan lionar a bhuilich 
thu orm, agus gu sonraichte air an latlia 
an diugh. O Naoimh us Ainglean fhlath- 
anais, thugaibh taing us moladh do Dhia 
air-son a mhathais agus a throcaire 
dhomhsa. 

An 80 guidh air Dia fmcammn an 
latha an diugh a chur an cuimhne dh/ut, 



20 URNAIGH OIDHCHE. 

dgus aithreachas trom a thoirt dut air an 
son, agus ahair: — 

Athair na soillse, a thuirt : " Biodh 
salus ann, agus hha solus. ann^^ fuadaich 
le solus do gliras dorchadas m' aineolais, 
a tlia cumail graineileachd a pheacaidli am 
falach orm ; soilleirich dhomh gach doigh 
air na thoiU mi do dhiumb air na latha 
an diugh, le smaointean, briathran, dian- 
adas no dearmad. Thoir domh cridhe 
iriosal brònach air-son mo chiontan, agus 
rùn laidir an seachnadh à so suas. 

Rannsaich a nis do chogais, scall air do 
ghiàlan rè an latha. Co a chuideachda 
anns an rohh thu ì Mar an ciadna, coimh- 
ead air na peacannan anns na thuit 
thu, agus a rinn thu an aghaidh Dhè, an 
aghaidh do choimhearsnaich, agus ad 
aghaidh fhein. Agus heachdaich ciamar 
a choimhlion thu gach dleasnas a tha do 
staid a g-iarraidh ort. 

An aghaidh Dhè. 

An robh dearmad sa bith air dleasnas 
t' anma^? An robh diochuimhne air 't 
urnaigh, cion suim no cion durachd innte ì 
Na chuir thu an aghaidh grasan Dè ? An 
tug thu ainm an diamhanas? An robh 



URNAIOH OIDHCHS. 21 

thu lag-dhòchasach, neo-leagte ri toil Dè, 
mi-f haighidneach ì 

An aghaidh do Choimhearsnaich. 
An robh thu ciontach, am breith obainn, 
fuath, eud, farmad, tàir, rùn diughaltais, 
comhstri, droch-cainnt, cul-chaineadh, 
trod, anaceart, dolaidh air a chuid no 
chliu'? Ciontach an aimhreit, droch- 
shamhla, as-umhlachdl No 'n robh thu 
mi-dhileas, mi-charthanach, cealgach? 

Ad aghaidh fhein. 
A gabhail tlachd asad fhein, eisimeal- 
ach ri daoine, coireach an smaointean 
faoin no peacach; a cumail rùin eucoraich 
no neo-bheusaich ; ri briathran gorach no 
sgainnealach'? An robh thu coireach am 
mi-ghimneachd ad chridhe, ad fhacal no 
ad dhianadas ; am mi-stuamachd, leisg 
110 dearmad aii- dleasnas air bitli? 

An so ahoÀr an ^-Aideachadh, 
UrnaÀgh. 
O moDhia, tha mibrònachbhoghrunnd 
mo chridhe air-son nam peacannan so, 
agus gach peacaidh a rinn mi riamh. Tha 
mi cur romham le comhnadh do ghras gun 
seachainn mi iad a so suas. O Athair 



22 URNAIGH OIDHCHE. 

shiorruidh gabh truas dhiom, air sgàth 
fulangas Chriosta thoir mathanas domh. 
M^ aimideachd agus mo ghoraich bithidh 
mi caoidh gu bràch. Och mo dhòruinn ! 
chuir mi cul ri mo Dhia ; chaill mi mo 
chòir air flathanas : chuir m' ana-miannan 
mi an cunnart mo thilgeadh ann an las- 
raichean iutharna. Air-son toileachaidh 
gearr truaillidh dha mo choluinn ghranda, 
rinn mi am peacadh deisneach gàbhaidh. 
O Dhia, dian trocair orm a reir do mhor 
throcaire : thoir mathanas domh 's dian 
reite rium : oir cha n-aill leat bàs a pheac- 
aich, aoh gun till e 's gum bi e beo. Tha 
mis a tilleadh riut, a Thigheama, na leig 
mi air seachran tuille. Bithidh m' aith- 
reachas cho trom 's gum bi aoibhneas air 
cùirt fhlathanais as mo leth. Shlànair, 
glan m' anam led f huil phriseil, 's bithidh 
mi nas gile na sneachd. Air cridhe iriosal 
agus brùite, a Thighearna, cha dian thu 
tàir. Thighearn a chruthaich à neoni mi, 
is f hada a bha mi gun eolas ort. O Dhia 
nam feart, gun aireamh, gun tomhas, gur 
fada bha mise gun ghaol a thoirt dut. A 
Tighearna, cruthaioh cridhe glan am chom, 
agus fadaidh ann teine dìan do ghraidh; 
lion e le fuath agus gràin^air a pheacadhj 



URNAIGH OIDHCHE. 23 

so an aon nì a tha mi g-achanaich ort à 
uchd fulangas agus pàis Chriosta. Kim 
bheo tuiUe na leig dhomh tuiteam ann am 
peacadh a tha toiUtinn iutharna. 

Ann a so dicm do sìàth ri Dia, agus 
cuir thu jhein san staid anns am hu 
mJUann leat a hhith aig uair do hhàis ; 
agus ahair an urnaigh so. 

O mo Dhia, tha mi coimhead air a bhàs 
mar chìs umhlachd a th' agam ri dhiol 
dhad mhorachd dhiadhaidh, agus mar 
pheanas a tha mo pheacannan a toilltinn. 
Tha mi tairgse dòruinn us anradh mo 
bhàis dut maiUe ri pàis agus bàs mo 
Shlànair losa Oriosta: gabh, òThigheama 
m' fhulangas deireannach an èirig mo 
pheacannan. O deonaich dhomh bhith 
an staid nan gras aig an uair ghàbhaidh 
sin. Teasraig mi, ò losa, a nis agus gu 
siorruidh bho chumhachdan an dorchadais. 

Tha mi gam liubhairt fhein eadar chol- 
unn agus anam do Dhia an t-Athair a 
chruthaich mi, do losa Criost mo Shlàn- 
air a cheannaich mi le f huil phriseil, agus 
do^n Spioraid Naomh a ghlan mi aig tobar 
a Bhaistidh. 

A Thighearn losa Criosta, gabh curam 
dhe m* anam : Aingil naoimh a tha mar 



24 LEADAN lOSA. 

gLeard orm blio Athair na soillse, bi mar 
flireiceadaii orm air aii oidhche nochd 
agus aig uair mo bhàis. Amen. 

A Thighearna, gal_>h comhnuidh nar 
measg : fuadaich bhuainn ar namhaid 
spioradail. Biodh eadar-ghuidhe ISTaomh 
Mhoire, nan aingeal, agus nan naomh air 
fad gar gieidheadh ann an sìth. Gun 
robh fois aiganmannammarbh chreideach. 
tro losa Chriost ar Tighearna, Amen. 

Abair ait so "ìta Griomhan Creidimh, 
Doclìais, &c. mar sa mha.duinn, agus cuir 
crioch air an urnaigh le Fàilt an Aingil. 

Faodar na Leadanan a leanas a radh 
much no anamuch^ air reir iXine agus 
crabhaidh gach aon ; faodaidh ceann- 
teaghlaiclb an gahhail le freagradh ; no 
aon neach afreagairt air a shon fhein. 



LEADAN lOSA. 

A Thighearna, dian trocair oirnn. 
A Chriosta, dian trocair oirnn. 
A Thighearna, dian trocair oii'nn. 
A Chriost, eisd ruinn. 
A Chriosta, gu grasor eisd ruinn. 
A Dhia Athair fhh^thanais. Dian tro- 
cair oirnn. 



LEADAN lOSA. 25 

A Mliic Dliè, a Shlànair an t-saoghail. 
A Spioraicl Naoimh. 
A Tlirionaid naomh aon Dia. 
los, a Mhic an De bheo, 
los, a Sholiiis an Athar, 
los, a DheaiTsa an t-Soluis shiorruidh, 
los, a High na Glòrach, 
losa, Ghrian a Cheartais, 
los, a Mhic na h-Oighe Moire, ^- 

losa, dha bheil ainm miarailteach ri g 
luaidh, *S 

los, a Dhè chumhachdaich, •§ 

los, Athair an t-saoghail tha ri tighinn, § 
los, Aingil na comhairle is airde, è 

losa, ro-chumhachdaich, ^ 

losa, ro fhaighidnich, ^ 

losa, ro-umhlaidh, 
los, a tha ciuin us iriosal an cridhe, 
losa, leis an toil gimneachd, 
losa, leis an toil sinne, 
los, a Dhè na sìthe, 
los, Ughdair na beatha, 
los, a Sgàthain nan subhailcean, 
losa, ro-eudmhoir mu anman, 
los, ar Dia, 

los, Athair nam bochd, 
los, iuntais nan creideach, 
los, a dheagh Bhuachaille^ 



26 LEADAN lOSA. 

los, a Sholuis fhirinnich, ^ 

los, a Ghliocais shiorruidh, g 

los, a Mhathais gun aireamh, 'o 
los, an t-Slighe, an Fhirinn, agus a.|s 

Bheatha, g 

los, a Shòlais nan Aingeal, ^ 

los, a Righ nan aithriche naomh, g 

los, a Sholuis nam f àidhean, g 
los, a Mhaighstir nan ostal, 
losa, Fhir-teagaisg nan soisgeulach, 
los, a Spionnaidh nam mairtirean, 
los, a Sholuis nan aidmheileach, 
los, a Luaidh nan oighean, 
los, a Chriìm nan naomh uile. 
Bi trocaireach ruinn. Dian fathcmas 

Tuinn 6 Thigheam losa. e 

Bi trocaireach ruinn. Eisd ruinn, 6 ^ 

Thighmm losa. ^ 

Bhon h-uile olc, | 
Bhon h-uile peacadh, 

Bho t' f heirg, i:!" 

Bho mhealltaireachd an droch spior- ^ 

aid, 

Bho Spiorad na neo-ghlaine, i 

Bho bhàs siorruidh, •* 

As leth rùn-diomhair do dhaondachd o 

beannaichte, ^ 
As leth do bhreith 



^ 



LEADAN lOSA. 27 

As leth do naoidheanachd bean- ^ 

naichte, ^ 

As leth do chaithe-beatha diadhaidh, ^ 
As leth do shaothair agus do thriall, ^ 
As leth do spairn agus t'f halluis f hala, b§ 
As leth do chroise us do phàis, ^ 

As leth do phèin agus do dhòruinn, Si 
As leth do bhàis agus t' adhlacaidh, "^^ 
As leth t' aiseirigh glormhoir, | 

As leth do dheasghabhail mhiarailtich, 'g 
As leth t' aoibhneis us do ghloir, ^ 

Air latha a bhreitheanais, c§ 

XJain Dè tha toirt air falbh peacaidh an 

i-ssiOgheiìlyDian/athcmiasruinnjòThighr 

ea/m losa. 
Uain Dè tha toirt air falbh peacaidh an 

t-saoghail, EisdruÌ7in, 6 Thighearn losa, 
Uain D6 tha toirt air falbh peapaidh an 

t-saoghail, Dian t^^ocair oinm, ò Thigh- 

ea/ni losa, 
losa Ckriost, eisd ruinn. losa Chriosta, 

gu trocaireach eisd ruinn. 

Dianamaid urnaigh. 

A Thighearn losa Chriost, a thuirt: 
larraibh agus bheirear dhuibh ; siribh, 
agus gheobh sibh ] buailibh, agus fosglar 
dhuibh ; thoir do dh* umhlachd ar n- 



28 LEADAN MHOIRE. 

achanaich, tlia sinn a guidh ort, gi-asan 
diadhaidh do ghaoil, ann an rathad 's gum 
bi sinn a toirt graidh dhut an cònuidh ler 
n-uile cridhe, agu^ a mohi.dh sa g-ardach- 
adh t' ainm gun lasachadh. 

O Shlànair dhiadhaidh, cuir us cum 
fìamh, us gaol t' ainm naoimh nar cridh- 
eachan ; oir tha thu an cònuidh a seoladh 
agTis a stiuradh led ghrasan na feadhnach 
dha bheil thu toirt faghluim bhunailtich 
air do ghradh, a Dhia, a tha ann am beatha 
sa riagladh bho shaoghal gu saoghal. 

O Dhia, a dh' ordaich t' aona-ghin Mhic 
na Shlànair do chlann-daoine, 'sa dh' iarr 
los a thoirt mar ainm air^ thoir duinn nad 
throcair gum meal sinn a shealladh .^lor- 
mhorsa ann am flathanas, dha bheil sinn a 
toirt aoraidh air talamh : a tha maille riuts 
agns an Spiorad Naomh, na Dhia, ann am 
beatha 'sa rian, fad shaoghal nan saoghal. 
Amen. 



LEADAN MHOIEE. 

Tha sinn a ruith fod dhion, a naomh 
Mhoire mhathar Dhè, na diult eisdeachd 
rir n-achanaich an àm an f heuma. ò Oigh 
ghlormhor bheannaichte. 



LEADAN MHOIRE. 29 

A Thighearna, dian trocair oirnn. A 
Chriosta, dian trocair oirnn. A Thigh- 
earna, dian trocair oiiiin. 

A Chriost, eisd ruinn. A Chriosta, gii 
grasor eisd riiinn. 

A Dhia Athair nam fiathas, Dùm 
trocair oirmi. 

A Dhia Mhic, Fhir-saoraidh an t-saogh- 
ail, Dian trocair oirnn. 

A Dhia Spioraid Naoimh, Dicm trocair 
oirnn. 

A Thrionaid Naomh aon Dhia, Dian 
trocair oirnn. 

A ISraomh Mhoire, Guidli air o/ì^ son. 

A Mhathair naomh Dhè, 

Oigh naomh nan oighean, 

A Mhathair Chriosta, 

A Mhathair nan grasan diadhaidh, s^* 

A Mhathair ro-2fhlan, '^ 

A Mhathair ro-ghimnidh, § 

A Mhathair gun truailleadh, -1 

A Mhathair gun smal, ^ 

A Mhathair ro-ghradhach, ?§ 

A Mhathair ro-iongatach, ^ 

A Mhathair ar Cruthadair, 

A Mhathair ar Slànair, 

Oigh ro-ghlic, 

Oigh rq-mheasail, 



30 LEADAN MHOIRK. 

Oigh ro-chliuiteach, 

Oigh ro-chumhachdach, 

Oigh ro-throcaireach, 

Oigh ro- dhileas, 

A Sgàthain a cheartais, 

Arois a ghliocais, 

A Chìnn-aobhair ar sòlais, 

A Shaghaich Spioradail, 

A Shaghaich urramaich, 

A Shaghaich ro-chrabhach, 

A Hòis dhiomhair, 

AThùirDhài, I 

A Thùir na maise, ^ 

A Ghrianain òir, ^^ 

Airc a chumhnant, '§ 

A Dhoruis f hlathanais, ?§ 

A Keul na maidne, 'Ì 

A Dhidean nam peacach, ^ 

A Chobhair nan deoiridh, 

A Thaic nan Criostaidhean, 

A Bhànrinn nan aingeaj, 

A Bhànrinn nan athriche naomh, 

A Bhànrinn nam fàidhean, 

A Bhànrinn nan ostal, 

A Bhànrinn nam mairtirean, 

A Bhànrinn nan aidmheileach, 

A Bhànrinn nan oighean, 

A Bhànrinn nan naomh uile, 



LEADAN MHOIRE. 31 

Uain Dè, tha toirt air falbh peacannan 
an trsaoghail, Dian fathamas Tuinn, ò 
Thighearna. 

IJain Dè, tha toirt air falbh peacannan 
an t-saoghail, Dimi trocair oirnn. 

A Chroist, eisd ruinn. 

A Thighearna, dian trocair oirnn 

A Chriosta, dian trocair oii^nn. 

Ar n-Athair a ta air nèamh, <fec. 
fes iosal.) 

Tha sinn a ruith fod sgèith, a Mhathair 
bheannaichte Dhè, na diult ar n-iarratas 
an àm an f heuma, ach saor sinn bho gach 
cunnart, Oigh ghlormhor agus bheann- 
aichte. 

V. Guidh air ar son, a Mhathair Bheann- 
aichte a ghineadh gun pheacadh. 

K. Los gun toill sinn gealladh Chriosta. 
Dia/ìfiamaid urnoÀgh, 

Doirt, a Thighearna, tha sinn a guidh 
ort, do ghrasan nar cridheachan, air chor 
's gum faod sinne, a f huair fios air daond- 
achd do Mhic losa Criosta le teachdair- 
eachd aingil, ruigheachd, as leth a phàis 
agus a chroise, air gloir aiseirigh; tro 
losa Criost ar Thighearna. Amen. 

Comhnadh Dhè gun robh daonnan 
maille ruinn. Amen. 



32 LEADAN NAN NOAMH. 

Fois gun robli aig anman nam marbh 
chreideacli tro iochd Dhè. Amen. 



LEADAISr NAN NAOMH. 

A Thighearna, dian trocair oirnn. A 

Chriosta, dian trocair oirnn. A Thigh- 

earna, dian trocair oirnn. A Chriost, 

eisd ruinn. 

A Dhia, Athair nam flathas, Dian tro- 

cair oirnn. 

A Mhic, Fhir-saoraidh an t-saoghail, 

Dian trocair cirnn. 

A Spioraid Naoimh, Dian trccair oirnn. 
A Thrionaid Naomh, aon Dia, Dian 

trocair oirnn. 

A Naomh Mhoire, Guidh air ar son. à 
A Mhathair naomh Dhè, ^o 

Oigh naomh nan oighean, § 

K Mhichel, .|s 

N. Ghabriel, ^ 

N. Eaphael, rg 

Ainglean naomha us A rd-ainghlean [§ 

uile, Guidihh, &c. g^ 

Gach Ordugh dhe na Spioraid o 

bheannaichte, ^ 

N. Eoin-Bhaiste, rg 

N. Joseph, Qj 



LEADAN NAN NAOMH. 33 



Aitlirichean us Fhàidhean naomh 


uile, 


N. Pheadair, 




K Phòil, 




N. Aindris, 




ISr. Sheumais, 


g 


3sr. Eoin, 


§ 


N. Thomais, 


1 


N. Sheumais, 


^l 


N. Philip, 




N. Bhartholome, 




N. Mhathu, 


r§ 


N. Shimoin, 


'§ 

^ 


N. Thadè, 




N. Mhathìas, 


^ 


N. Barnabais, 


r§ 


N. Luc, 


^ 


N. Mharc, 




Ostala agus a Shoisgeulaich naomh uile, 


Uile Dheisciobuil naomh an Tigh 


earna. 


Naoidheana naomh uile, 




N. Stephain, 




N. Labhruin, 




N. Bhincent, 




NN. Fhabian us Shebastian, 




NN. Eoin us Phoil, 




NN. Chosmain us Dhamian, 




NN. Gherbhàsi us Phrotàsi, 




Mhairtirean naomh uile, 






B 



34 LEADAN NAN NAOMH. 

N. SMlbliester, 
N. Ghregori, 
N. Ambrois, 
N. Uistein, 
N. lerom, 

N. Mhairtein, ^ 

N. Neacail, § 

Easpuigean us Aidmheilich naomh uile* | 
Ollamha naomh uile, ^ 

N. Antoni, ^ 

N. Bhenedic, ."§ 



N. Bhernaird, 



•o 



N. Fhranse, g^ 

Shagairteanus Lebhitich naomh uile, o 

Mhanaich us Aonaranaich naomh^ 
uìle, ^ 

K Mhoire Mhagdaien, c^ 

N. Agatha, 

N. Luci, 

N". Agnes, 

N. Hesali, 

N. Chatriona, 

N. Anastasia, 

N. Bhride, 

Oighean sa Bhantraichean naomh uile, 
Gnidhihh air ar son, 

A Naoimh sa Bhan-naoimh uile, Dian- 
aibh eadar-ghuidh^ air ar son^ 



LEADAN NAN NAOMH. 35 

Bi trocaireach ruinn, Dian fathamas 

ruinn, 6 Thighearna, 

Bi trocaireacli, Eisd ruinn^ ò Thigh- 

earna, 

Bhon li-tdle olc, 

Bhon h-uile peacadh, 

Bho t' f heirg, 

Bho bhàs obann us mi-uidheamaichte, 

Bho mhealltaireachd an droch spior- d 

aid, ^ 

Bho dhealanach 's bho stoirm, ^ 

Bho spioraid na drùise, -S* 

Bho bhàs siorruidh, ^ 

As leth diomhaireachd do dhaond- ^o 

achd, §" 

As leth do thighinn, "g 

As leth do bhreith, ^ 

As leth do bhaistidh 's do thraisge ^ 

naoimh, 

As leth do chrois agus do phàis, 
As leth do bhàis agus do thiodh- 

lacaidh, 

As leth t' aiseirigh naoimh, 

As leth do dheasghabhail mhiarailt- 

ich, 

As leth tighinn an Spioraid Naoimh 

an Cofhurtair. 

Air latha a bhreitheanaìs, 



36 LEADAN NAN NAOMH. 

Sinne na peacaich, DeoTiaich eisdeachd 
ruinn, 

Gun tugadh tu fathamas duinn, 

Gun tagadh tu mathanas duinn, 

Gun tugadh tu gu fior aithreachas 
sinn, 

Gum Vi do thoil t' Eaglais naomh 
a stiuradh sa dhion, 

Gum Vi do thoil Ceannard na h- § 
Eaglais sa chuid eile dhen Chleir a ^g 
chumail rin dleasnas, S 

Gum Vi do thoil naimhdean na h- |!| 
Eaglais a smachdachadh, § 

Gum b'i do thoil sìth agus fior '^ 
chordadh a chur eadar prionnsachan *q> 
Criostail, ^ 

Gum b'i do thoil sìth agus aont- § 
achd a chur am measg h-uile pobuill § 
Chriostail, ^ 

Gum Vi do thoil sinne f hein a neart- 
achadh sa steidheachadh ann ad sheir- 
bheis naoimh f hein, 

Gum b'i do thoil ar cridhe thogail gu 
smoaintean diadhaidh, 

Gum b'i do thoil ar n-anam fhein us 
anman ar braithrean, ar dàimhich, 's ar 
luchd-mathais a thiarnadh bho dhìteadh 
siorruidh* 



LEADAN NAN NAOMH. 37 

Gum b^i do thoil f às agus cinneachadh a 
thoirt do phòr an talmhainn, 

Gum b^i do thoil fois shiorruidh a thoirt 
do dh' anman nam marbh chreideach uile. 

Guai b'i do thoil cluas a thoirt dhar 
n-achanaich, 

AMhic Dhè. Beonaich eisneachd ruinn, 

Uain Dè, a tha toirt air falbh peacan- 
nan an t-saoghail, Thoir fathamas duinn, 

XJain Dè, a tha toirt air falbh peacan- 
nanant-saoghail, Eisdruinn, ò Thighearna. 

Uain Dè, a tha toirt air falbh peacan- 
nan an t-saoghail, Dian trocair oirnn, 

A Chriost, eisd ruinn. A Chriost, eisd 
gu trocaireach ruinn. A Thighearna, 
dian trocair oirnn. A Chriosta, dian troc- 
air oirnn. A Thighearna, dian trocair 
oirnn. Ar n-Athair a tha air nèamh, &c. 
(le guth iosalj 

V. Na leig ann am buaireadh sinn. R. 
Ach saor sinn bho 'n olc. Amen. 

LXIX. SALM. 

A Dhia, thig gum chomhnadh : A 
Thighearna, greas gum chuideachadh. 

ladsan biodh air na nàireachadh 's 
air am maslachadh a tha sireadh cur as 
dha m' anam. 



38 leàdàK nàn noamh. 

Air an tiUeadli air an ais agus air am 
maslachadh, gun robh iadsan a tha g-iar- 
raidh uilc dhomh. 

Air an grad thionndadh air an ais gu 
naireach, gun robh iadsan a their rium : 
Ro-mhath, ro-mhath. 

Lan shòlas us aighir unnadsa gun robh 
acasan uile tha 'n geall ort ; 's gum b'e sior- 
ghuth luchd-dèidh air t' Fhear-saoraidh : 
Gum bu ghlormhor a bhios a Thighearna. 

Ach is duine eiginneach bochd mise : 
a Dhia, dian mo chomhnadh. 

Mo chul-taic 's m' f hear-fuasglaidh gar 
tusa fein : a Thighearna na dian moiUe. 

Grloir do 'n Athair, 's don Mhac, 's don 
Spiorad Naomh ; Mar bha, 's mar tha, 
's mar bhitheas fad shaoghal nan saoghal. 

V. Sabhail do sheirbhisich. K. Tha 
cur an dòchais unnad, mo Dhia. 

V. Nad dhaingneach laidir bi dhuinn, 
a Thighearna. E/. Bho aodann an na- 
mhaid. 

Y. Ka dianadh an namhaid beud oirnn. 
R. Us mac an uilc na dianadh ar dolaidh. 

Y. A Thighearna, na buin ruinn a reir 
ar peacannan. R. 'S na biodh do dhiugh- 
altas mar ar toiUteanas. 

V. Guidhemid air'Son ar n-Ard-easpuig 



LEADAN NAN NAOMH. 39 

I N. 'R. Giin gleidheadh an Tighearna e, 
ì gun neartaicheadh e e, gim tugadh e dea- 
shoirbheas dha air thalamh, agus na leig- 
eadh e gu miorun a namhaid e. 

V. Guidhemid air-son ar luchd-mathais. 
R. Deonaich, a Thighearn, as leth t'ainm 
fhein, a bheatha shiorruidh thoirt dhar 
luchd-mathais gu leir. 

Y. Guidhemid air-son anman nam 
marbh chreideach. R. Fois shiorruidh 
thoir dhaibh, a Thighearna; agus solus 
nach dibir dearrsadh orra. 

N. Gun robh am fois ann an sìth. R. 
Amen. 

Y, Guidhemid air-son nam braithrean 
nach eil san lathair. K. Sabhail, mo 
Dhia, do sheirbhisich, a tha cur an dòch- 
ais unnad. 

Y. Thoir cobhair dhaibh, ò Thighearn, 
bho t' ionad naomh. R. Agus bho Shion 
dion iad. 

Y. A Thighearn, eisd ri m'umaigh. 
E. 'S ad ionnsaidh thigeadh mo ghuth. 

Y. Gun robh an Tighearna maiUe ribh, 
B. Agus rid spioradsa. 

Dianamaid urnaigh. 
A Thighearna dha n-abhaist a bhith 



40 LEADAN NAN NAOMH. 

trocaireach agus fathamasach, eisd rir n- 
achanaich, air sheol 's gum bi sinne, agus 
do sheirbhisich uile a tha 'n sas an lion a 
pheacaidh air ar fuasgladhle morchaoimh- 
neas do throcaire. 

Eisd, a Thighearna, tha sinn a guidh 
ort, ri urnaigh do luchd-achanaich, us 
thoir mathanas dhaibhse tha g-aideach 
am peacannan, los gum faigh sinn bhod 
chaoimhneas mar-aon fuasgladh agus sìth. 

Fiach dhuinn, a Thighearna, cho mor 
sa tha do throcair, ler fuasgladh bhor n- 
uile chiontan, us ler saoradh bho na pian- 
tan a tha sinn a toilltinn air an son. 

A Dhia, a tha faighinn tàir bhon 
pheacadh, agus dioladh bho'n aithreachas, 
eisd gu baigheil ri achanaich do phobuill 
agus tionndaidh bhuainn fraoch do chor- 
ruich, a tha ar peacannan a toilltinn. 

A Dhia shiorruidh uile-chumhachdaich, 
dian trocair air do sheirbheiseach N. ar 
n-Ard-easpuig, agus stiuir e, air reir do 
mhor chaoimhneis, air rathad na beatha 
siorruidh, air chor 's gun iarr e led ghrasan 
gu beartan matha, 's gun cuir e an griomh 
iad le 'uile neart. 

A Dhia bhon tig dea-thogradh, comh- 
airle cheart agus griomh dleasnach, thoir 



LEADAN NAN NOAMH. 41 

dhad sheirbhisich an t-sìth sin, nach 
urrainn an saoghal a thoirt seachad ; air 
chor 's gum bi na tìmean, le geilleadh ar 
cridhe dhad f hàintean, agus le saorsainn 
bho eagal naimhdean, socrach fo rian do 
fhreasdail. 

Las, a Thighearna, teine do Spioraid 
Naoimh nar cridhe 's nar n-inntinn, los 
gun dian sinn seirbheis dhut le coluinn 
naoimh 's le cridhe glan. 

A Dhia, Chruthadair, 's Fhir-saoraidh 
nan creideach uile, math am peacannan do 
dh' anman do sheirbhiseach a chaochail 
beatha; air chor 's gum faigh iad, le 
achanaich dhiadhaidh, an lan-laghadh sin 
ris an robh dùil aca. 

Si ar n-achanaich, a Thighearna, gun 
cuire' tu dea-bheartan nar cridhe, 's gun 
co-oibricheadh tu leinn gus an dianamh, 
air chor 's gur ann bhuats' a thig tùs ar n- 
urnaigh 's ar griomhan gu leir, agus gur 
ann unnadsa theid an criochnachadh. 

A Dhia shiorruidh uile-chumhachdaich, 
aig a bheil uachdaranachd air a bheo agus 
air a mharbh, agus a tha fiachainn tro- 
cairedo gach aon a tha thu faicinn ro-laimh 
a bhuineas dhut fhein le creideamh 's le 
dea-dhianadas : si ar n-achanaich iriosal 



42 LEADAN NAN NAOMH. 

riut, gun tugadh tu don f headhainn a bha 
sinn am beachd achomhnadhlern-urnaigh, 
co dhiu tha iad f hathasd am priosan na 
coluinne, no shiubhail an anam thun na 
siorrachd, lan mhathanas nan uile pheac- 
annan, as leth eadar-ghuidhe nan naomh, 
agus bàigh do throcaire f hein : tro losa 
Criost ar Tighearn, a tha am beatha 's an 
cumhachd, na Dhia, maiUe riuts agus ris an 
Spiorad Naomh, bho linn gu linn. 

V. A Thighearn eisd rir n-urnaigh. 

R. Agus gad ionnsaidh thigeadh ar n- 
achanaich. 

V. Thusa, Thighearn, is mua cumhachd 
agus trocair, eisd ruinn. 

K. Amen. 

V. Agus tro iochd Dhè gun robh fois 
aig anman nam marbh chreideach. 

E. Amen. 



43 



NA SEACHD SAILM AITH- 
KEACHAIL. 

Na cuimhnicli, a Thighearn, ar ciontan, 
10 ciontan ar parantan; 's na diughail 
)irnn ar peacannan. 

VI. SALM. 

Na cronaich mi, a Thighearn ami ad 
fheirg; agus na smachdaich mi ann ad 
chorruich. 

Gabh truas dhiom, a Thighearn, oir tha 
mi lag : slànaich mi, oir tha cràdh nam 
chnaimhean. 

Agus tha m' anam fo bhruaidlean mor; 
ach thus', a Thighearna, dè fhad? 

Till, a Thighearn, agus fuasgail air m' 
anam; sabhail mi air sgàth do throcaire. 

Thaobh 's nach eil cuimhne ort aig, 
neach tha san uaigh; agus an ifrinn co 
bheir cliu dhut? 

Tha mi air mo chlaoidh le osnaich; 
nighidh mi mo leaba gach oidhche ; agus 
m' àite laidhe fliuchaidh mi lem dheoir. 

Tha mo shuil fo ghruaim le corruich ; 
tha mi air f às sean am measg m' uile 
naimhdean. 



44 NA SEACHD SAILM AITHREACHAIL. 

Imichibh bhuam, uile luchd-dianamh 
na h-euceirt, oir chuaF an Tighearna guth 
mo chaoidhe. 

Chuar an Tighearna m' achanaich ; dh* 
eisd an Tighearna ri m' urnaigh. 

Biodh mo naimhdean uile fo mhasladh, 
's fo bhruaidlean mor : biodh iad air an 
tilleadh air an ais, 's air an nàireachadh 
gu ro ghrad. 

Gloir do 'n athair, 's don Mhac, 's don 
Spiorad Naomh, mar bha 's mar tha, 's 
mar bhitheas fad shaoghal nan saoghal. 
Amen. 

XXXI. SALM. 

Is beannaichte iadsan dha bheil an 
eucoirean air am mathadh, agus dha bheil 
am peacannan air an dubhadh as. 

Is beannaichte an duine air nach d' 
agair an Tighearna peacadh, agus a tha 
saor bho f hoill na spiorad. 

Lembhith am thosd shearg mochnaimh- 
ean; 's mi ri caoineadh fad an latha. 

Oir bu trom do lamh orm a latha 'sa 
dh' oidhche ; dh'iompaicheadh mi am dhò- 
ruinn nuair lotadh mi le bioradh na drise. 

Ghabh mi ri mo choire dhut, agus m* 
eucoir cha do cheil mi ort. 

Thuirt mi: Am aghaidh fhein aidich- 



NA SEACHD SAILM AITHREACHAIL. 45 

idh mi mo chiontan donTighearna; agus 
anaceart mo pheacaidh mhath thusa 
dhomh. 

Air-son so ni gach naomh riut urnaigh, 
ann an àm iomachuidh. 

Ach air-son sin ann an tuil mhoran 
uisgeachan cha tig iad ga choir. 

Is tusa mo dhion bhon trioblaid a 
chuairtich mi : m' aoibhneas, teasraig mi 
bhuapasan a tha umam a g-iadhadh. 

Tuigse bheir mi dhut, agus eolas air an 
t-slighe san còir dut imeachd ; bithidh mo 
shuil a dearcadh ort. 

Na f às mar an t-each agus am muileid 
aig nach eil tuigse, 

Le cabastair's le strein teannaichgiallan 
na feadhnach nach eil a tighinn ad chòir. 

Is tric a sgiursar am peacach; ach 
cuairtichidh trocair esan a chuireas a 
dhochas anns an Tighearna. 

Biodh aoibhneas oirbh san Tighearna, 's 
dianaibh gairdeachas a dhaoine matha : 
agus bithibh aighearach air fad luchd a 
chridhe gun f hoill. 

Gloir do 'n Athair, &c. 

XXXVII. SALM. 
A Thighearna, na cronaich mì liad 



46 NA SEACHD SAILM AITHREACHAIL. 

fheii'g: agus na smaclidaich mi nad 
chorruich. 

Chionn tha do shaighdean unnam an 
sàs : agus tha do lamh trom orm. ì 

Cha n-eil fallainneachd amfheollefìamh 
t' fheirge; cha n-eil fois aigmochnaimhean 
as leth mo pheacannan. 

Chionn chaidh m* eucoirean thar mo 
chinn j agus mar eallach throm thromaich 
iad orm. 

Bhreothagusdh' iongraichmochreuchd- 
an, le miad m' aimideachd. 

Is duine truagh mi, th' air cromadh sios 
gu tur : is duhhach rè an latha mo thriall. 

Oir tha mo leasraidh làn ghalar : 's cha 
n-eil fallaineachd am f heoil. 

Tha mi air mo lèireadh 's air m' umh- 
lachadh gu mor ; bheuc mi le acain mo 
chleibh. 

A Thighearn, ann ad f hianuis tha uiF 
iarratas mo chridhe, 's cha n-eil m' osnaich 
am falach ort. 

Tha mo chridhe, air a sgaradh, threig 
mo neart mi ; agus beachd mo shul f hein 
cha n-eil agam. 

Thainig mo chairdean 's mo choimhears- 
naich dluth dhomh, agus sheas iad am 
aghaidh. 



NA SEACHD SAILM AITHREACHAIL. 47 

Agus an fheadhainu a bha am fagus 
domh, sheas iad fad as j agus an f headhainn 
à bha g-iarraidh m' anma, rinn iad foir- 
neart. 

Agus iadsan bha g-iarraidh mo lochd, 
I labhair iad faoineas, agus dheilbh iad 
beartan foilleil fad an latha. 

Achmise mar dhuine bodhar cha chuala 
mi : 's mar bhalbhan nach fosgail a bhial. 

B' amhail mi 's duine gun chlaisteachd j 
's aig nach eil achasan na bhial. 

Bhona chuir mi mo dhochas unnads* a 
Thighearna : eisdidh tusa rium, a Thigh- 
earna mo Dhia. 

Oir thuirt mi : Gun f hios nach dian mo 
naimhdean air àm uaill os mo cheann : 
agus an uair a thuislich mo chasan, dh' 
ardaich iad an guth am aghaidh. 

Oir tha mise deas air-son fulangais, 's 
tha fàth mo bhròin mum choinneamh an 
cònuidh 

Chionn ni mi mo chionta foUaiseach, 
agus cuimhnichidh mi air mo pheacadh. 

Ach tha mo naimhdean beo, agus is 
treas' iad na mise : agus tha 'n fheadhainn 
a thug fuath dhomh gun aobhar air fas 
lionar. 

Bha iadsan a dhiolas olc air^son matb, 



48 NA SEACHD SAILM AITHREACHAIL. 

ga mo chul-cliaineadh : cliionn gun robh 
mi leantainn bheartan matha. 

Na treig thusa mi, ò Thighearna mo 
Dhia : 's na dealaich rium. 

Luathaich gam chuideachadh, a Thigh- 
earna, Dhia mo shlainte. 

Gloir don Athair, &c. 

L. SALM. 

Dian trocair orm, a Dhia, air reir do 
mhor throcaire. 

'Sa reir lionmhorachd do throcaire 
caoimh, dubh as mo lochd. 

"Nigh mi tuiUe f hathasd bhom chionta, 
agus glan mi bhom pheacadh. 

Chionn tha mi gabhail rim choire, 's tha 
mo pheacadh daonnan mam chomhair. 

Sann ad aghaidhs' a mhain a pheacaich 
mi, agus nad lathair a rinn mi 'n t-olc : 
air chor 's gum fìrinnichear thu nad 
bhriathran, 's gun toir thu buaidh nuair 
bheirear breth ort. 

Oir fìach chaidh mo ghineadh ann an 
eucoir; agus ann am peacadh ghabh mo 
mhathair mi na com. 

Oir fìach dha ^n f hirinn thug thu speis : 
nichean teagmhach agus diomhair do 
ghliocais shoDleirich thu dhomh. 



NA SEACHD SAILM AITHREACHAIL. 49 

Uisgichidh tu mi le hisop, 's bithidh mi 
air mo ghlanadh : nighidh tu mi, 's bithidh 
mi nas gile na sneachd. 

Dha mo chlàisteachd bheir thu subh- 
achas us aigliear : agus ni na cnaimhean 
chaidh hadh gairdeachas. 

Tionndaidh t'aghaidh air falbh bhom 
pheacannan : agusdubhasm' uil' eucoirean. 

Cridhe glan cruthaich unnam, a Dhia : 
agus spiorad ceart ath-nuadhaicham chom. 

Natilgmiast'fhianuis : agusdcSpiorad 
naomh na toir bhuam. 

Aisigdhomh aoibhneas do shlainte, agus 
daingnich mi le spiorad neartor. 

Teagaisgidh mi do shlighean do na 
daoidhean : agus tionndaidhear na peacaich 
riut. 

Saor mi bho fhuil, a Dhia, Dhia mo 
shlainte : agus ard-mholaidh mo theanga 
do cheartas. 

A Thighearn, fosgiaidh tu mo bhìlean : 
us cuiridh mo bhial an cèill do chliu. 

Oir nam b' aill leat iobairt, gu deimhinn 
bheirinn seachad i ; ach ann an iobairtean 
loisgte cha ghabh thu tlachd. 

Is iobairt do Dhia spiorad cràiteach : 
air cridhe brùite agus iriosal, a Dhia, cha 
dian thu tàir. 

b2 



50 NA SEACHD SAILM AITHREACHAIL. 

Nad dhea-ghean, a Thighearn, dian 
bàigh ri Sion: los gun teid ballachan 
lerusaleim a thogail suas. 

An sin gabhaidh tu gu eaoimhneil. 
iobairt ceartais, tobhartasan agus lan 
iobairtean loisgte: an sin cuiridh iad 
laoigh air t' altair. 

Gloir do 'n Athair, &c. 

CI. SALM. 

A Thighearna, eisd ri m' urnaigh j agus 
thigeadh mo ghlaodh gad ionnsuidh. 

Na tionndaidh do ghnùis bhuam ; latha . 
sa bith a bhios mi an tèinn, aom rium do 
chluas. 

Ciod air bith lath a dh' eigheas mi ort, 
eisd rium gu luath. 

Oir dh'f haillnich mo lài mar dheathach : 
agus sheac mo chnaimhean mar chonnadh. 

Tha mi air crionadh mar f hiar, tha mo 
chridhe air seargadh : leis mar dhiochain- 
ich mi m' aran itheadh. 

Lem dhìan osnaich,lean mo chnaimhean 
ri m' f heoil. 

Tha mi air fàs mar phelican an f hasaich: 
agus mar chomhachaig na seann làraich. 

Binn mi caithris, us tha mi air f às mar 
ghealbhonn aonaranachairmuUach taighe. 



nÀ SEÀCHD SAILM AITHREACHAIL. 51 

Eè an latha bha mo namhaidean a 
toirt achasain domh ; agus an f headhainn 
a bha gam mholadh, mhionnaich iad am 
aghaidh. 

Oir dh' ich mi luath mar aran, agus 
mheasgaich mi mo dheoch le deoir. 

Air sgàth t' fheirg' us do chorruich : 
chionn, an deigh mo thogail suas, bhual 
thu ri làr mi. 

Chaidh molaithean thairismar f haileas : 
agus sheac mi mar am fìar. 

Ach thus', a Thigheain, tha mairsinn 
gu siorruidh : us do chuimhne bho linn 
gu linn. 

Eiridh tusa, us gabhaidh tu truas de 
Shion : oir thainig àm a trocaire, oir 
thainig an t-àm. 

Chionn thaitinn a clachan rid sheirbhis- 
ich : agus bithidh bàigh aca r'a fearann. 

XJs bithidh eagal air na cinnich ro 
t'ainm, a Thighearn : agus air righrean 
an talmhainn uile rod ghloir. 

Oir thog an Thighearn suas Sion : agus 
chithear e na ghloir. 

Ghabh e su.im de dh'urnaigh nan daoine 
iriosal ; us cha do chuir e suarach an 
achanaich. 

Sgriobhar so air-son na linn tha ri tigh- 



52 NA SEACHD SAILM AITHREACHAIL. 

inn : us bheir an sliiagh a chruthaichear 
cliu don Thighearna. 

Chionn sheall e bho ard ionad naonah : 
bho nèamh dh* amhairc an Thighearn air 
an talamh. 

Gus an cliiinneadh e osnaich na feadh- 
nach tha an ceanglaichean : 's gum fuasg- 
ladh e air an sliochdsan a chaidh chur gu 
bàs. 

Los gun cuireadh iad ainm an Tighearn 
an cèill ann an Sion : agus a chliu ann an 
lerusalem. 

Nuair a chruinnicheas an sluagh ri 
cheile, agus righrean gu seirbheis a dhian- 
amh don Thighearna. 

Fhreagair e e an rathad a neirt ; Innis 
domh giorrad mo laithean. 

Na toir air falbh mi am miadhon mo 
laithean ; tha do bhliadhnachansa bho 
linn gu linn. 

San toiseach, a Thighearna, leag thu 
stèidh an talmhainn ; agus na nèamhan 
siad obair do lamh. 

Theid iadsan a dhìth, ach mairidh 
tusa : agus fàsaidh iad uile sean mar 
eideadh. 

Agus mar thrusgan atharraichidh tu 
iad, us bithidh iad air am mùthadh ach 



1 



NA SEACHD SAILM AITHREACHAIL. 53 

is tusa daonnan an Tì ciadna, 's cha tig 
faillinn air do bhliadlinaclian. 

ruii^ghidh clann do sheirbhiseach; agus 
stiuirear an sliochd gu bràch. 

Gloir do 'n Athair, &c. 

CXXIX. SALM. 

Bhon doimhne dh' eigh mi riut, a Thigh- 
earna; a Thighearna, eisd rim ghuth. 

Thugadh do cluasan an aire do ghuth 
m' achanaich. 

Ma sheallas tu air eacoirean, a Thigh- 
earna; a Thighearna, co sheasas ris? 

Oir sann agadsa tha saor mhathanas: 
's air sgàth do lagha bha mo dhùil riut, 
a Thighearna. 

Chuir m'anam earbsa na f hacal : chuir 
m' anam dochas san Tighearna. 

Bho f hàire na maidne gu dnbh oidhche, 
cuireadh Israel a dhòchas san Tighearna. 

Chionn aig an Tighearna tha trocair: 
agus aigesan tha saorsainn am pailteas, 

Agus saoraidh e Israel,bhouile lochdan. 

Gloir do 'n Athair, <fec. 

CXLII. SALM. 
A Thighearna, eisd ri m\irnaigh, thoir 
cluas dha m'achanaich ann ad f hirinn : 
eisd rium ad cheartas. 



54 NA SEACHD SAILM AITHREACHAIL. 

Agus na teirig ann am breitheanas led 
sheirbhiseach : oir cha n-fhirinnichear 
duine beo ad lathair. 

Oir rinn mo namhaid geur-leanmhuinn 
air m'anam: dh'islich e mo beatha gu 
làr. 

Chuir e mo thuinidh ann an dorchadas, 
mar iadsan a bha fada marbh : agus tha 
mo spiorad unnam an tèinn, us lèireadh, 
mo chridhe an taobh a stigh dhomh. 

Chuimhnich mi air na laithean bho 
shean, smaoinich mi air t'oibrichean uile ; 
griomhan do lamh thug mi fo-near. 

Riutsa shìn mi mo lamhan : mar fhear- 
ann gun uisge tha m'anam dhut. 

Eisd riimi, a Thighearna, gu grad : 
tha mo spiorad air faillneachadh. 

ISra tionndaidh do ghnùìs air falbh 
bhuam : mum bi mi coltach riùsan a 
theid sios don t-slochd. 

Thoir orm do throcair a chluinntinn sa 
mhaduinn ; *s guna chuir mi mo dhochas 
unnad. 

Thoir domh eolas air an rathad air an 
coir domh imeachd : chionn sann riuts a 
thog mi suas m'anam. 

Teasraig mi bho mo naimhdean, aThigh- 
earna, 's gur ann ad ionnsaidh a theich 



CRABHADH DO DH' AINM IOSA. 55 

mi : ionnsaich dhomh do thoil a dhianamh, 
chionn gur tu mo Dhia. 

Treoraichidh do spiorad math mi gns 
an tir cheart : air sgàth t' ainm, a Thigh- 
eama, beothaichidh tu mi nad cheartas. 

Bheir thu m'anam bho anradh: agus 
nad iochd cuiridhtumonaimhdeanadhìth. 

Sgriosaidh tu iadsan uile tha cur triob- 
laid air m'anam : thaobh 's gur mi do 
sheirbhiseach. 

Gloir do 'n Athair, &c. 

Na cuimhnich, a Thighearn, ar ciontan, 
no ciontan ar parantan; 's na dian diugh- 
altas oirnn air-son ar peacannan. 



CRABHABH DO DH' AINM lOSA. 

Achanaich, 
O losA uile ghradhaich, uile thobhairt- 
ich ! O losa Mhic na h-Oighe Moire lan 
trocaire us diadhachd ! tha mi g-achanaich 
gu h-umhlaidh ort, air sgàth na fala 
priseil a dhoirt thu air mo shon, gun 
glanadh tvi mi nad mhor iochd bho mo 
chiontan, agus gun deonaicheadh tu seall- 
tainn a nuas orm ; 's gur peacach truagh 
mi a glaodhaich mathanais agus a gairm 
air t' ainm naomh losA. 



06 CRABHADH DO DH' AINM IOSA. 

O ainm Iosa, ainm ro pliriseil, 's ro 
thaitneacli, chionn co losa, acli Slànair ì 
Air an aobhar sin, ò los, air sgàth t' 
ainm naoimh bi nad losa dhomhsa, agiis 
sabhail mi ; na leig dhomh bhith air mo 
dhiteadh a chruthaich thu à neoni. 
losa mhath, na leig le m'aingeachd mo 
sgrios ; bhon is tus am Mathas uile- 
chumhachdach, gabh gu caoimhneil ri do 
chuid fhein, agus cuir as do gach nì nach 
buin dut ; dean trocair orm f had sa tha 
uine mathanais a làthair, eagal's gun dìt 
thu mi nar thig uair a bhreitheanais. 
Dè an toradh a b' urrainn a bhith nam 
fhuil nan rachainn gu sgrios siorruidh ì 
Cha toir na mairbh moladh dhut ; cha 
TQhua bheir an fheadhainn a theid sios 
do dh' ifrinn, 

O los uile chiuin agus uile iriosal an 
cridhe, a Shlànair nan creideach agus 
Fhir-comhnaidh na feadhnach a chuireas 
an taic riut, thoir mathanas domh nam 
pheacannan uile ; doirt nam anam grasan 
gliocas agus carrantachd, gimneachd us 
umhlachd, los gun toir mise gaol dut 
maille ris gach aon tha glaodhaich air t' 
ainm, 's gun teid mi ied stiuradh 's led 
sheoladh dh' ionnsaidh na beatha maire- 



CRABHADH DO DH' AINM IOSA. 57 

annaich far an seinn mi do chliu fad 
shaoghal nan saoghal. Amen. 

Laiodh. 

Dh' fhoghnadh smaointean air t'ainm los, 
Gu sòlas dìan a ghin' am chrè ; 
Cuilm bu taitniche na fion, 
M' inntinn ga Honadh led spèis. 

Cha taisbean binneas theudan ciuil, 
Cha nochd seanachas no tùr sluaigh, 
Cho luachor 's tha 'n t-ainm ud dhuinn, 
'S ainglean le umhlachd ga laaidh. 

Gach nì tha 'm flathanas Dè, 
Air talamh no fon talamh shios, 
Lubaidh an glùn gu leir, 
Nuair chluinneas iad ainm euchdach los. 

los an t-ainm os cionn gach ainra, 
Beatha m' anma 's mo leigh, 
Ged is tric a thoill mi t'f hearg, 
Bithidh mi leanmhuinn air do dhèigh. 

Nuair a dh' iarras an saoghal 's an fheoil, 
Ormsa dòbheart a chur an griomh, 
Diridh mo spiorad mar is còir, 
Gu righ na trocaire gu dhion. 

Air sgiathan creidimh agus gràidh. 
Teichidh mi gu gàradh mo mhiann, 
Far an d'f huilig Criost a phàis, 
Us fallus ga f hàsgadh ro bhid.i. 



58 CRABHADH DO DH* AINM lOSA. 

'Sa ghàradh choisinn sinn am bàs ; 
Pheacaich Adamh, dh' ich e 'm meas : 
'Sa ghàradh dh' umhlaich Eigh nan gras 
E-f hein, gur sabhaladh bho sgrios. 

Bhruchd cuirneana falluis mar dheoir, 
Tro chorp glormhor le fìor phèin : 
Bu trom mo pheacannan gun toirt 
Air Uan neochiontach mo Dhè. 

Bhuaileadh Cibear nan caoin bheus, 
Sgapadh a threud 'sa luchd-dàimh, 
Chaidh Criost an cuibhrich' le ostal fhein, 
Chuir pog an eucoraich e 'n laimh. 

Guilemid mud dhiols^, a Chriost, 
Nad bhall-buirt measg do naimh ; 
O siad ar peacannan a sgiurs, 
'Sa sparr le cràdh an crùn mu cheann. 

Choluinn, umhlaich sios thu f hein, 
Aig bun a chroinn-cheusd'a dh' los, 
'S na cuir tuilleadh e gu pèin, 
A g-urachadh a chreuchd' led ghriomh. 

M' anam, umhlaich sios dhad Dhia, 
Las mar theine dìan do ghaol, 
Smaonich na dh' f huiHg do Thriath, 
Dh' ionnsaidh t' fhiachan a bhith saor. 

Thug e ghoimh dhuinn as a bhàs, 
Thionndaidh e na phàras an uaigh ; 
Nuair rinn e aiseirigh nan gras, 
Choisinn air gach namhaid buaidh. 



CKABHADH DO'n SPIORAD NAOMH. 59 

Cliu dha'n Athair, cliu dhan Mhac, 
Cliu dha'n Spioraid neartor naomh ; 
Trionaid chumhachdach nam feart, 
Molamaid mu seach 's mar aon. 



CRABHADH DON SPIORAD 
NAOMH. 

Gairm. 
TuiRLiNG a nuas, a Spioraid Naoimh, 
bhod chathair aiUidh le mìn-bhraon do 
Ighras. — Thus, 6 Athair nam bochd, thus, 
6 Ughdair mhathasaich ar stòrais, teirinn 
a nuas agus fadaidh teine do ghaoil nar 
cridheachan. Bhon is tu fior chof hurtair, 
bhon is tu caraid tlà an anma, agus ceann- 
uidhe gach fìr-turuis, thig a nuas. Bhuat- 
sa gheobh sinn sìth ann an trioblaid 's 
an anshocair ; lasachadh anns gach cruaidh 
chàs ; agus cof hurtachd ann an do-bhròn. 
O Sholuis naoimh, beum do ghathan air 
na cridheachan a tha le creideamh a g- 
iarraidh ad ionnsaidh. As t'eugais cha 
n-eil math san duine, cha n-eil nì dha 
neo-lochdach. O Thighearna, glan bhuainn 
gach smal peacaidh ; maothaich na tha 
tioram ; slànaich na tha easlainteach ; 
taisich na tha rag nar n-anam ; blathaich 
gach nì tha fuar nar cridheachan, agus 



60 CRABHADH DO*N SPIORAID NOAMH. 

till gach ceum seachranach. O TMgh- 
earna, deonaich do na creidlch a tha g- 
earbadh nad fhacal, do spioraid seachd 
fìllte ; deonaich dhuinn fad ar beatha 
bhith umhail dha do ghrasan ; deonaich 
dhuinn an àm ar bàis do ghnùis f haicinn, 
agus a bheatha shiorruidh shealbhachadh. 
Amen. 

Laoidh, 

A Spioraid Naoimh ar n-ard threise, 
Thig bho ghrian chathair do ghloir ; 
Sgaoil gach ceo tha gar cur iomrall, 
'S leig soillsean dhed sholus oirnn. 

Thig ò Athair nan diol-dèirce, 
Do gach feumach sìn do lamh ; 
A lamh bhon tig gach rogha gibht, 
Soilleirich gach cridhe dall. 

A Eigh na cofhurtachd san t-sòlais, 
Bu tu Aoidh an àigh dha 'n anam ; 
Cha n-f hairich e teas na ganntar, 
Us e nad laimhs' a triall gu aineol. 

Is tu bheireadh furtachd agus tàmh, 
Don phiantach a bhios fo sgios ; 
A mhaF air an laidh am pràmh, 
Sann agads' tha sòlas di. 

A Sholuis is aiUidh snuadh, 
Na bi 'n dubhar oirnn nar càs ; 
Us ann an cridhe do chreideach gaoil, 
Beothaich teine caomh do ghràidh. 



CRABHADH DO'N SPIORAID NOAMH. 61 

Gun do chomhnadhs', a Dhia thrèiu, 
Cha n-eil sgoinn am mac an duine ; 
Cha n-eil ceann gun lochd fon ghrèin, 
Sann ad mheinnse tha sinn uile. 

Glansa dhinn gach uile thruailleachd • 
Uisgich led ghrasan ar tart, 
Leighis gach anam tha leointe, 
Striochd na rag-mhuin'laich rid reachd. 

Taisich neimh a chridhe chruaidh, 
Bi 'd chairt-iuil duinn anns gach gàbhadh ; 
Us dha na creidich tha nad earbsa, 
Thoir seachd tiodhlaicean do ghràidh. 

Treoraich na creidich rim beo, 
'S na treig iad an uair am bàis ; 
Sabhail an anam bho phian, 
'S gum meal iad do shìth gu bràch. 

Cuir a mach do spiorad us bithidh iad 
air an cruthachadh. 

Agus ath-nuadhaichidh tu aghaidh an 
talmhainn. 

Guidhemid. 

A Thighearn, a thug faghlum do chridh- 
eachan nan creideach le soilleireachd an 
Spioraid Naoimh, deonaich le toradh an 
Spioraid chiadna comas a thoirt dhar 
n-inntinn gu seasamh air stèidh na fìrinn ; 
tro losa Criost ar Tighearn. Amen. 



62 

AN AIFRIONN AIR A 

MINEACHADH. 

Sann san Aifrinn a tha Dia fiachainn 
saibiiireachd a ghras, agus a dortadh 
oirnn, iuntas a mhatliais : sann san aifrinn 
tha bun ar creidimh, friamh ar dochais, 
tobar ar slainte, beatha ar n-anma, leigh- 
eas ar creuchdan spioradail, cobhair 
us furtachd dhar laigse. Is grian spiorad- 
ail an Aifrionn a tha toirt fradhairc 
us leirsinn, spioraid us càil do chriost- 
aidhean anns a bheatha so, agus gan 
neartachadh gu ruighinn air a bheatha 
mhaireannaich. Agus cha n-ioghnadh 
na buaidhean so bhith uile aice, 's gu 
bheil Criost f hein a lathair san Aifrinn 
fo riochd arain agus fìona ; agus ga thoirt 
f hein seachad duinn mar bhiadh spiorad- 
ail ar n-anma. Agus mar sin tha 'n 
Aifrionn cho anabarrach urramach, 's 
gun robh speis aig Dia do na h-iobairtean 
bho shean air-son iad bhith nan samhla 's 
nan comharradh air iobairt naoimh na 
h-altarach, agus a tarruing am brigh agus 
an seadh uaipe. 'S mar sin bu taitneach 
le Dia iobart Abeil, lobairt Mhelchisedec, 
iobart Abraham agus iobairtean ioma- 



AN AIPROINN AIR A MINEACHADH. 63 

sheorsach nan ludhach, ged nach robh 
unnta ach sgleo us faileas air an iobart 

; mhoir a bha ri tighinn. 

Nis tha tri buaidhean sonraichte aig an 

! Aifrinn, a tha toirt urraim us coimhlion- 

I achd dhi. Agus siad sin uaisle sagairt, 
uaisle tobhartais, agus uaisle beachd. Na 

I tri nichean so tha aig an Aifrinn ann 
an seol miarailteach. Tha uaisle sagairt 

] aice, 's gur e Criost f hein an t-ard shagart 
am flathanas a tha ga togail suas am 
fianuis Athar, nuair a tha f hear-ionaid an 
sagart air talamh ga tairgse suas. Tha 
uaisle tobhartais aice, chionn gur e Croist 
f hein an tobhartais fo choltas arain agus 
fìona. Tha uaisle beachd aice, thaobh 's 
gur ann do Dhia fhein a tha's ga tairgse, 
mar an t-aoradh is airde, agus a bhuineas 
dhasan a mhàin. 

Agus nach eil so a fiachainn na suime 
agus na durachd bu choir bhith againn 
an àm eisdeachd na h-Aifrinne ; gu 
h-araid nuair a bheir sinn fo-near gur 
ionann i ann am brìgh agus iobart na 
croise, agus gu bheil gach nì innte a 
cuimhneachadh agus a g-urachadh dhuinn 
pàis agus bàs ar Slànair losa Criosta. 
Tha 'n altair 's gach ball a bhuineas di, 



64 AN AIPRIONN AIR A MINEACHADH. 

a chulaidh-Aifrinn, na modhannan a tha's 
a cleachdadh an àm na h-iobairt, a fìach- 
ainn duinn pàis agus bàs Mhic Dhè. 

An AltaÌT agus a h-uidheam, 
Tha 'n Altair a ciallachadh beinn Chal- 
bhari air na cheusadhletàrcuis losaCriost, 
aona Mhac Dhè 's an darna pearsa dhen 
Trionaid bheannaichte. Tha 'n Altair 
cuideachd na samhla air a bhord dheth an 
d' ich ar Slànair maille ri dheisciobuil a 
shuipeir dheircannach an oidhche mun d' 
f huilig e ; sann air so tha 'n t-Ostal Pòl a 
tighinn, Eabh, xiii. 10. Far a bheil e g- 
radh : — '' Tha altair againn dheth nach eil 
còir acasan air iche a tha frithealadh don 
phàillinn.'* 

Tha na h-anartan a tha cuibhrigeadh 
na h-Altarach nan comharradh air an lion- 
eudach leis na phaisgeadh colunn phriseil 
Chriost nuair chuireadh san uaigh e. 

Tha na coinnlean laiste air an altair a 
ciallachadh solus a chreidimh air a thais- 
beanadh do na h-Iudhaich agus do na 
Cinnich ; agus a cur an cèill duinn 
dealradh a chreidimh 's na dea-bheusan 
a tha riatanach dhaibhsan a tha tairgse 
suas rùin-diomhair cho ard urramach. 



AN AIFRIONN AIR A MINEACHADIJ. 65 

Tha 'n Crann-ceusaidh curancèill duinn 
na buaidhe choisinnar Slànair beannaichte 
air a bhàs; agus tha's ga thogail am 
miadhon na h-altarach gus ar cur an 
cuimhne air pàis agus bàs losa Criost, cùis 
air an còir smaoineachadh le durachd 's le 
cràbhadh cho tric agus a thairgear an 
iobairt naomh so. 

Tha Chailis na samhla air uaigh naoimh 
ar Tighearna : agus am pateUy air a chloich 
mhoir a chaidh charachadh gu bial na h- 
uaghach. 

A Ghulaidh-Aifrinn, 

Tha an t-anart tha 'n sagart cur air 
a cheann agus a ceangal a rithisd mu 
'amhaich a ciallachadh a bhrèid leis na 
dhall na h-Iudhaich Criost ar Slànair 's iad 
magadh air, nuair bha iad ga bhualadh air 
an lethcheann sa g-radh: — ^"Dian fàis- 
neachd dhuinn co e a bhuail thu ]" Mat. 
xxvi. 68. 

Tha 'n t-èide' geal a ciallachadh an trus- 
gain ghil a chuir Herod air Criost an dèigh 
dha chur suarach agus ball-magaidh dhian- 
amh dheth. 

Tha 'n crios, am maniple/s an stol, mar 
shamhla air na cuirdagusnaceanglaichean 
a chuir na h-Iudhaich air Criosda. 



66 AN AIFROINN AIR A MINEACHADH. 

Is samhla an f halluinn iiaclidaracli air 
an trusgan dhearg-gliorm chuir na saighd- 
earan air losa Criost ; agus tha chrois 
th 'air a dealbhadh air a culaobh gar cur 
an cuimhne air a chrois a ghiùlain Criost 
air a ghuaillean beannaichte gu cnoc 
Chalbhari. 

Dathan na Gulaidh'Aifrinn, 

Is comharradh an Geal air aighear us 
toil-inntinn ; agus leis a sin si culaidh 
gheal a f hreagras do Nollaig, do Dhiar- 
daoin deasghabhail, do dh' fheilltean a 
bhuineas do Mhoire, do dh' ainglean, 's do 
naoimh nach eil nam mairtirean. 

Tha 'n Dearg na shuaicheantas fala 
agus dòruinn, agus air an aobhar sin tha 
e ri chur suas air feilltean nam mairtirean 
agus nan Ostal a dh' fhuilig am bàs air- 
son Chriost, agus a dhàth an trusgan am 
fuil an Uain. 

Is comharradh an t- Uaine air f às agus 
cinneachadh, gus a thoirt duinn ri thuig- 
sinn gum bu choir dhuinn a h-uile latha 
f às nas diadhaidh's nas f hearr ; tha 'n 
Eaglais a cleachdadh an Uaine roinn 
mhor de Dhònaich na bliadhna. 

Tha 'n Dearg-ghorm na shuaicheantas 



AN AIPEOINN AIR A MINEACSADH. 6? 

air aitlireaclias agus mar sin air a chleachd- 
adh an àm na h-Aidbhein agus a Char- 
ghuis. 

Is samhladh an Duhh air bròn agus 
mulad, a dh' f hiachainn duinn gur e mu- 
lad us bròn a nigheas sinn bhon phea- 
cadh. Tha 'n Eaglais a cleachdadh an 
duibh aig na h-Aifrionnan air-son nam 
marbh, gus f hiachainn an èiginn anns a 
bheil iad. 



68 



AN AIFRIONN 

URNAIGHEAN AN AM NA 
H-AIFEINNE. 

Tha urnaighean na h-Aifrinne air an 
cur san ordugh a tha freagairt do dh* 
f hulangas agus do bhàs ar Slànair : oir 
tha e ro-iomachuidh gum biodh fios aig 
a h-uile Caitliceach ciod a tha h-uile h- 
earrann de 'n Aifrinne naoimh a ciall- 
achadh. 

An àm don t'Sagart dol a dV ionmaidh na h» 
altarach, tha los a dol a stigh do ghàradh Gheth' 
semani, 

Umaigh roi an Ai/rinne, 

r\ THIGHEAEN los, a Mhic an Dè 
bheo, sann agam tha'n dearbhadh 
laidir air do ghaol domh bho t'f hulaiigas 
naomh air fad. Dheonaich thu bhith fo 
bhròn, fo f hiamh, 's fo spairn air-son mo 
pheacannan anns a ghàradh ; agus an 
cuir mise dàil anns an aithreachas a 
ghabhail ì An diult mi dhut mo ghaol, 



URNAIGHEAN AN AM NA H-AIPRINNE. 69 

's na dh' f huiKg thu air mo shon 1 O 
Thighearna, cha bhi mi cho mi-thaingeil. 
A so suas bithidh bròn orm air-son mo 
chiontan ; fos cionn gach nì bheir mi gaol 
dhut. Bithidh mi leagte rid thoil naoimh 
anns gach diachainn. Thugas domh 
freasdal do ^n iobairt naoimh so air an 
lath* an diugh, le fiamh, cràbhadh, agus 
umhlachd ; los gum faigh mi na grasan 
sin a tha feumail domh gu aoradh a 
thoirt dhutsa mar is còir, mo Thighearn 
agus mo Dhia. 

Nuair tha 'n sagart a tòìseaohadh aìr an 
Aifrinne, tha loaa ri urnaigh anns a ghàradh. 

f\ lOS, a dheonaich furtachd a ghabhail 
bho aingeal ann ad chruaidh spairn, 
deonaich dhomhsa cuideachadh t'aingil 
naoimh gu m' achanaich a chur suas riuts* 
an drasda mar a thigeadh domh. 

Aig cm Aideachadh. 

Nuair tha 'n sagart a lù.badh sios, agus a 

g-aideach a pheacannan an lathair Dhè agus 

cìiirt fhlathanais, tha los a tuiteam air aghaidh 

sa ghàradh ; tha peacanqan au t-saoghail nan 



70 URNAIGHEAN AN AM NA H-AIPRINNE, 

Bac cho trom aìr, *s ga chur ann a spairn cho 
dòruinneach, gu bheil fallus fala a bruchdadh ro 
chorp Daomh. 

A THIGHEAEN los, a ghiùlain eall- 
ach throm mo pheacannan gràineil, 
agus a chaidh a lèireadh leo, le spairn 
chruaidh agus fallus falla sa ghàradh, 
deonaich gun toir cuimhne do dhòruinnse 
tiomachadh air mo chridhe, agus gal air 
mo shuilean. mo Dhia, gabh thusa 
bhuamsa iobairt mo chridhe, maille ri 
iobart naoimh fala us feoF losa Criost a 
tha sinn a tairgse suas dhut air an altair. 

Tsruaìr tha 'n sagart a direadh suas a dh* ionns- 
aìdh na h-altarach agus ga pogadh, tha los a dol 
an coinneamh a naimhdean, 's tha ludas ga 
bhrath le poig. 

f\ 10 S, a dh' f huilig anaceart us mas- 
ladh cho mor, leis an umhlachd 
agus a chiuine bu mhua ; co 's urrainn do 
mhor throcair a sgrudadh ì An e so do 
thaing air-son casan ludais a ghlanadh ? 
Ma se caoimJineas a dh' fhiach thu 
cthasan a bhrath thu, ciod nacli toir thu 



URNAIGHEAN AN AM NA H-AIFRINNE. 71 

dhaiblis' a tlia an geall air gradh a thoirt 
dut? losa, neartaich mi air eagal 's 
giin gèill mi dha m' ana-miannan cho 
fada 's gun dian mi peacadh, no gun 
gabh mi toileachadh ann, no duais air-son 
a dhianamh agus thus' a threigsinn. O 
Thighearna, na leig le spiorad an aimhleis 
greim fhaotainn air m' anam. Thoir 
grasan na ciuineachd agus na h-umhlachd 
dhomh, gu mathanas a thoirt do gach aon 
a rinn eucoir orm. 



Nuair tha 'n sagart a dol ga oisinn na h- 

altarach agus a leughadh ; tha Criost air a 

ghlacail, air a cheangal, 's air a tharruing gu 
Annas. 

A THIGHEARN" los, a dh' fhuHig do 
cheangal le sluagh eucorach, fuasgail 
mise bho chuibhrichean a pheacaidh agus 
dian m' fhasdadh riut f hein leisacharrant- 
achd us le cumail t'f hàintean ; air dhoigh 
's nach dian mi eucoir ort tuille le smaoint- 
ean, briathran, no griomhan. Ameu. 

Nuair tha 'n sagart a oantainn Kirie Elcison^ se 



72 URNAiaHEAN AN AM NA H-AIPRINNE. 

sìn, a Thìghearna, dian trocair oirnn ; tha an t-oetal 
Peadar an ctiirt Chaiphais a g-aicheadh losa. 

J^ THIGHEAEN, cliaidh aiclieadh 
tri uairean le prionnsa nan ostal, 
tha mi g-achanaich ort mo chumail bho 
dhroch cuideachda, 's bhon h-uile ceann- 
aobhair peacaidh. Amen. 

Aig Gloria in Eccelsis Deo, 

Se sin, gloir do Dhia sna h-ardaibh : dian 
aoibhneas maille ris na h-ainglean a tha lathair 
gu los a chobhar, agus gu sòlas thoirt dha air- 
son aicheadh Pheadair. 

/^O is coimeas riutsa, 6 Dhia Uile- 
chumhachdaich : Oo, air neamh no 
air talamh, aig a bheil coir air ard onair, 
moladh agus gloir, ach agadsa, Righ nan 
righrean, sa Thighearn nan tighearnan ! 
Ma tha na h-ainglean 's na naoimh air 
neamh gad shior mholadh 'sa toirt cliu 
dha t' ainm le mor shòlas ; ciamar a dh' 
f haodas mise, obair do laimh, bhith gun 
chliu thoirt dut air talamh ? Oliu bheir 
mi dhut, 6 Thighearn, agus deonaich an 
t-aoradh tha mi tairgse dhut an diugh, 



URNAIGHEAN AN AM NA H-AIFRINNE. 73 

agus a tha mi cur romliam a thoirt dut 
gacli latlia dhem bheatha, a ghabhail 
bhuam gud bharrachd gloir. Amen. 

Nuair tha 'n sagart a tionndadh ris an t- 
sluagh agus a g-radh Dominus vobiscum ; se sin, 
gun robh an Tighearna maille ribh : sheall losa 
le bàigh air an ostal Pheadar, agus thug e dha 
grasan an aithreachais. 

A THIGHEARN losa, seall ormsa le 

bàigh, agus thoir dhomh grasan an 

fhior aithreachais, a nigheaa bhuam mo 

pheacannan leis an tric a rinn mi t-aich- 

eadh. O neartaich mi air sheol 's nach 

meath eisimeil ri daoine mo mhisneach 

nad sheirbheis. O mo Dhia na leig 

dhomh geilleadh do nì air bith a chuireas 

corruich ortsa. Ma tha thusa leam, a 

Dhia TJile-chumhachdaich, is coma co 

bhios am aghaidh. Amen. 

Aig Leughadh na Litreach. 

Tha losa, an dèìs moran tàire fhulang ann an 
chirt Chaiphais, air a thoirt an lathair Philait. 

Q THIGHEAEN, a dh* fhuilig bho 

shluagh moUaichte uiread thàmailt 

as leth mo pheacannan, 's gun rachadh 



( 



74 URNAIftHEAN AN AM NA H-AIPRINNE. 

smugaidean a cliaitlieamh ad aodann i 
naomh an cùirt Chaiphais, agus do ^ 
dhìteadh, ge bu neochiontach, gu bàs an 
cùirt philait, agus sin uile air-son mo ' 
pheacannan ; tha mo chridhe lan gaoil us 
taingealachd dhut, agus an rùn gun 
mhasladh thoirt dut gu bràch leis a 
pheacadh ghràineil. 

Aig a Ghraduel 710' n Tract tha na h-ard 
shagartan agus na seanairean a g-iarraidhfianuis 
hhreige an aghaidh losa gus a chur gu hàs. 

A THIGHEARN ìosa, a dh'fhuHig, le 

tosd us ciuine, gach fianuis bhreige a 

chaidh thogail nad aghaidh ann an cùirt 

eucoirich Chaiphais ; thoir dhomhsa do 

Bhamhla naomh a leanailt, air chor's nuair 

a chuirear eucoir as mo leth, nach cum 

mi gamhlas no mìorun am chridhe's nach 

iarr mi le diughaltas mì-chliu a chur air 

an atharrach. 

Nuair tha'n sagart a g-urnaigh aig miadhon na 
h-altarach, tha Criost air a thoirt an lathair 
Heroid. 

A THIGHEARN los, a leig le Herod 

culaidh mhagaidh a dhiauaiah dhiot 



URNAIOHEAN AN AM NA H-AIFRINNE. 75 

trusgan geal fochaid a cliur ort, thugas 
lomhsa do shamhla diadhaidh a leantumn, 
e bhith ciuin mar bha thusa, agus làn 
axghidin. Amen. 

AIG AN T-SOISGEUL. 

An dèigh fanaid a dhianamh air losa, tha Herod 
ja chur air ais gu Pilat. 

r\ ATHAIR Shiorruidh, seall air do 
Mhac ionmhuinn na chulaidh bhuirt 
dg sluagh eucorach ! Seall mar a tha 
) air a tharruing air as *s air adhart feadh 
ihràidean lerusaleim ! Seall mar tha an 
liocas siorruidh a faighinn tàir' agus 
naslaidh ! Faic cho tosdach, ciuin, faighid- 
leach sa tha e cur suas le gach eucoir, 
iàmailt agus fanaid ; agus mar tha e 
deachdadh nan subhailcean diadhaidh a 
Ih' àithn e air luchd-eisdeachd a Shoisgeil 
i leantuinn. O mo Dhia, tha mi g-ach- 
inaich ort, as leth na h-iobairt naoimh so, 
ha sinn a tairgse suas dhut gu onair us 
iliu dha t'ainm naomh, agus mar chiumhn- 
3achau aii- fula^gas do Mhic losa, gun 



76 URNAIGHEAN AN AM NA H-AIPRINNE. 

seall thu ormsa, agus air do shluagh gu 
leir, le iochd us trocair; agus gun neart- 
aich thu sinn gu imeachd an ceuman doi 
Mhic air talamh, agus a ghloir a chosnadh 
ann am flathanas. 

Aig a Ghreud. 

Tha Criost a togail teisteanais air an fhirinn 
air bialaobh Philait: daingnioh thusa an so do 
chreideamh air na puingean sin uile tha 'n 
Eaglais a cur mud choinneamh a chreidsinn. 

npHA mi creidsinn gu daingean 6 
Thighearna, gach ni a shoillsich thu 
dhomh le t'Eaglais naoimh Chaitlicich : 
agus, le comhnadh do ghras, tha mi cur 
romham leanailt ris a chreideamh naomh 
so fad mo laithean 's aig uair mo bhàis. 
Agus tha mi lan chreidsinn le solus 
do ghras, gur daoine treidhireach, glic, 
diadhaidh a theagaisg an fhirinn so 
dhomh. Is comhdach dhomh air sin, an 
seol miarailteach air na sgaoil t'Eaglais 
am beagan ùine feadh an domhain gu 
h-iomlan, agus air an deachaidh an 
saoghal iompachadh gu gèiU us creidsinu 



i 



UttNAlGHEAN AN AM NA H-AIFRINNE. 77 

i thoirt dliaibh. Càite an teid mi, 6 
rhighearna ì Agadsa tha briathran na 
Deatha. Mo reiisan, mo chridhe, agiis 
n' inntinn tha gèilleadh agus a striochd- 
idh do 'n fhirinn so, dh'aon teagamh no 
buaireadh a thogas mo cheudan corporra 
ihomh. So mo chreideamh, ò Thighearna, 
neartaich e. 

Nuair tha 'n sagart a toirt na cuibhrige dhen 
Dhailis ; tha iad a rusgadh Chriosta, ga cheangal 
ri post, *s ga sgiursadh. 

:Q THIGHEAEN losa, spion eideadh 

graineil a pheacaidh dhe m' anam, 

agus cuir air trusgan aillidh do ghras, 

gus am bi e taitneach ad lathair. Amen. 

Nuair tha *n sagart a tairgse suas an araìn 
agus an fhiona : tha losa ga thairgse fhein gu 
sgiursadh ; 's fhuil phriseil ga dortadh. 

:Q ATHAIR Shiorruidh, seall na dh' 
fhuilig do Mhac naomh aig a phost 
gus ar sabhaladh. Tha chorp naomh ga 
riabadh : griomh a bhios na aobhar 
ioghnaidh ; do chumhachdan f hlathanais, 
agus na aobhar bròin, gaoil, us taingeal- 



78 URNAIGHEAN AN AM NA H-AIFRINNE. 

aclid do chlann-daoine. Co an cridhc 
nach bi fo leòn ri faicinn coluinn Rigl 
na glòrach fo chreuchdan ì An Tì 
chruthaich neamh agus talamh tha ga 
sgiursadh le chreutairean peacach f hein. 
Shlànair, is cruaidh an càramh a tha 
ortsa air-son mo chiontan. O losa, ciod 
a dh' eirich dhomhsa ì ciod a rinn mi 1 
Dè dh' f hag mo chridhe cho cruaidh 1 
Cha toir smaoineachadh air t' f hulang- 
as tiomachadh, no taiseachadh air mo 
chridhe ; Cha n-eirich osnadh bhom 
chliabh ; diar cha tig air mo shuil ! 
Thighearna, pheacaich mi gu trom ad 
aghaidh. Chruadhaich mo chridhe 
thiormaich tobar mo shul : chuir mo 
pheacannan do ghaol as m' aire, agus t* 
fhulangas as mo chuimhne, A Thigh- 
earna, gabh truas dhiom. Amen. 



Aig cuibhrige' na cailis ; tha crùn droìghinn 
ga chur air losa. 

f\ lOS, a dh' fhuilig cràdh us masladh 
le crùn droighinn a chur mud* 



cl 



i^< 



URNAIGHEAN AN AK NA H-AIFRINNE. 79 

clieann naomli, lot mo cliridhe le fior 
aithreaclias, los gun toill mi a bliith. air 
mo clirùnadh leatsa ann am flathanas. 

Nuar tha 'n sagart a nighe* mhiar ; tha Pilat 
a glanadh a lamhan, sa g-innse' gu foUaiseach, 
gun robh losa neochiontach. 

r\ THIGHEAEN losa, anns nach d' 
fhuair am breitheamh eucorach 
ifhein giomh, glan m' anam led fhuil 
phriseil, agus teasraig mi bho ghamhlas, 
us bho mhìorun mo naimhdean. 

Nuair tha'n sagart ga chromadh fhein aig 
[miadhon na h-altarach agus a leughadh, tha losa 
i g-eisdeachd ris a phobull a freagairt : — " Biodh 
fhuil oirnne, agus air ar cloinn." 

/2j_ABH, 6 Thrionaid naomh, an iobairt 
a tha sinn a tairgse dhut, mar 
ihuimhneachan air pàis, air aiseirigh, 
igus air deasghabhail ar Tighearn losa 
Driosd ; agus ann an onàir na h-Oighe 
Deannaichte moire ; Eoin Bhaiste, nan 
3stal naomh, Peadar us Pol, agus nan 
laomh uile, los gun tig i gu barrachd 
jloir dhaibhs' us sabhalaidh dhuinne. 



80 URNAIGHEAN AN AM NA H-ATFRINNE. 

Aig Orate Fratres, se sin, dianaibh urnaigh a 
bhraithre ; tha Pilat a fiachainn losa don t- 
sluagh, agus a g-eigheach : — ** Seallaibh air an 
duine." 

Q THIGHEARN los, a dheonaich 
a bhith nad chulaidh fhanaid aig 
an t-sluagh, saor mise led umhlachdbho 
uaill, ardan agus morchuis. Fiach, tha 
mi gam thairgse f hein gu h-iomlan cuide 
ris an iobairt naoimh a tha's a tairgse air 
an altair ; eisd gii trocaireach uime sin ri 
m' achanaich, agus deonaich gum b'ann 
a chosnadh barrachd cliu dha t' ainm 
naomhsa, agus leasachadh gloir dhuinn 
fhein san t-siorrachd, a thairgear suas i., 
Amen. 

Aig an Secreta, 

Tha los air a dhìteadh gu bhith air a cheusadh., 

Q THIGHEAEN los', a dh'eisd gu 
tosdach oiuin ri binn a bhàis ; thoir 
dhomhs a bhith lan striochte dha do thoil 
naoimh, anns gach trioblaid us diachaini] 
thig orm sa bheathasa : 's thoir dhomh 
sealltuinn orra mar mhiadhonan a tha thu 



p\ 



URNAIGHEAN AN AM NA H-AIPRINNE. 81 

cur nam rathad gu m*anam a shabhaladh. 
Tro losa Oriosd ar Tighearna. Amen. 

Aig an Roimhradh. 

Nuair tha 'n sagart a leughadh le guth ard, 
agus an cleireach a seinn a chluig, tha iad a cur 
na croise air guaiUean losa. 

f\ lOSA, tha thu dianamh faoilte ris a 
chrois a tha gu bhith air a coisrigeadh 
le t'fhuil phriseil, tha gu bhith na 
h-inneal saoraidh do chlann-daoine, na 
h-altair dhad iobart fhein, na cathair 
trocair, na cuimhneachan air do bhuaidh 
air a bhàs, agus air do mhor ghaol. O 
Chrois phriseil 's tusa suaicheantas 
armailt mhic Dè. 'S tus an solus tha 
.dianamh iuil dhad mhuintir dhileas 
fhein, ann an cuan bruaidleineach an 
t-saoghailsa. losa na gabham nàire 
gu bràth as a chrois dhan tug thus uiread 
speis ; s* thoir dhomh neart agus toil gu 
giùlan gach latha gus an toill mi bhith 
an aireamh do dheisciobul. Is ard iolach 
do naimhdean a fanaid ort, ach tha mise 

c2 



82 URNAIGHEAN AN AM NA H-AIFRINNE. 

toirt molaidh., us gioir dhufc, sa togail mo 
ghutjb, maille ri cosheirm nan naomh 's 
nan aingeal a seinn, Is naomh, naomh, 
naomh, thus a Thighearna Dhia nam 
feart, tha thu lionadh nèimh agus tal- 
mhain led ghloir : aighir gun robh anns 
na flathas is airde : beannaichte gun robh 
an Ti tha tighinn an ainm an Tighearna. 

Nuair tha 'n sagart a g-urnaigh air-son na 
h-Eaglais le guth iosal : tha los a giulan na crois' 
air a ghuailnean creuchdach gu cnoc Chalbhari 
an geall air fulangas gus ar sabhaladh. 

A THIGHEAEN losa, thugas domhsa 

gun giulain mi mo chroisean le 

faighidin, agus gun striochd mi dhad thoil 

naoimhse anns gach trioblaid. Beannaich, 

naomhaich, us lionoraich an Eaglais 

naomh Chaitliceach : thoir grasan an 

Spioraid ISTaoimh dha Ceannard, agus dha 

buachaillean ; agus biodh gach aon dhen 

treud umhal freagrach dhaibh, agus an 

giulan iriosal diadhaidh carthannach. 

Deonaich an cinne-daonda gu leir thoirt 

a stigh gu t' Eaglais f hirinnich, agus dian 

umhal iad dhad lagh naomh. Amen. 



URNAIGHEAN AN AM NA H-AIPRINNE. 83 

Aig Memento Dominefamulorumy se sìn, cuimh- 
nich a Thighearn air do sheirbhisich ; a tha 'n 
sagart dianamh urnaigh an so air-son na feadh- 
nach is math leis a chomhnadh le'achanaich ; tha 
los a tionndadh mun cuairt ris na mnathan 
naomh, agus a giarraidh orra, iad a bhith gal 
air an son fhein agus air-scn an sliochd. 

A THIGHEARlSr losa, thoir dliomh.sa 
deoir an aithreachais, los gun glan 
mi bhuam mo pheacannan. Air-son na 
dh* f hiiilig thii air an t-slighe phiantail 
sin, agus air-son na h-iobairt naoimli a 
tha sinn a tairgse suas dhut, dian trocair 
ormsa, agus air gach aon a bhuineas 
domh. Thoir mathanas dham naimhdean, 
dian fuasgladh air gach. neach air reir 
uireasuidh, agus stiuir sinn uile led 
ghrasan anns a bheatha so, gus am bi 
sinn cho sona 's gun sealbhaich sinn a 
bheatha gun chrich. 

Nuair tha 'n sagart a cumail a lamhan os 
cionn an arain agus au fhiona : tha lamhan us 
casan losa gan tairngeadh ris a chrois. 

r\ M'ANAM, seall na bheil Uan Dè a 
fulang air do shon ! Na tairngean 



84 URNAIGHEAN AN AM NA H-AIPRINNE. 

garbha tha's a sparradh na lamlian 's na 
chasan, agus leis a bheilear ga f hasdadh 
ris a chrann-cheusaidh ; f huil phriseil a 
taomadh gu talamh, bho lotan cràiteach. 
O ghaoil gun choimeas ! Gum fuiligeadh 
tus, a Righ na glòrach, a leithid so do 
dhòruinn air-son peacaich thruaigh mar 
tha mise. Is aobhar gaoil, ioghnaidh, us 
bròin so dhomhsa rè mo laithean air 
talamh. Dè ni mi, ò mo Dhia ì Ciod a 
dh' f haodas mi thoirt dhut ? tairgidh 
mi dhut do Mhac ionmhuinn losa Criost, 
a tha dol a thighinn nuas air an altair. 
Sin an griomh aoraidh is urramaiche, agus 
an griomh taingealachd is taitniche leatsa 
is urrainn mi a chur an cèill dhut, ann an 
eirig mo pheacannan. 

Nuah' tha aa sagart a beannachadh an arain, 
agus a tcgail suas na Sacramaid : tha los air a 
thogail suas air a chrann-cheusaidh. 

i^ M'AISrAM ! leig dhiot smaointean 

saoghalta ; le creideamh beo, umhl- 

achd agus gradh, uidheamaich thu fhein 

gu aoradh a thoirt dhad Shlànair naomh; 



URlTAlGairAN AN AH NA H-AIFRINNE. 85 

seall Uan Dè a tlia toirt air falbli peacaidh 
an t-saogliail a tighinn a nuas air an 
altair, Beannaicliear dhut, los a Mhic 
Dliè Uile-chumliachdaich, mo Thighearn 
agus mo Dhia. A Chriosta, tha mi 
toirt aoraidh dhut ; tha mi creidsiim 
gum beil thu làthair ann a so, agus gun 
d' f huilig thu am bàs air mo shon gus mo 
shabhaladh ; ò neartaich mo chreideamh. 
Tha mi toirt gaoil dhut bho m' uile 
chridhe, thaobh 's gun tug thusa gaol gun 
choimeas domhsa. A Righ nan aingeal, 
cha n-fhiach mise thighinn ad f hianuis, 
ach, an dèigh sin, thug thu comas agus 
cuire dhomh gu thighinn ann. losa, glan 
m'anam bho luibhre a pheacaidh. losa dian 
trocair oirnn. losa deonaich gum faic mi 
ann am flathanas thu aghaidh ri aghaidh 
ann an gloir nach criochnaich. Amen. 

Nuair tha 'n sagart a beannachadh an fhiona, 
agus a togail suas na cailis, los gun toir am pobull 
aoradh do dh' fhuil phriseil Chriosta : tha fuil 
Chriost a struthadh bho lotan air a chrois. 

gEANNAICHEAR dhut Fhuil naomh 
a dhoirt bho lotan Chriosta, gu sa- 



86 URNAIGHEAN AN AM NA H-AIFRINNE. 

bhaladh a chinne-dhaonda, O losa, glan 
mise bho smal a pheacaidh led fhuil 
phriseil, 's na biodh i air a dortadh air 
mo shon gun fheum domh. Athair 
shiorruidh, seall air do Mhac naomh anns 
am beil do mhor thlachd ! Eisd ri guth 
na fala a tha taosgadh bho'lotan ; cha n-e 
diughaltas a tha i g-eigheach, ach trocair 
agus mathanais. mo Dhia air sgàth 
na dh'fhuilig Criost air mo shon air a 
chrois, seall air do shluagh gu leir le 
bàigh, caoimhneas agus trocair. Amen. 

Aig Memento Dominef far a bheil an sagart a 
guidbe air-son anman nam marbh chreideach : 
tha los a g-urnaigh air-son an t-sluaigh a bha ga 
cheusadh. 

Q THIGHEARN los, a dh' iarr math- 
anas dhaibhs' a bha gad cheusadh, 
thoir dhomhsa grasan na h-umhlachd, 
na carrantachd, agus na faighidin, los gun 
dian mi mar a rinn thusa, math an 
aghaidh an uilc, agus gaol a thoirt dha 
mo naimhdean. mo Dhia, tha mi 
tairgse dhut iobairt naoimh cuii'p agus 



URNAIGHEAN AN AM NA H-AIFRINNE. 87 

fala losa Croist as leth anman nam 
marbh chreideacli. 

Ann a so ainmich dhut fhein an fheadhainn 
air-son am bu mhath leat guidh. 

T\HAIBH so, us dha gach anam aig a 
bheil còir air m' achanaich, thoir thns, 
a Thighearna, gu fois shiorruidh fhlath- 
anais. Amen. 

Nuair tha an sagart a bualadh uchd, agus a 
g-radh, Noòis quoque peccatorihuSj se sin, agus 
dhuinne na pecaich; tha fear de na meirlich 
chaidh a cheusadh maille ri Criost, a tionndadh 
gu aithreachag. 

Q THIGHEARN los, a gheall flath- 
anas don mheirleach a dh' aidich a 
chionta, fiach dhomhsa an trocair chiadna; 
agus bhona tha nii gam dhiteadh f hein ad 
lathair, tha mi 'n earbsa gun toir thusa, 
mo Thighearn agus mo Dhia, grasan an 
aithreachais domh, agus lan mhathanas 
nam uile pheacannan. 

Aig Pater Noster no Fhaidir, 
Far a bheil an sagart a g-radh urnaigh an Tigh* 



88 URNAIGHÈAN AN AM NA H-AIFRINNE. 

earoa : tha sin a ciallachadh Dam facal mu dheir- 
eadh a labhair los, air a chrois. 

A THIGHEARN los, a cliuir do 
Mhathair fo churam deisciobuil do 
ghraidh, agus a chuir esan fo dionsa, tha 
mi gam liubhairt f hein dhut le lan earbsa 
as do mhathas, as do throcair, agus as do 
dhidean. mo Dhia, nach mi tha sona 
thus a bhith nad athair dhomh. I^ach 
sòlasach ri smaoineachadh gur e flathanas 
is ionad comhnuidh dhomh gu siorruidh. 
San àm, deonaich thusa gach nì a tha 
feumail thaobh anma agus cuirp a thoirt 
domh, gus an tuinidh bhuan so a chosnadh. 
Tha mi toirt lan mhathanais do gach aon 
a rinn eucoir orm, thoir thusa mathanas 
domhsa. O mo Dhia, bi maille rium anns 
gach trioblaid agus buaireadh, 's na leig 
dhomh gu bràch gèilleadh don pheacadh, 
as leth fulangas losa Criosta. Amen. 

Aig Agnus Dei, se sin, Uan Dd ; abair. 

T T AIN Dè, a tha toirt air falbh peacaìdh 
an t-saoghail, dian trocair oirnn. 



URNAIGHEAN AN AM NA H-AIFRINNE. 89 

TJain Dè a tha toirt alr falbh peacaidh 
an t-saoghail, dian trocair oirnn. 
i XJain Dè a tha toirt air falbh peacaidh 
lan t-saoghail, thoir sìth dhninn. 
! A Thighearn losa Criosd a thuirt rid 
i ostail, Tha mis a fagail slthe agaibh, tha 
mi toirt mo shìthe dhuibh, na seall air mo 
i pheacannan, ach air creideamh d^eaglais ; 
jagus deonaich dhi ant-sìthagus anaonachd 
ia tha taitneach dhad thoil ; a tha beo sa 
rian fad shaoghal nan saoghal. Amen. 

Thighearn losa Chriosd, Mhic an Dè 
bheo, a thug led bhàs, air reir toil t^athar, 
maiUe ri co-oibreachadh an Spioraid 
N"aoimh, beatha dhan t-saoghail, saor mise 
ed chorp us led fhuil is ro-naomh, bho 
n'uilepheacannan, usbhonh-uile truaighe ; 
}hoir orm daonnan gun dluth lean mi ri 
/fhàintean : agus na leig leam a chaoidh 
>hith air mo sgaradh bhuats a tha beo sa 
ian maille ri Dia an t-Athair, ann an 
onachd an Spioraid Naoimh, fad shaoghal 
:un chrìch. Amen. 
Na tionndaidh do chorp, ò Thighearn 



90 URNAIGHEAN AN AM NA H-AIPRINNE. 

losa Chriosd, a tha mise, ge mi-iomacliuidh; 
gabhail a dhànadas a ghlacail, gu breith- 
eanas us dìteadh dhomh j ach biodh e, as 
leth do throcair, na dhion agus na leigheas 
domh, air m'anam 's air mo choluinn : thui 
a tha maille ris an Athair, ann an aonachc 
an Spioraid Naoimh, beo sa rian ad Dhii 
fad shaoghal nan saoghal. Amen. 

Aìg Domine non sum dignus, se sin, Thighearna 
cha n-fhiach mise. Abair : — 

\ THIGHEARNA, cha n-f hiach mis' 

gun tige* tu stigh fo m* ardaich, acl 

abair am facal a mhàin s* bldh m' anan 

sabhailte. 

A Thighearna, cha n-f haich mise guii 
tige' tu stigh fo m'ardaich, ach abair ar 
facal a mhàin 's bldh m' anam sabhailte. 

A Thighearna, cha n-fhiach mise gu:i 
tige' tu stigh fo m' ardaich, ach abair ai 
facal a mhàin, 's bidh m'anam sabhailte. 



Nuair tha'n sagart a gabhail sacramaid cuiri 
agus fala Chriosta: tha so a cur an cuimhne dhuin, jL 
gun tug losa suas an deo air a chrois, gus ar saorad 
bhor peacannan ; air reir briathran Phòil : ** (7/ 
tric agus a dh' icheas sihh an t'aran so, agus \ ]^^ 







URNAIGHEAN AN AM NA H-AIFEINNE. 91 

dh* olas sihh a chaiUs so, taisheanaidh sihh hàs an 
Tighearna gus an tig e." 1 Cor. xi. 26. 

Comanachadh Spioradail. 

MHIC Dhè, moladh, cliu, agus gloir 

gim robh dhutsa gu siorruidh, air- 

, 5011 do ghaoil, do mhathais, agus do thro- 

"i3aire don chinne-dhaonda. Gu fior, is 

ibus am BuachaiUe math a dh' fhuilig am 

i^ijbàs air-son do chaorach. biodh mo 

l3hridhe air-son sin lan gaoil us taing- 

^*^:3alachd dhut gu bràch, mo Thighearn 

ngus mo Dhia, m' Fhear-saoraidh, agus 

^%no Shlànair. Ge do rinn thu iobart air 

chrois, tha sinn a g-aideach nach b* 

^^iiridh, nach b' f hiach, nach do thoiU sinn, 

^^^^un doirte' tus am boinne is lagha dhe 

■/fhuil phriseil air ar son. Agus cha 

i-fhoghnadh leat na rinn thu an sin; cha 

^ io sguir do ghaol air a chrois ; is cuan 

lach tràigh do mhathas. Se do mhiann 

\ bhith buileachadh do ghrasan oirnn an 

H^ònuidh ; is sagart thu gu bràch a rèir 

y }rdugh Mhelchisedec a tairgse suas iobairt 

iMiaoimh na h-aifrinn gach là. Nad mhor 



92 URNAIGHEAN AN AM NA H-AIFRINNE. 



gUiocas, us nad mhoir cliumliaclid rinr 
thu am miarailte iongantach so, (aran us 
fìon a thionndadh gud chorp fhein's guc 
f huil) gu m'anamsa naomhachadh, agus 
a bheathachadh. Tha do dhiadhachd 
agus do dhaondachd fo riochd arain agus 
fiona air an altair ; le creideamh laidii i' 
tha mi toirt aoraidh dhut fo sgàil ar 
arain agus an f hiona, a tha ceiltinn agui 
a falach orm do ghloir. Is truagh nacl 
robh mi deas gus do ghabhail anns ar 
t-sacramaid naoimh so. Ach abair thu£ 
am facal, agus bithidh m'anam sabhailte 
Thigse, 6 Thighearn, ann an doigh spiorad 
ail a ghabhail comhnuidh am anam 
Miadaich mo chreideamh, nèartaich mc 
dhochas, fadaidh teine do ghraidh an 
chridhe, agus dian rèite eadar mi agu{ 
an t-Athair siorruidh. 



Nuair a tha 'n sagart a cuibhrige* na cailis 
tha corp Chriosta ga chuir anns an uaigh, comh- 
daichte le lion-anart. 



,m l 



A THIGHEAEIS" los, a dh'f huilig ai 
bàs, agus a chaidh thiodhlacadh aii 



k 



3UIDHEACHAS AN DEIGH NA H-AIFRINNE 93 

no shon, deonaich mo neartachadh gu 
ma-miannan mo choluinn a chur gu bàs, 
e bhith gan claoidh gach latha, air chor's 
;um bi m'anam saor, bho luibhre ghraineil 
l pheacaidh. 

j Nuair tha *n sagart a tionndadh rìs a phobull, 
Igus a g-radh Dominus voUscum, se sÌD, gun robh 
liijn Tighearna maille ribh : tha los a g-eirigh bho 
la mairbh 's ga fhiachainn fhein do na deis- 
iobuil. 

\ THIGHEAEN los, a thug buaidh 

air a bhàs, agus a dh'eirich an treas 

itha ann a staid ghlormhoir, cuidich 

lise le cumhachd do ghras, gu eirigh bho 

hàs a pheacaidh gu beatha nan gras, 

^s gu fuireach anns an staid naoimh 

) gu latha mo bhàis ; air chor 's gum bi 

th an sin aig m'anam, agus gun gairm 

m e gu sòlas nach dibir. 

Nuair tha 'n sagart a leughadh urnaigh 

jireannaich na h-aifrinne : tha losa rè dà 

„ ichead latha ann an cnideachda nan ostal, agus 

''^'' n deisciobul eile, gan soilleireachadh annsgach 

a thaobh creidimh. 



i\ SHLAISrAIR bheannaichte, atheag- 
aisg an creidheamli firinneach dha 



94 BUIDHEACHAS AN DEIGH 

do dheisciobuil, dian mise umhal dhad 
theagasg naomh agus striochte do riagh- 
ailtean na h-Eaglais naoimh Caitlicich 
a steidhich thu f hein air a charraig, agus 
dha na gheall thu gum biodh an Spiorad 
Naomh ga stiuradhgu deireadh an t-saogh 
ail ; gealladh firinneach nach bristear, 'f 
nach briagnaichear a chaoidh, a dh' ain 
deoin farmaid us mìoruin, innleachdan m 
chumhachdan an dorchadais, agus ionn 

saidhean eiriceach. 

I 
I 

Aig a Bheannachadh, A 

\h 
Nuair tha 'n sagart a dìanamh comharra n.^ ì^ 
croise air a phobull agus a toirt a bheannachc ad 
dhaibh ; tha los a togail suas a lamhan, agus ; 
toirt a bheannachd do na deisciobuil agus a do 
suas do fhlathanas nam fianuis. 

A THIGHEARN los, a chaidh d 

fhlathanas an ceann dà-fhichea(|iiiii 
latha an deigh t'aiseirigh glormhoir, toj 
mo chridhese suas gu neamh ad dheigh 



) 



Brist slabhraidh a pheacaidh a tha gan ^jn 
cheangal ris an t-saoghal so ; O mo Dḥ :o(j 
thugas domh gum bi gach nt talmhaid^ ^ 



'm 



lac 



NA H-AIFRINNE. 95 

stiarach neonacli am sliuilean, agns gum 
bi m' anam lionte led ghaolsa. O 
rhrionaid naomh, tlioir do bheannaclid 
ihomh le lamhan do phears-eaglais aig an 
lìtair ; agus biodh e mar chomharradh air 
i bheannachadh a tha dùil agam f haotainn 
jneasg do dhaoine taghte, maiUe ris an 
I eid mo ghairm gu gloir mhaireannaich. 
imen. 

Aig hughadh Soisgeil naoimh Uoin. 

Anns a bheil morachd us diadhachd losa 
Jriosta gu sonraichte air an dearbhadh ; tha ar 
DJ!l''ighearn losa Criosta na shuidhe gu glormhor 
MÌlr deas laimh an Athar shiorruidh. 

ddi'^ MHIC Dhè, agus a Sholuis an t- 
saoghail, thainig a nuas à uchd an 
èfkthar, gu slighe an t-sabhalaidh fhiach- 
lealiinn duinn, is tusa mo sholus agus mo 
tfl{ leann-iuil, mo bheatha agus m' iuntas ; 
igli la mi toirt urraim is aoraidh dhad mhor- 
c'aji!i[achd dhiadhaidh. Is tusa mo Dhia, 
ìliLo Chruthadair, agus mo Shlanair. Sann 
aifcads' a mhàin tha còir air mo ghradh 



96 BUIDHEACHAS AN DEIGH 

agus air mo sheirblieis. O mo Dhia, 
gabh seilbh am anam, agus naomliaich 
dhut f bein e. mo Dbia, thugas domh 
gum bi mi dileas dut gu ruig am bàs, los 
gum meal mi thu ann an aoibhneas sior- 
ruidh. Amen. 

Urnaigh an dèigh na h'Aifrinne, 

f\ MO Dhia, tha mi toirt molaidh, 
aoraidh agus cliu dhut, a chionn 
gun tug thu comas domh a bhith an 
lathair na iobairt naoimh so air an latha 
an diugh. Thoir mathanas domh anns 
gach peacadh anns na thuit mi le smaoin- 
tean fuadain, no le fuar chrabhadh. Ol 
Thighearn losa, bho bhrigh's bho thoradh 
na h-iobairt beannaichte so, thoir grasan 
domhs' a bheir misneach agus càil domb 
gu imeachd gu sabhailte tro thrioblaidean, 
chunnartan, agus bhuairean na beatha so. 
los gum bi mi cho sona 's gun sealbhaiol] 
mi rioghachd f hlathanais. O mo Dhia, thg 
mi cur romham a bhith dileas seasmhacl 
nad sheirbheis gu latha mo bhàis ] neart 



NA H-AIFRINNE. 97 

aich agus naomhaich mo thoil agus mo 
dhùrachd, air sgàth fulangas agus bàs 
mo Shlànair losa Cfiosta, — Amen. 



BUIDHEACHAS AN DEIGH NA 
H-AIFRINNE. 

Urmdgh, 

/^ DHIA Uile-chumhachdaich,saShlàn- 
^^ air uile-throcairich, a Sholuis an t- 
saoghail sa Ghloir fhkithanais, tha sinne 

Ile umhlachd 's le taingealachd a g-aideach 
na comaine a chuir thu oirnn, le thu 



fhein a liubhairt ad thobhartas peacaidh 
as rèite air ar son, annan iobairtbheann- 
aichte na h-aifrinne tha simi air eìsd- 
^achd. Deonaich, tha sinn a g-achan- 

-^ ìich ort, ar n-iimtinn a shoilleireachadh 
ied ghrasan, ar cridhe a lasadh ìed ghradh, 
as cumhachdan ar n-anma air fad a 
aaomhachadh, air chor's nuair hxbhras ar 
3Ìal na briatliran tha t'Eaglais naomh cur 
:omhainn, gum bi ar cridhe toirt aoraidli 
-Ihad phearsa dhiadhaidh, sa gabhail iogh- 

^^jiaidh à lionmhorachd do mhatliais us do 






98 BUIDHEACHAS AN DEIGH 

throcair, Thoir dhuinn os barr bhith an 
geall air gluasad san t-slighe dhiadhaidh 
anns an d'imich thu f hein, los gum brist- 
ear mu dheireadh gach teud peacaidh tha 
gar ceangal ris an t-saoghal, le bhith sìor 
smaoineachadh air gloir shiorruidh f hlath- 
anais; agus gun dluthaich sinn le gaol 
daingean riuts a tha maille ris an Athair 
agus an Spiorad Naomh, ann an cumhachd 
's ann an gloir gu siorruidh. Amen. 

Te Deum 7ho Lcmdh molaidh do DMa. 

THA sinn, a Dhia, seinn do chliu, 
A g-aideachadh gur tu ar Triath, 
Toirt urraim dhut tha ^n domhan mor ; 
Athair gun tùs gun chrich. 

Tha na h-Aingle naomh gu leir, 
Tha Cumhachdan nèimh gu h-ard, 
Tha Cherubim le caitbream binn, 
XJs Seraphim a seinn gun tàmh : 

Is Naomh, Naomh, Naomh 
Thu, Thighearna Dbia nan slògh ; 
Tha neamh us talamh lan, 
Led mhorachd us led ghloir. 

Tha còisridh ghlormhor Ostala, 
Tha Fàidhean 's airde cliu, 
Tha armailte geal nam Mairtirean, 
Gad mholadb, a Eigh nan dùL 



NA H-AIPRINNE. 99 

Anns gach àite a ta fon ghrein, 
Tha t^Eaglais naomh, a Dhia, 
A g-aoradh dhut sa toirt gèill ; 
Athair na morachd gun chrich. 

Aig t'aon Mhac fìor tha h-uile còir, 
Air urram us gloir mar-aon ; 
Mar sin 's an Ti nì cobhair oirnn, 
An treas pearsa den Trionaid naoimh. 

Is tus, a Chriosta, E-igh na gloir, 
'S tu Mac Siorruidh gun tùs, 
Nach d' rinn tàir air com na h-Oighe, 
Gu sabhaladh a cheannach dhuinn. 

Thug thu buaidh air guin a bhàis, 
Dh' fhosgail tu dhad chreidich nèamh ; 
'S tu tha 'n gloir Athar nan gras, 
Nad shuidhe air deas laimh Dhè. 

Thig thu thoirt breith air an t-sluagh ; 
Gabh truas dhed mhuinntir fein, 
A shaor thu led fhuil bu mhor luach, 
A thaom bhuat ro ioma creuchd, 

Mealadh iad do ghloir gu bràch, 
Air an aireamh measg nan naomh, 
Fo sgèith do chumhachd biodh iad slan, 
Ann an seilbh do ghrasan caomh. 

Eiaghail iad us dian dhaibh iul ; 
Stiuir iad gu beatha bhuain ; 
Molaidh sinn thu, Dhia nan dùil, 
Gach là bithidh do chliu ga luaidh. 



100 BUIDHEACHA8 AN DEIOH 

Molaidh sinn t^ainm gun tàmh, 
Gu lath' ar bàis 's na dhèigh ; 
Cliu bheirear dhut gu bràch : 
Dion sinn led ghras bho bheud. 

Dian trocair oirnn, a Dhia nan gras ; 
Eeir ar n-earbsa dian trocair oirnn. 
Mo dhochas tha unnads' a mhàin : 
Chaoidh cha bhi failKnn orm. 

CL. SALM. 

1V/["0LAIBII an Tighearn na ionadan 
"^^-^ naomh : molaibh e ann a speur a 
chumhachd. 

Molaibh e air-son a ghriomhan treuna : 
molaibh e a reir lionarachd a mhorachd. 

Molaibh e le fuaim trompaide : molaibh 
e le saltair us clarsaich. 

Molaibh e le tiompan us cosheirm : mol- 
aibh e le teudan us organ. 

Molaibh e le ciombala dea-fLuaim- 
neach : molaibh e le ciombala subhach- 
ais : moladh gach spiorad an Tighearna. 

Gloir do 'n Athair, 's don Mhac, 's don 
Spiorad Naomh, a bha, sa tha, sa bbitheas 
gu siorruidh. Amen. 



101 

' FAOISID 

UIDHEAMACHADH GU FAOISID. 

Soilleirmchadh cdr Faoisid, 

[A 's matli leat t'eisdeaclid a dliianamli 
leis an uidlieamacliadh clieartj feum- 
aidli tu do cliomhairle a chur ri Dia le 
moran suim, agus, beagan laithe ro-laimh, 
iarraidhair gu tric agus gu dìan, comhnadh 
a ghrasan thoirt dut ; gu h-araid ma thach- 
air dhut bhith moran ùine ann a staid a 
pheacaidh ; rud a chuireadh feum air dol 
a leth taobh uaigneach car beagan lài, gus 
thu f hein a dhianamh deas le urnaigh agus 
crabhadh ; gus an gnothach a ghabhail fos 
laimh le curam, agus gus an tuigeadh tu 
do staid le feartan urnaigh agus crabhaidh. 
Hannsaich do chogais le dichioll mor 
agus saothair, gun dol gu geilt no ime- 
cheist. Cuidich do mheomhair le clar-innse 
nam peacannan, agus gabh sàr bheachd air 
na h-ana-miannan tha fuaighte riut ; air a 
chuideachda anns an robh thu ; air do 
ghnothaichean gnàthail ; air dleasnasan do 
staid,agusair an doigh anns do choimhlion 
thu iad ; h-uile peacadh anns do dh' eirich 
"dhut tuiteam an griomh no 'n dearmad 



102 UIDHEÀMACHÀDH 

faigh amach, agus cho tric agus a bha 
thu ciontach. 

An dèigh do chogais a rannsachadh mar 
a thige' dhut, na saoil gu bheil thu nis deas 
air-son t'eisdeachd, tha chuid is cudthrom- 
aiche den chùis f hathasd romhad ; agus 
se sin uine agus saothair a ghabhail 
ort f hein gu fior aithreachas a thogail 
nad chridhe, maille ri gràin f hàthasaich 
air-son do chiontan leis an tug thu tàir 
do Dhia ; agus rùn laidir le cuideachadh 
a ghras gun seachainn thu na peacannan 
ciadna à so suas cuide rin ceann-aobhair, 
agus gun cleachd thu miadhonan iomach- 
uidh gu tòiseachadh air caithe-beatha ùr. 

Gu ruighinn air bròn cridhe air-son do 
pheacannan, agus rùn laidir an seachnadh, 
feumaidh tu na grasan so iarraidh gu dur- 
achdach air Dia (oir sann uaithse thig 
iad) 'j uime sin gus do chridhe a ghluasad 
gu fìor aithreachas, leag t'aire gu dìan air 
urnaigh agus smaointean crabhach, us gu 
h-araidh air na ceithir nichean deirean- 
nach, air grainealachd a pheacaidh, air 
mathas Dè, air pàis agus bàs Chriosta, 
Nuair a ruigeas tu air a mhulad throm 
so, le beachd a bhith dileas do Dhia, 
faodaidh tu bhithandochasbhithuidheam- 



GU FAOISID. 103 

aichte air-son t* eisdeachd ; ach as 
easbhuidh so cha n-eil thu deas. Ma tha 
dad air t'inntinn a tha sgàth ort aideach, 
leig air urnaigh agus bròn as ùr gus am 
faigh thu neart agus grasan a chuireas 
am fìamh ceacharra so air chul. Agus a 
chaoidh na gabh a dhanadas no a ladarnas 
ort fhein, dol gu t'eisdeachd ann am 
beachd briag a dhianamh don Spiorad 
Naomh. O ciod e an toil-inntinn nach 
toir e dhut do chridhe aotromachadh bho 
eallach a pheacaidh ! Agus dè . am f àsgadh 
agus an cnamh-cogais nach eil nan cleith. 
An àm aideachaidh,umhlaichthu fhein, 
agus innis do pheacannan gu saor soilleir, 
gun an laghdachadh le lethsgeulan, no le 
tilgeadh na coire air an atharrach: dean 
lan aideach air seorsa agus air aireamh 
do pheacannan maille ris na cuisean tha 
g-atharrachadh an naduir no leasachadh 
gu mor an coire. — Biodh do bhriathran 
beusach, agus, ma ghabhas e seachnadh 
dut, na toir suas ainm duine air bith a 
bha na aobhar peacaidh dhut. 

Urnaigh ro Bcmnsachadh Gogais, 
\f\ MO Dhia, a tha fìanuiseach air 
^^ smaointean diomhair mo chridhe; 
Tha fìos agad gur ann gu leasachadh do 



104 UIDHEAMACHADH 

ghloir, iis sabhaladh m'anma tha mi 
tighinn a dh' aideach mo pheacann^n. 
Tha mi an geall air m' anam a ghlanadh 
bho smal a pheacaidh le sacramaid naoimh 
na faoisid, a dh' ordaich thu gu leas m' 
anma. O mo dhia, thoir domh comhnadh 
do ghras gus an dleasnas cudthromach so 
a chur an griomh, ann an seol 's gum 
faigh mì mathanas am pheacannan. O 
mo Dhia, tha mi faicinn gu soilleir gun 
d'rinn mi iomadh euooir ad aghaidh, a 
thoill do chorruich agus do dhiughaltas; 
agus mur faigh mi mathanas unnta, gun 
teid mo thilgeadh as t'fhianuis gu bràch. 
Tha mi nis ma-fca ro-dheonach air staid 
m' anma a rannsachadh^ agus mo phea- 
cannan fhaighinn a mach, ieis an tric a 
thog mi t'fhearg. Ach, ò mo Dhia, cha 
dian mi aoh mi fhein a mhealladh mur 
faigh mi soiìleireachadh do ghras. Air 
an aobhar sin cuir thus an cuimhne domh 
gach peacadh .agus eucoir anns a bheil mi 
ciontach : oir is math tha fios agam nach 
eil nì am falach no 'n dubhar ort. Ach 
tha mise fo dhuibhre 's fo cheo a pheac- 
aidh. Tha mi air mo chuairteachadh le 
aineolas, tham' ana-miannan gam dhalladh, 
agus m' ardan a cur sgieo air gach eucoir; 
agus ged is leir dhomh cuid dhe mo 



GU FAOÌSID. 105 

lochdan, tha roinn mhor dhem pheacannan 
am falach air suilean m' anma. Ach, ò 
mo Dhia, thoir thiis iad sin am foUais 
domh ; dearrsadh soliis do ghras air 
m'anam, los giim faic mi gii soilleir gach 
eucoir a rinn mi, agus gach giomh us 
f àillinn tha fuaisjhte rium, agus na biodh 
dad air bith am falach orm a dh' fhaodas 
bhith na aobhar ditidh dhomh. O Spioraid 
[N^aoimh, sgap thus an ceo tha ga mo chur 
iomrall; fia<3h dhomh mo neonachd, mo 
shuaraiche, mo bhochdainn, agus graineal- 
achd mo pheacannan, los gum faigh mi 
eolas orm fhein agus ortsa mo Dhia; agus 
gun tiU mi riut le cridhe aithreachail agus 
brònach, leis an toill mi fathamas agus 
trocair a bheir mp.thanas domh am pheac- 
annan. O mo Dhia, leis nach àill bàs a 
pheacaich, ach gum bi e beo, dian rèite 
rium air an lath 'an diugh. Thoir mis- 
neach dhomh, dian mo neartachadh, mo 
chuideachadh, agus mo chomhnadh. Thoir 
bhuam spiorad an ardain, los gun aidich 
mi mo pheacannan gu saor agus gu soilleir, 
le cridhe iriosal agus brùite. O mo Dhia, 
thoir rùn laidir dhomh am peacadh agus 
ceann-aobhair a pheacaidh a sheachnadh 
% so suas, air sgàth do Mhic losa Criosta. 
à.men. 



;106 



UIDHEAMACHADH 



\ RANNSACHADH COGAIS. 

^ Air na Deich FàintearK 

I. "pHAIISrTE. Tha cion Creidimh, 
•*" Dochais, Graidh, agus Crabliaidli 
a bristeadh air an fhàinte so. 

Cion Creidimh. An robh ciad phuing- 
ean do chreidimh, mar tha rùn-diomhair 
na Trionaid, fàintean Dè, 's na h-Eaglais, 
agus na seachd sacramaidean anaineol orti 
Na chuir thu an teagamh, no 'n d' aich- 
eadh thu puing sa bith dhed chreideamh^ 
Na dh' aontaich thu le eiricich, no le droch 
cuideachda nan labhairt an aghaidh do 
chreidimh, no deagh bheusan? Na leugh 
thu leabhraichean eiricich le tlachd no 
cunnart dha t'anam? An d' rinn thu diù, 
no 'n tug thu tàir do rudan naomh*? An 
robh thu rannsachadh rùintean diomhair 
Dhè, agus a fìachainn rin tuigsinn le tùr 
naduir. Na dh' iarr thu eolas no leigheas 
air draoidhean no bana-bhuidsichean'? An 
robh thu cur seadh breige air facal Dè, no 
ga thoirt a stigh ann an seol faoin, no 
mar ghèire facail 1 An robh thu toirt 
creideis do bhruadar no do dh' aisling cad- 
ail, agus gam breithneachadh ? 



GU PAOISID. 107 

Cion Dochais. An robh thu toirt cèill 
do ghrasan Dè, no call do dhùil ri trocair, 
*s ri mathanas do pheacannan ì An robh 
thu gabhail danadais aii* mathas Dè, le 
bhith dol air t'adhart ann an drochbheart, 
no cur dàil anns an aithreachas ] An robh 
thu gabhail uiread dhanadais as do neart 
fhein, no a grasan Dè/s gun do chuir thu 
thu-f hein ann an cunnart peacaidh, le dol 
an droch cuideachda no leughadh dhroch 
leabhraichean, no dianamh rud air bith 
eile a thigeadh gu dolaidh cuirp no anma 
dhut] 

Cion Graidh. An robh thu toirt gaoil 
do Dhia os cionn gach nì, no an tug mor- 
chuis no ardan ort an lagh a bhristeadh, 
a roghainn air tàir no masladh fhulang 
bho dhaoine, no thu-fhein a chomhar- 
raehadh mach mar Chaitliceach ? An 
tug saidealtas, nàire, no cabhag shoagh- 
alta ort t' urnaigh, no dleasnas sa bith 
^ eile fliàgail ì An robh thu diochuimlm- 
each air Dia, no neo-aondach da ghras- 
an ì An robh sgàth ort labhairt mu 
Dhia, no an robh thu mi-thaingeil dha 
air-son a ghrasan, agus a thiodhlaicean 
dhut. 



108 UIDHEAMACHADH 

Cion Crabhaidh. An robh thu lubadh 
do ghlùn gu tric do Dhia; gu h-araidh 
much agus anamuch ì An robh thu 
gabhail t' nrnaigh le snim agus le dùrachd, 
no 'n robh thu leigeil le smaointean 
eile drùdhadh a stigh ort led dheoinl 
An tug thu as-onair do Dhia, no sgain- 
neil do 'n atharrach le luasgan, bruaillean, 
no cadal an àm na h-urnaigh ì An robh 
thu cur dhiot bho latha gu latha sgur de 
'n olc, agus tòiseachadh ri math ì 

II. A M beil e na chleachdadh agad 
bhith toirt ainm Dhè an diamh- 
anas"? Dè cho tric 1 Am bi thu ri 
mionnan breige no obainn? An tug thu 
mionnan eithich, a dh' fhaodadh dolaidh 
a dhianamh air an atharrach, a thuilleadh 
air peacadh an aghaidh Dhè ì An tug 
thu do mholìachd do neach air bith, no 
'n d' rinn thu guidhe dhut fhein ì Na 
ghabh thu tlachd ann am mionnan an 
athaiTaichl Na bhroBnaich thu e gan 
ionnsaidh ì An tug thu bòid nach robh 
ceart, no fos cionn do chomais a clioimh- 
lionadh ; no ma bha i ceart, na bhrist 
thu i, no 'n robh thu fadalach ga cur an 
griomh ì 



GU FAOISID. 109 

III. TVT A bhrist thu air an Dònach, no 
^^ làithean saor ì an d' rinn thu- 
f hein, no na leig thu le h-aon sa bith a 
bha fod rian^ am bristeadh, le seirbheis 
mhi-riatanaich sa bith a dhianamh air na 
làithean sinl Na chosg thu bheag de 
na làithean sin ann an diamhanas, leisg, 
cluith no sùgradh ì An d' eisd thu an 
aifrionn, an tug thu 'n aire gu math don 
teagasg, do chrabhadh, 's do leabhraichean 
diadhaidh 1 

lY. Tha dleasnas cloinne agus phar- 
antan maT'aon anns a/ìfifhàinte so. 

"jVrAH urra Chloinne. An tug thu tàir 
'*' -^ no as-onair dhad pharantan ann 
am briathran no an dianadas ] Na dhiult 
thu an comhairle a ghabhail 1 An robh 
thu leisg diorrasach dhaibh, no coma 
umpa 1 An robh thu g-ordachadh am 
bàis gu ruighinn air an cuid ? am bu 
mhath leat olc sa bith eirigh dhaibh 1 
An d' rinn thu diù dhe an comhairle'? 
Na ghabh thu gu h-olc achasan uapa % 
An d' rinn thu olc sa bith air an iarratas ? 
Na thog thu gu feirg no corruich iad ì 

Mojr Sheirbhiseack Na dhiult thu 



110 UIDHEAMACHADH 

gnothach sa bith dhianamh a dh* iarr do 
mhaighHtir no do bhana-mhaighstir ort ? 
An robh thu mi-dhurachdach no mi-dhi- 
leas ann an gnothach sa bith a bha 'n 
earbsa riut ì Na leig thu call sa bith nan 
rathad ì An robh cion dichill ort a cur 
air adhart gach nì a thigeadh gu feum 
dhaibh ? 

Mar Pho/ranta. An robh thu gun 
umhail gun speis dhed chuid cloinne, no 
mi-fhreasdalach orra thaobh cuirp no 
anma ? An robh thu toirt achasain 
daibh nuair a rachadh iad as an rathad, 
no leigeadh leo bhith ruith air an toil 
f hein ] Seall air an laimh eile nach robh 
do chuid cloinne mua 's beadarrach agad. 
Fiach nach robh thu toirt droch shamhla 
dhaibh le droch ghiùlan ort-fhein. An 
robh thu cruaidh orra, no coimheach riu ? 
An robh thu g-iarraidh an cur gu ceird, 
no staid sa bith eile, an aghaidh an toil. 

Ma/r Mhaighstvr, An robh thu curam- 
ach us faiciUeach mu ghiùlan agus mu 
chaithe-beatha do sheirbhiseach, a toirt 
comhairle gu 'n leas orra, agus gan cron- 
achadh an uair bu chòir t an robh thu 



GU PAOISID. 111 ' 

toirt orra an urnaigh a ghabhail, an 
aifrionn eisdeachd, agus na sacramaidean 
achleachdadh ì An robh thu dianamh 
diù dhiu, a sealltainn sios orra, a toirt 
tàire dhaibh, a trod riu ì An robh thu 
diultadh an tuarasdal a phaigheadh, no 
cur dàil ann ? ì 

Ann an so rannsaicheadh gach aon e 
fhein air a staidfhein. 

Ma 's Fear-taighe e, sealladh e ciamar 
a tha e toirt an aire air f hein agus air a , 
theaghlach ; agus mar sin, ceasnaicheadh- 
gach duine e f hein, ciod sa bith driachd . 
a th' aige. I 

V. "DHEIL thu ciontach ann am murt, i 

no 'n dortadh fala neochiontaich ? 
Ajti d' rinn thu ciorram no dochann air i 
m atharrach "ì Na bhuail, no na chiurr \ 
:hu e ì An robh goimh no farmad, 
iiumb no gamhlas agad ris ? An tug thu 
Tod, beum, no sglamhrainn dha? An 
i' rinn thu olc no diughaltas air ; no 'n 
^obh an toil agad ? Na dhiult thu 
nathanas a thoirt seachad ? Na chum 
ihu fearg ris ? An robh thu fiiar coimh- 
3ach ris, a seachnadh bruidhinn a dhian- 



112 UIDHEAMACHADH 

amh ris, no fàilt a chur airl An tug 
thu sgainneil seachad, se sin peacadh a 
dhianamh an lathair feadhnach eile ? 
Agus is leasachadh air do pheacadh, ma 
sann gu feadhainn eile a bhrosnachadh 
gu peacadh thug thu seachad sgainneil ì 
A g-eigneachadh, a comhairleachadh, no 
cuideachadh an atharraich gu peacadh 
a dhianamh ì A dianamh dion no cul- 
taice do dhroch dhaoine, no dol eadar iad 
us ceartas ; a toirt eolais do 'n atharrach 
air a pheacadh nach b^ aithne dha ; a 
moladh an uilc, no na feadhnach a bhios 
ris an olc ; a dianamh uaill as an olc a 
rinn thu f hein ; a toirt droch mheas air 
an atharrach, no air a dhianadas, no 
laghdachadh a chliu : gun bhith toirt 
h-uile oidhirp a b' urrainn thu air dea- 
fhaghlum, dea-oiiean, agus dea-bheusan 
ionnsachadh do 'n fheadhainn a bha fod 
churam ; a dianamh dearmaid air oib- 
richean na trocaire spioradail no corporra? 

YI. Bristear an t-siathamh fàinte air 
ioma doigh. 

T EIS an Teangaidh: le bhith labhairt 
-*-^ cainnt dubailte as an tuigear seadh 
neoghlan ; le draosdachd no drabasdachd ; 



GU PAOISID. 113 

le seanachas salach ; no g-aithris eochd- 
raidh mi-bheusaich ; a gabhail orain gaoil ; 
a toirt comhairle, seolaidh, no brosnach- 
aidh gu mi-ghimneachd. 

Leis an t-Suil : a coimhead air rudan a 
thogas droch smaointean ; mar tha seall- 
tainn air an atharrach a bheil e maiseach 
no briadha ; no air dealbhan mi-bheusach ; 
no ort f hein, no neach eile ann an seol mi- 
àraid ; a leughadh leabhraichean mi- 
shuairc. 

Zeis a Chluais: a g-eisdeachd ri cainnt 
shalaich, draosdachd nodrabasdachd, orain 
ghaoil, eachdraidh mhosaich ; a gabhail 
't||tlachd as a leithid sin de sheanachas, no 
ga leigeil air adhart nuair a bha e nad 
chomas a bhacail, no nuair nach robh, a 
fuireach san droch cuideachda. 



Le Laimhseachadh : a beantuinn dut 
fhein, no do f headhainn eile ann an seol 
mi-àraid ; a breith air boirionnaich, gan 
laimhseachadh, no gam pogadh an doigh 
mhi-bheusach. 

Lq Smaointean : a stad gad dheoin air 

d2 



114 UIDHEAMAGHADH 

smaiontean salach, a gabhail tlachd unn- 
ta, a toirt aonta dhaibh, no cur romhad 
an cur an griomh. 

Le. Griomh : ciontach ann an diolanas, 
an adhaltras, no am peacadh an aghaidh 
naduix ; ma si maighdean, no banacharaid 
thug thu as an rathad, is miadachadh air 
do pheacadh e ; bu loasachadh cuideachd 
air, ma bha eiginn, cruaidh impidh, no 
gealltanas breige sa chùis. 

VII. r^IONTACH ann an goid ; a 
^ cumail cuid an atharraich uaithe 

ga b' oil leis, no dh'aindeoin ; a diultadh 
t' f hiachan a phaigheadh, gan aicheadh, 
no cur dàil unnta ; ri cuir, no mealltair- 
eachd an am bargain ; a dianamh call sa 
bith air an atharrach, no milleadh air a 
chuid ; le toirt sèachad droch airgid, 
no ga chùineadh; a diultadh deirce do 
dhaoine bochda, neo-fhuasglach air daoine 
feumach. 

VIII. 4 TOGAIL fianuis bhreige an 
-^ fi^haidh do choimhearsnaich ; 

a dianamh bhriag, no gan dion : a cur 
fodha an neochiontaich, agus a toirt an 



GU FAOISID, 115 

uachdar a chiontaich; ri culchainnt sa 
dubharachadh cliu an atharraich ; a dian- 
amh follaiseach a pheacannan no fhàillin- 
nean diomhair ; ri ceilg, no gabhail coltais 
dhiadhaidh ort f hein bhon leth a mach. 

I IX. A ■ SANNTACHADH bean do 
•^^ choimhearsnaich. Tha chuideile 
air an t-siathamh fàinte. 

X. A N robh thu sanntachadh rud sa 
^^ bith a bhuineadh do 'n atharrach ì 
Chunnacas a chuid eUe air an t-seachdamh 
fàinte. 

Fàintean na h-Eaglais. 

TVTA thraÌBg thu an CarghuB, agus 
^^ làithean eile bh' air an ordachadh ? 
Na sheachainn thu feoil air Di-haoine 
agus laithean eile nach eil e ceadaichte a 
h-iche 2 Na dh' eisd thu an Aifrionn air 
Di-dònaich agus air làithean feille 1, An 
d' rinn thu deagh f haoisid ^s na ghabh thu 
comaine, aon uair sa bhliadhna an car is 
lugha: deachamh a phaigheadh dha na 
pearsachan-eaglai^ ; posadh le bainis anns 
^ Charghus no san Aidbhen, no 'n taobh 
stigh den cheasfchramh. oeum cairdeis ? 



116 triDHBAMAOHADH 



T 



Na seachd Peaca/nnan Bàis, 

I. TTABHAE. Na ghabh thu tlachd 
^ asad f hein no as do bhuaidhean a 
thaobh cuirp no anma? An robh thu cur 
bosd asad fhein, as do ghliocas, as t' 
fhaghlum, as do spionnadh, as do chuid, 
no as do chairdean ? An robh barail mhor 
agad ort fhein*? No an robh thu toirt 
ionnsaidh air gnothaichean mora a bha fos 
cionn do neirt ì An robh do bharail mhor 
ort f hein gad dhianamh cruaidh, magail, 
tàireil air feadhainn eile ì An deach t* jj , 
ardan cho fad* agus neopris a dhianamh |i 
air an fheadhainn a bha fos do cheann, no | m 
monmhur nan aghaidh, no bhith as-umhail |i 

Ijrofc 
|ieai] 
ijdo^ 
acl 



daibh ì Gun a bhith gabhail rid choire, 
no gad dhion f hein le lethsgeulan faoin no 
briagach ? A cur suarach an seolaidh, 
agus an achasain*? Dìan diorrasach nad 
bheachd f hein ì Mi-thaingeil do Dhia air- 1| ,V' 
son a thiodhlaicean dhut ? | 

II. ^ANJSTT. An robh thu g-ordach-pl 
^ adh agad fhein rud sa bith de 

chuid an atharraich ? Ghurmacas a chuid p 
eUe air an t-seachdamh Jàinte, r^ 

III. T\RX7IS. Chunnacas soairmt^ 



GU PAOISID* 117 

IV* /^RAOS. Anrobhthuairmhisg? 
^ Na chuir thu feadhainn eile air 
mhisgl Na ghabh thu tuiUe sa chòir 
de bhiadh, no le tuiUe sa chòir de lon no 
de ghionach ì 

Y, T EISG. An tug leisg ort dearmad 
"*^ a dhianamh air t' urnaigh much 
no anamuch ì An tug leisg ort dleasnas 
sa bith eile a dhiochnachadh, no f hagail 
gun dianamh ì An robh thu trom neo- 
shuntach, marbhanta, fadalach ri gnoth- 
ach air bith a bhuineadh dhad staid ì 

VL •pARMAD. Anrobhthugabhail 
■*- bròin, no dorrain chionn gun 
robh an t-atharrach na b' f hearr buaidh- 
ean, na bu mhua cuid, no na b* fhearr 
doigh na thu-f hein ì Am bu mhath leat 
a chall ì An robh droch dhurachd agad 
dha? 

VII. "pEARG. Na las thu suas ann 
"^ an corruich no 'm feirg ris an 
atharrach ì I^a leig thu mach t' antlachd 
le mionnan, maoidheadh, smàdadh, cain* 
eadh, magadh, no diughaltas ì Na chum 
thu 'n f hearg ann ad chridhe ì An robh 



118 UIDHEAMACHADH 

thu mi-fhaigliidneach fo chroìsean, fo 
anshocair, 's fo easlaintean 1 

An so tha e ri thoirt fo-near, nach e 
am peacadh a mhàin tha ri aideach, ach 
bharr air sin, tha co ìiuthad uair sa thuit 
thu anns gach peacadh ri innse'. Tha 
seorsa, aireamh, us cùisean miadachadh 
a pheacaidh ann an seol comharraichte, 
ri thoirt fos nàird ; agnis ma thugadh air 
falbh cuid no cliu an atharraich, feumar 
a chuir air ais. 

Urnaigh cdrson Aithreachais, 

f\ THIGHEARNA, is aobhar mulaid 
^^ us bròin domh an sealladh a thug 
thu domh air mo pheacannan. Tha iad 
trom, lionar, graineil. Och, is ioma doigh 
air na thoill mi t' fhearg agus do chor- 
ruich ! Tha fìos agam gun eirich iad suas 
gus mo dhiteadh aig uair mo bhàis, mur 
glan mi bhuam iad an drasda le fìor 
aithreachas. Ach, 6 mo Dhia, sann bho 
do laimh f hialaidh thobhairtichse, tha 
dùil agam ris na grasan sin f haotainn. 
Mur gluais thusa mo chridhe le fìor 
bhròn air-son mo chiontan, bithidh mo ) 
shaothairse diamhain, agus bithidh mi |i^ 



^■fe 



GU FAOISID. 119 

truagli gu bràch. Och^ chuir mi suarach 
do mhathas ! E.inn mi diochuimhne air do 
chaoimhneas, mhi-bhuilich mi do ghrasan, 
agus bha mi neo-thaingeil aÌF-soa ga^h 
trocair rinn thu orm. Is iomadti anam 
tha 'n diugh a losgadh ann an h^ì-'aichean 
iutharn air-son nas lagha pheacannan 
na rinn mì&e. Ach gabh truas dhiom. 
Is mor t' f hathamas rium, nuair thug thu 
rathad dhomh gu tilleadli riut, agus mo 
shìth a dhianamh suas riut. So an rud a 
tha toirt misnich dhomh, ò mo Dhia, 
beannaichte gun ro])h t' ainm gu bràch. 
mo Dhia, na agair orm peacannan nan 
lài a chaidh seachad. Thoir lan mhath- 
anas domh unnta, le fior aithreachas a 
bhoirt domh ; air chor 's gum bi mi aon 
iiair eile air mo chunntadh am measg do 
sheirbhiseach. Thus, ò Dhia, a chruth- 
lich an saoghal le facal do chumhachd, 
3ruthaich cridhe glan am chom. O Thigh- 
5arn losa, seall orm le bàigh. Lion m' 
mam le bròn spioradail, us le fuath agus 
{ràin air mo pheacannan. A so suas le 
jomhnadh do ghras bheir mi gaol dhut fos 
ionn gach nì : bithidli mi dìan dilo^xs ann 
ìÀ sheirbheis. Bithidh aoibhneas ann am 
lathanas air-son aona pheacaich a ni 



120 UIDHEAMACHADH GU PAOISID. 

aithreaohas. O Athaìr na trocaire, deon- 
aich gum bi m* aithreachas cho trom agus 
cho firinneach, 's gun toir e sòlas do 
chùirt fhlathanais, Air cridhe brùite, a 
Thighearna, cha dian thu tàir. O Thigh- 
earna, dian trocair orm, a thaobh 's 
gur peacach truagh mi. Air sgàth bàs 
dòruinneach mo Shlànair losa Criosta, 
dian trocair orm. 

Urnaigh dh! fhaoda/r a radh tric ro 
eisdeachd, 

TOSA, thoir mo pheaoannan gum 
"*• chuimhne. 

losa, thoir dhomh grasan an aithreach- 
ais. 

losa, thoìr dhomh grasan na h-umh- 
lachd. 

losa, thoir dhomh grasan na h-irios- 
laohd gus mi f hein a dhiteadh aig cathair 
na faoisid, los nach teid mo dhiteadh aig 
cathair a bhreitheanais. 

losa, thoir neart us misneach dhomh, 
ann an doigh 's nach toir an t-ardan orm 
peacadh sa bith a chleith. Is fhasa 
dhomh dol fo nàire car tamuill bhig, na 
m* anam a chur ann an cunnart dol gu 
dòruinn shiorruidh. 



URNAIGH AN DEIGH NA H-EISDEACHP. 121 

losa, tha mi cur romham le comhnadh 
do ghras mo pheacannan aideach cho 
saor, agus cho soiUeir, us ged b' e so uair 
mo bhàis. 

losa, gabh truas dhiom. 

losa, dian trocair orm. 

Is aobhar nàire agus bròin am peacadh ; 
ach is aobhar aighir us sòlais do dh' 
ainglean Dè, gum biodh e air an nighe* 
air falbh ann an tobar na faoisid. O m' 
anam, biodh aoibhness ort ; tha Dia toil- 
each air rèite a dhianamh riut : glac a 
lamh throcaireach, tha i sìnte mach gu 
rèite a dhianamh suas riut : na diult a 
mhathas. O mo Dhia, air sgàth Chriosta, 
thoir dhomh fior aithreachas air-son mo 
pheacannan, agus thoir air ais dhomh mo 
chòir air flathanas : us na leig m' anam 
gu bàs siorruidh. 



UENAIGH A-N DEIGH NA 
H-EISDEACHD. 

A DHIA na trocaire, tha mi toirt mol- 

'^^ aidh dhut agus cliu air-son *s gun 

ì tug thu dhiom eallach throm mo pheac- 

annan. Le cridhe iriosal gun cheilg, 

dh' aidich mi h-uile peacadh air am 



122 URNAIGH AN DEIGH 

b'urrainn domh cuimlmeachadh, dha m' 
Athair-faoisid. Deonaich gum bi an 
fhaoisid so taitnach nad shuilean. Thoir 
lan mhathanas domh anns gach peacadh 
a chuimhnich mi, agua nach do chuimhn- 
ich mi aideach. O Thighearna, thugas 
domh a bhith nas curamaiche, agus nas 
dichiollaiche à so suas ann ad sheirbheis, 
agus cul a chur ri gach leannan peacaidh 
tha fuaighte rium, dha bheil mi nis a toirt 
fuath agus gràin mo chridhe. Le do 
chomhnadh, ò Thighearna, cha dian mi 
peacadh tuille, a thoilleas t' f hearg f had 's 
is beo mi. O Shlànair, neartaich mi an 
aghaidh nam buairidhean is niua a tha 
cur a dhiachainn orm. (Ainmich (m so 
iad.J Thugas domh h-uile cunnart agus 
ceann-aobhair peacaidh a sheachnadh gu 
curamach ^ so suas. O mo Dhia, seall 
tha gach faillinn is coirbte a thainig nuas 
orm bho Adhamh air an tromachadh 
agus air an aingneachadh le mo dhroch 
dhianadas f hein. Ach a nis le comhnadh 
do ghras tha mi cur romham nach bi mi 
ciontach am feasd ann am peacadh bàis. 
Ni mi dichioll air gach giomh agus 
faillinn a tha unnam a leigheas, agus 
gach ni dhianamh gu barrachd gloir 



NA H-EISDBACHD. ISfSr 

dhutsa. O losa, beannaich mo thoil 

mliath agus mo dhurachd. O mo Dhia 

: thugas domh mo chogais a rannsachadh 

igii mean agus gu dichiollach a h-uiF 

oidhche ; agus toiseach mo ghriomhan a 

ithoirt dutsa h-uile maduinn, air chor's 

igum bi chuid eile de *n latha air a 

bhuileachadh gud ghloin O mo Dhia, 

j thugas domh mo Bhreitheanas-aithrich a 

i chuimhneachadh, agus a chur an griomh 

le spiorad na h-umhlachd agus an 

; aithreachais. Thugas domh a h-uile 

ilatha bhith gabhail am barrachd saothrach 

lorm fhein, gu fàs nas diadhaidh agus nas 

ifhearr : air chor ^s gun ruig mi mar sin 

air lan mhathanas am pheacannan, air 

coimhlionachd caithe-beatha, agus air 

iuais shiorruidh anns an ath-shaoghal : 

fcre' losa Chriost ar Tighearna. Amen. 

Gealladh. 

Si comhairle Naoimh Franse de Sales 
ìo neach a ni eisdeachd, gun tugadh e an 
jealladh laidir so do Dhia a hhith dileas 
iha tuille. 

^N. A IR mo ghlun am fìanuis an Dè 
^shiorruidh, agusuilechùirtfhlath- 



124 URNÀIGH NA DEIGH 

anais, tha mi faicinn a mhiad sa dh' f hiach 
thu, Athair na h-iochd, de throcair riumsa, 
creutair bochd gun diù, gam chruthachadh 
à neoni, gam ghleidheadh, gam àrach, gam 
thiarnadh bho ioma cunnart, agus a 
buileachadh cho liuthad tiodhlaicorm : ach 
gu sonraichte tha mi faicinn cho iochdar, 
's cho baigheil sa chuir thu, Dhia ghrasoir, 
suas ri mo pheacannan ; gutric a g-iarraidh 
orm tilleadh, agus deagh bheusan a leanail ; 
agus gus an latha an diugh a feitheamh, 
gu ro f haighidneach, ri m' aithreachas agus 
rim thionndadh bho gach eucoir a rinn mi 
ort, agus bhom mhi-thaingealachd, am 
mhi-dhleasnachd, 's am mhi-dhligheachd, 
leis an robh mi cur dàil anns an aithreach- \ 
as, agus a dianamh neopris dhed ghrasan. 
Tha mi faicinn mar an ciadna, ged a chaidh 
mo naomhachadh, agus mo chomharrach- 
adh a mach do Dhia mar urra-chloinne aig 
tobar a bhaistidh, guna bhrist mi air na 
bòidean sin le bhith gu nàireach, agus gu 
maslach, a miUeadh agus a truailleadh 
buaidhean m' anma, agus ceudan mo cho- 
hiinne, le peacachadh an aghaidh mo Dhè 
phriseil : ach tha mi nis a tilleadh rium 
fhein, agus a tuiteam, le cridhe iriosal, 
brùite^ air bialaobh cathair cheartais mo 



? 



i 



NA H-EISDEACHD. 125 

Dhè ; tha mi thuiUeadh air sin a g-aideach 

g-iimse*, agus g-aithris guna pheacaich mi 

gu trom an aghaidh mo Dhè uile-chumh- 

\ achdaich ; agus gu bheil mi ciontach ann 

I am pàis agus bàs losa Criost air a chrois, 

lem pheacannan a choisinn dhàs am bàs 

agus an dòruinn sin, agus a thoill dhomhsa 

mo thilgeadh air chul, agiis mo dhiteadh 

! gu siorruidh. 

AcH a tionndadh ri cathair mo Dhè is 

1 mua trocair, le cridhe aithreachail agus 

goirt air-son peacannan mo bheatha uile, 

tha mi sireadh, gu h-iriosal mathanais, 

ghrasan, agus trocair, £ uchd pàis agus bàs 

Slànair agus Fear-saoraidh m' anma. Air 

a bhunsa mar aona stèidhmo dhochais, tha 

mi g-ùrachadh agus a daingneachadh nam 

boid a thugadh, as mo leth, aig tobar a 

bhaistidh ; cùl chur ris an deomhan, ris 

an t-saoghal, agus ris an f heoil : agus a 

g-oillteachadh ro chaochladh impidh, ro 

bhuaireadh an aibhistir, 's ro chealgair- 

eachd an t-saoghail a nis agus a chaoidh. 

Agus a tionndadh ri mo Dhia is mua 

iochd agus trocair, se m'aigne, mo mhiann, 

iDijagus mo dhurachd à so suas a sheirbheis 

alila dhianamh, agus gaol a thoirt dà, nach 

moldiobair a bhos no thall. Agus aims a 



«• 



126 URNAIGH AN DIIGH NA H-EISDEACHD. 

bheachd sin tha mi toirt seachad dha, mo 
spioraid le uile bhuaidhean, m' anma le 
uile chumhachdan, mo chridhe le uile 
rùin, mo choluinn le ceudan air fad, a 
gealltainn nach millear ball dhiom tuille 
le olc a dhianamh an aghaidh toil an Dè 
mhoir, dha bheil mi gam thoirt fhein 
seachad bhom chridhe ; agus a gealltainn 
bhith dleasnach, umhal, dileas da, gun 
tarruing air ais, gun mhùthadh beachd, 
gun chaochladh inntinn. 

AcH, mo thruaighe ! ma bheir buaireadh 
an namhaid, no laigse mo naduir, orm 
geilleadh do pheacadh air bith a bhios an 
aghaidh m' aigne, agus mo dhurachd an 
drasda, tha mi gealltainn agus a cur romh- 
am, le comhnadh an Spioraid naoimh gu'n 
eirich mi air ball, cho luath agus a 
mhuthaicheas mi mo choire ; agus gun 
till mi as ùr gu cathair na trocaire, gun 
fhadal gun dàil air bith. Se bo mo thoil 
mo bheachd, aguB mo dhurachd a tha mi] 
a ceangal, agujs a daingneachadh, gun 
saobhadh gun atharrachadh ann an lathaiii 
Dhè aguB am fianuis na h-Eaglais uile.p' 
a tha an gloir air nèamh, agus an catt ^^^ 
air talamh ; a tha na mathair dhomh, aguf 
a cluinnti^n mo gheallaidh, ann air| 



ìl 



leac, 



TEAGASG AIR CX)MANAOHADH. 127 

pears a fir-muintir ris an d* rinn mi 
m' aideach. 

GuM b'i do thoil, 6 Dliia sliiorruidh nan 
uile ghras, Athair, a Mhic, agus a Spior- 
aid ISTaoimh, am beachd so dhaingneach- 
adh unnam agus a ghabhail mar iobart 
chtibhraidh mo chridhe. Agus bhona 
thug thu an toil dhomh thun a ghriomha 
so, deonaich dhomh neart agus càil do 
ghras gus a choimhlionadh. O mo Dhia, 
is tusa mo Dhiasa, Dia mo chridhe, Dia 
m'anma, Dia mo spioraid, is amhail sin 
tha mi geilleadh sa toirt aoraidh dhut. 



911 

i- COMANACHADH. 

M 
alTEAGASG AIR COMANACHADH. 

Rannsaicheadh duine e fhein, arsa 
laomh Pòl (1 Cor. xi. 28.) 's an dèigh 
in icheadh e de 'n aran so : se sin 
ealladh duine air staid a chogaig fhein, 
^- gu8 ma chi e peacadh sa bith air anam, 
igheadh e bhuaithe e le deoii^ an aith- 



à 



6a<;hais, agus le deagh fhaoisid; oir an 
each a dh' icheas an t-aran so, no dh'- 
ias achailis nuair nach airidh air e, tha 






128 GRIOMHAN RO 

e g-iche ìsa g-ol ditidh shiorruidh dha 
anam f hein, le cion toirt fo-near oorp an 
Tighearna. 

An neach tha dol a ghabhail comaine 
feumaidh e bhith na thrasgadh bho 
mhiadhon oidhche. 

Cha n-fhuilear dha cuideachd e fhein 
uidheamachadh air-son an aoidh mhoir 
tha dol a thighinn a dh' ionnsaidh anma : 
neach nach lagha na losa Criosta, Mac 
an Dè bheo ; tha e tighinn eadar dhiadh- 
achd agus dhaondachd, f huil agus f heoil, 
anam agus chorp, gu comhnuidh a ghabh- 
ail na anam, agus gu fuireach ann, ga 
dhion, ga bheathachadh, ga àrach, gus 
an tog e suas e air an latha mu dheir- 
eadh do f hlathanas a reir 's mar thuirt e. 
Gus an t-uidheamachadh so a dhianamh 
mar is còir tha na griomhan crabhaidh sc 
a leanas, no 'n leithidean eile, ri chur arj 
cèiU le moran saothrach agus durachd. 



GEIOMHAN RO CHOMAN- 
ACHADH. 

Griomh Creidimh, 
nnHA thus, a Dhia, a chruthaich nèam] 
■*" agus talamh dol a thighiim gam ioni] 



CHOMANACHADH 129 

saidh. O nach mi bhios sona le bhith ann 
an cuideachd mo Shlànair ! Co b' urrainn 
am miarailte so a chreidsinn, niur biodh 
comhdach soilleir air bho do bhriathran 
firinneach fhein. Tha mi creidsinn, a 
Thighearna, gur tusa fein tha mi dol a 
ghlacail anns an t-sacra.maid naoimh so. — 
Thusa f hein a rugadh le Moire Oigh agus 
a dhoirt t'fhuil phrìseil air a chrois gu 
mise a shabhaladh. Tiia thu cur sgàth- 
lainn air do ghloir, agus a falach orm do 
ghnuis àluinn, fo riochd umhlaidh air an 
altair. Ach gu teann tha mi creidsinn 
gum beil do cholunn naomh, t'fhuil 
phriseil, t' anam glormhor maille rid 
phearsa dhiadhaidh anns an t-sacramaid 
bheannaichte so. Is fhada ghabh e 
bhuam geilleadh dham cheudan cor- 
porra, an aghaidh briathran firinneach 
mo Thighearn agus mo Dliia. Ag no 
teagamh cha chuir mi ann am facal uile- 
chumhachdach mo Dhè. mo Dhia, 
le comhnadh do ghras, cha toir bàs no 
beatha orm an f Iiirinn so a theagaisg thu 
aicheadh ; no pliuing so dhem chreideamh 
's dhe m' aidmheil a leigeal dhiom gu 
bràch. 



E 



130 QRIOMHAN RO 

Griomh Umhlachd. 

Co mise, a Dhia is mua gloir iis 
cumliaclid 1 No ciamar is f hiach leat 
suil a thoirt orm 1 Còir sa bith cha 
n'eil agam air meas no urram, O mo 
Thighearna Dia. Is peacach truagh 
mi ; is cruimheag dhiblidh mi ; is suar- 
aiche mi na neoni fhein. Agus ciamar 
a thig mi an lathair an Ti sin a tha 
uile-naomh ? Ciamar a dh' icheas mi 
aran nan aingeal ; Am bi mise air mo 
bheathachadh le lòn diadhaidh ? Cha 
robh, 's cha bhi mise, a Thighearna, 
toillteanach air meas cho mor. Is truagh 
nach b' urrainn domh mi fhein umhl- 
achadh air-son do ghloir, cho fada sa dh' 
islich thusa thu f hein air mo shonsa anns 
an t-sacramaid naoimh so. los, a Iligh 
nan aingeal, agus a Thighearn air nèamh 
's air talamh, le uile umhlachd mo 
chridhe tha mi gam sthriochdadh fhein 
ad lathair, agus a g-aideach mo neonachd. 
Agus cha ghabhainn an danadas orm 
fhein tighinn gu cuirm cho urramach, 
mur abradh tu fhein: — "Mur ich sibh 
feoil Mhic an duine, agus mur ol sibh 



CHOMANÀCHADH. 131 

f huil, cha bhi a bheatha unnaibh ; agus 
esan a dh' icheas an t-aran so bithidh e 
beo gu siorruidh." Eoin, vi. 53, 59. A 
Thighearna cha n-f hiù mi thu thighinn a 
stigh fo m' ardaich, ach abair am facal a 
mhàin 's bithidh m' anam sabhailte. 

Griomh Aithreachais. 

/^ DHIA uile-mhathasaich, agus uile- 
^^ throcairich, tha thu a tighinn gam 
ionnsaidh le iuntas do ghras, ged is e mo 
thoillteanas, mo threigsinn leat buileach. 
Lem pheacannan thog mi do chorruich, 
ach a nis tha mi toirt gràin mo chridhe 
dhaibh ; agus le cuideachadh do ghras, 
tha mi cur romham an seachnadh à so 
suas. Athair shiorruidh, a tha làn 
iochd agus trocaire, gabh truas rium. 
Air sgàth fulangas agus bàs mo Shlànair, 
math dhomh mo pheacannan : oir ged tha 
mi g-earbsa san àm a bhith glan le sacra- 
maid na faoisid, an dèigh sin a Thighearnà, 
nigh thusa mi nas mua 's nas mua : dian 
uidheamaichte mi air-son na cuilm diadh- 
aidh gus a bheil mi dol. Cruthaicli cridhe 
glan am chom. Cuir trusgan geal nan 
grafl air m' anam, ann an rathad 's gum 



132 GRIOMHAN RO 

bi mi ann a staid iomachuidh gus mo 
Shlànair a ghlacail anns an t-sacramaid 
naoimh so. 



Griomh Dochais. 



T^ 



^HA thu tighinn a shealltainn orm, a 
Shlànair bheannaichte. Ciod e bhios 
dhith orm, agus an Ti aig a bheil a h-uile 
nì ga thoirt fhein domh? Le mor earbsa 
ad chumhachd, ad throcair, agus ad mhath- 
as, tha mi gam liubhairt fhein dut. O 
Thighearna, tha thu faicinn m' uireasuidh 
agus mo bhochdainn, agus co 's urrainn 
mo dhianamh suas ach thu? Tha thu 
deonach air sin a dhianamh, le bhith toirt 
cuire' dhomh gu cuirm nan gras. Tha 
thu gealltainn mo chomhnadh, tha do 
bhriathran naomh a toirt misnich dhomh 
gu tighinn ad fhianuis. Tha mi gam 
nochdadh fhein ad lathair, gu fann, 
truagh, dall mar a tha mi, an dochas gun 
neartaich, gun cobhair, agus gun soil- 
leirich thu mi. mo Dhia, is leatsa 
mo chridhe, thig a ghabhail comhnuidh 
ann. Le eide' do ghras ùraich t' iomh- 
aigh f hein air m' anam, agus coisrig dhut 
f hein e. 



CHOMANACHADH. 133 

Griomh larratais, 

A THIGHEARlSrA, nach iongaatach 
■^^ an gnothacli gun iarradh tusa gam 
ionnsaidh, gus mo dhluthadh riut f hein 
anns an t-sacramaid naoimh so ? Is tus a 
mhàin is airidh air mo ghaolsa. Uain 
Dè, a tha toirt air falbh peacaidh an 
t-saoghail, dian trocair orm, agus sìth 
rium. Thig, ò Thighearn los, a cheann- 
aich gu daor mi, agus tog m' anam bho 
bhàs a pheacaidh gu beatha nan gras. 
Tha m* anam, ge fada san t'saoghalsa 
bhuat air fogradh, gu dìan an geall ort. 
O mo Dhia, mo shòlas, m' iuntas, mo 
shonas, mo bheatha, agus mo High, aig a 
bheil gu saibhir gach nì tha dh' uireas- 
uidh orm, dian bàigh rium. Ge truagh, 
peacach, neonach mi ann ad mhor thro- 
cair tha thu deonachadh tighinn gam 
ionnsaidh. Cha n-eil nì sa bith air 
talamh, no air nèamh f hein is urrainn mo 
chridhe lionadh ach thu f hein a mhàin. 
Is tus an t-ard leigh a ni mo leigheas. Is 
tusa mo charaid dileas nach treig mi gu 
bràch. Is tu High na sìthe agus a mhor 
chumhachd a bheir fois us samhchair dha 
m' anam, Is beag a dh' iuntas do ghras 



134 GBIOMHAN ÀN DEIGH 

a ni mise sona, saibhir, sabhailte gu 
siorruidh. O Thighearn Tosa, lion m* 
anam le creideamh beo, le dochas laidir, 
us le dìan ghradh. Abair am facal a 
mhàin U8 hithidh m! anam sabhadlte. 



GEIOMHAN AN DEIGH 
OOMANACHAIDH. 

Griomh Aoraidh. 

f\ DHIA na morachd 's nam feart nuair 
^^ is gann is urrainn na h-ainglean is 
airde sealltainn air àilleachd do mhaise ; 
nuair tha nèamh agus talamh fo chrith 
ad lathair ; nuair tha na cumhachdan is 
mua a lùbadh le fiamh dhut ; ciamar a 
sheasas mise nad f hianuis ^ Ciamar a 
labhras mi ri Naomh nan naomh 1 
Thighearna, se mo chuid a bhith samhach 
agus am thosd, bàite iann an ioghnadh le 
smoaineachadh air do ghaol miarailteach, 
agus air do bhàigh gun tomhas. O Righ 
nan righrean tha mi toirt aoraidh dhut, 
agus gam umhlachadh f hein gu neoni nad 
fhianuis. An coimeafl riuts is lag fann 



COMANACHAIDH. 135 

gach dùil us cumhachd, is truaighe agus 
bochdainn gach cothrom soaghalta ; solus 
cruthaichte na grèine fhein, is dorchadas 
nad lathair. Gloir us moladh, buidh- 
eachas us onair, aoradh agus cliu bhon 
chruinne gu leir do Mhac siorruidh an Ti 
sin is airde, air-son gum b' f hiù leis air 
an latha diugh tighinn a ghabhail comh- 
nuidh na m' anam. 

Griomh GaoU. 

/~\ MO Dhia, tha thus a nis agam aig a 
^-^ bheil gach nì. Tha m' anam sona leat 
us le iuntas do ghras. Fhuair mi an Ti air 
an robh mo mhiann, 's cha leig mi as e, gus 
an toir mi e gu tuinidh ard mo mhathar. 
Biodh an speis shalach, f haoin, thruaillidh 
a thug mi do chreutairean talmhaidh air 
am fuadach as mo chridhe ; agus biodh e 
air a lionadh, biodh e air a lasadh suas led 
ghradhsa a mhàin, O mo Shlànair, agus 
mo Dhia, a tha làn den h-uile deagh 
bhuaidh, gun choimeas, gun tomhas, gun 
aireamh ; tha mo ghaol dut os cionn gach 
nì \ le m' uile chridhe, le m' uile anam, le 
m' uile inntinn us le m' uile neart tha mi 
toirt graldh dhut. is f hada bha mi gun 



136 GRIOMHAN AN DElGH 

eolas ort ! O is f hada bha mi gun ghaol a 
thoirt dut ! Ach a so siias tha mi cur romh- 
am gach nì chur suarach ach thus ad 
aonar. los, a thug gaol domhsa bhon 
t-siorrachdj se rùn laidir mo chridhe 
gum biodh uile ghaol m' anma air a chois- 
rige' dhut gu bràch. Beannaich, ò losa, 
mo rùn agus neartaich mo thoil agus m' 
aigne. 

Griomh Taingealachd. 

"F|E an taing a bheir mise dhut ò Dhia 
"^ nan gras, air-son na comaine a chuir 
thu orm air an latha diugh. Cha d' f hogh- 
ainn dhut bàs maslach dòruinneach na 
croise f hulang air mo shon ; le miad do 
ghaoil ornij dheonaich thu bharr air sin 
tighinn gam ionnsaidh air an latha diugh 
ann an sacramaid naoimh na h-altarach. O 
m' anam, thoir taing, us cliu, us moladh 
donTighearna doDhia, air-son a mhathais, 
a chaoimhneis, agus a throcaire dhut. Ged 
thachair dha mo chaithe-beatha bhith 
mi-dhligheach, mi-dhleasnach, agus mi- 
dhiadhaidh ; mi-thaingeil cha bhi mi. Gu 
latha mo bhàis bithidh mi taingeil agus 
cuimhneach air a chomain, agus air na 



COMANÀCHAIDH. 137 

fiachan a cliuir tliii orm air an là so. Cha 
n-ann a mhàin sa bheatha so, ach ann an 
rioghachd do ghloir, tha mi 'n dochas, a 
bhios mi dioladh nam fìachan mora so ; 
le bhith seinn do chliiisa bho shaoghal gu 
saoghal. 

Griomh Achanaich. 

^"^HA thu am miadhon mo cridhe, ò 

■^ Fhuarain a h-uile sonais ! Do chaoimh- 

neas, do mhathas, do ghrasan, dh' fhiach 

thu gu saor dhomh. mo Thighearna 

Dia, tha thusa fìalaidh, pàirteach, trocair- 

each; agus tha mise feumach, uireasach, 

bruagh. Is aibheis do ghrasan tha gun 

Lomall gun ghrunnd. Is iuntas iad nach 

:raogh air a mhiad 's gun toir thu seachad, 

naothaich mo cridhe tioram le dealta do 

^hras. Cuir deagh cheann-finid air an 

bair naoimh a thug gam ionnsaidh thu. 

Tach nì is fuathach leat spion bhom 

hridhe, agus gach nì is taitneach leat 

uir ann. Cuir strian ri ana-miannan 

ao choluinn, naomhaich m' anam. Tha 

husa lathair anns gach àite agus ionad, na 

^ig dhomh bhith ciontach ann am peacadh 

\ |d fhianuis, le snuioiiitcfii, lo briathran no 



138 GEIOMHAN AN DEIOH 

le griomhan. Na toiUeam gu bràch t' 
f hearg, ò losa, agus nà siream de shòlas 
ach a bhith dianamh do thoil, agus a 
g-imeachd ad lathair. 

Oriomh Tairgse, 

A IR-SON nan tiodhlaicean lionair agus 
'^ priseil a bhuilich thu orm, 6 losa, nìjtl 
cha n-eil thu g-iarraidh ach mo chridhe, 
agus mo chridhe gu h-iomlan. Thu mi ga 
thoirt dut, ò Thighearn, agus mi f hein gu|l 
h-iomlan; oir mar a thug thusa thu fein|o 
gu buileach dhomhsa, ciamar a dhiultask 
mise mi f hein a thoirt gu buileach dhutsa ;j 
gu h-àraid nuair is i mo bhuannachd f hein 
a th' annl As m* eugais tha thusa lanffle 
shona unnad fhein, ach as t' eugais-se Ui 
creutair bochd truagh mise ga rireamhi 
Air an aobhar sin tha mi gam cheanga, 
f hein rid sheirbheis le m' uile chridhe gijai.f 
uair mo bhàis. Tha mi ro dheonacli 
cuideachd gun rachadh gach nì eile ì^ì^ 
fhuair mi bhuat, mar tha slainte, nearti|if 
càileachdan, cuid, cliu, us gach talann eil 
a thionndadh gu barrachd gloir dhut. Mì 
smaointean, mo bhriathran, mo ghriomharL 
tha mi cur fo churam, agus fo stiuradh ' 



'Oiri 
(ì 



4b 



COMANACHAIDH. 139 

fhreasdail naoimli. Nad thoilse, 6 mo 
Dhia, bithidh m' uile thlachd, us m' uile 
shòlas. 

Griomh Deorhheachd. 

A THIGHEARNA, is mor a bhàigh 

^ dh' fhiach thu dhomh, nuair chum 

hu bho bhàs obann, us bho sgrios siorruidh 

QÌ, an dèis na rinn mi dh'olc a thogail do 

horruich gu diughaltas orm. Gu uair mo 

hàis bithidh mi dubhach brònach air-son 

:0 ghaolsa chur cho suarach, agus m'anam 

hein an cunnart. E-is a h-uile nì tha dol 

adar mi 's mo Dhia, tha mi nis a cur cuil, 

a toirt f uath agus gràin mo chridhe dha. 

rleidh thusa mi, ò Thighearna, bho'n 

-uile smaoin, facal, agus griomh a bhios 

n aghaidh gimneachd, carrantachd, agus 

mhlachd. Tha mi cur cuil ri aimhreit, ri 

li-f haighidin, ri mionnan, briagan us cul- 

tiainnt, ri dearmad am dhleasnas, ri leisg 

m sheirbheis, us ri gach nì eile a ni beud 

ir m' anam, no chuireas f earg ortsa. Cha 

)ir mi speis do neach, no do nì alaghdaich- 

t ^is do ghaols am chridhe. Cha bhi mi 

ìan, diorrasach nam bheachd f hein ; cha 

huaghabhasmi uaiUno ardanafina tiodh- 



140 GRIOMHAN AN DEIGH 

laicean a thug thu dhomh. Tha mi cur 
romham nach lagaich eisimeil ri clann- 
daoine mo mhisneach ann ad sheirbheis, 
agus nach bi mi air mo sheide' suas le pròis 
no moladh, no air mo mheatachadh le 
tàrcuis. O Thighearna, ma bhios tus aii 
mo chul, faodaidh mi bhith coma co bhios 
am aghaidh. O Thighearna, b'annsa leam 
san uair am bàs f hulang ad f hianuis, na 
gun tugainn, a chaoidh tuille, masladh 
dhut leis a pheacadh. O Athair na soillse. 
led bheannachd thoir càil, buanas, agu^ 
soirbheas do'n aigne agus don bheachd 
so, los guu coimhlion mi gach nì tha mì' 
gealltain dhut; agiis le sin a dhianamh. 
gun coisinn mi an duais gun chrìch i 
tha feitheamh air do sheirbhisich ann anjS^ 
flathanas: tro losa Criost ar Tighearna 
Amen. 

URNAIGH. 

Urnaigh choitchionn no air-mn h-uili^ 
feumay a dK fhaodar a ghahhail an dèù^^ 
coraanachadh no uair sa hith eile. 



»1 



h 



f~\ MO Thighearna, tha mi creidsini 
^ unnad, neartaich mo chreideamh : thi 
mi cur m' uile dhochais unnad, daingnicl 



!)eoi 



COMANACHAIDH. 141 

mo dhochas : tha mi toirt gaoil dut blio 
glimnnd mo chridhe, miadaich mo ghaol 
ort gach là : tha mi diiilich gun d' rinn 
Imi eucoir ortj leasaich mo bhròn. 

Tha mi toirt aoraidh dhut mar mo chiad 
thùs, agus a dianamh ort mar mo chrich 
iheireannaich ; tha mi toirt taing dhut 
naar mo chulaidh mhathais an cònuidh, 
igus a gairm ort mar m' ard dhidean. 

Gun deonaicheadh tusa, ò mo Dhia, mo 
tiuradh led ghliocas, mo smachdachadh 
ed cheartas, mo chomhnadh led throcair, 
no dhion led chumhachd. 

Mo smaointean, mo bhriathran, mo 
Ihianadas, agus m' fhulangas tha mi an 
ijeall a choisrigeadh dhutsa, ann an rathad 
[5 gum bi mi a so suas a smaoineachadh 
rtsa, a labhairt ortsa, a cur air adhart 

|"ach ni gud ghloir, agus a cur suas gu 
eonach ri gach crois a thig bho ordugh 
o fhreasdail. Se mo dhurachd, a Thigh- 
ja,rna, gum biodh do thoilse diante sa h- 
ile nì aii an doigh is math leat, a chionn 
iir i do thoils a th' ann. 
Gun soilleiriche' tu mo thuigse, gum 
3othaiche' tu mo thoil, gun naomhaiche' 
i m' anam agus mo chokmn, si m' achan- 
ch riut. 






142 GEIOMHAN AN DEIGH 

Thoir spionnadh dhomh, 6 mo Dhia, gu 
dioladh air-son mo pheacannan, gu buaidh 
a chosnadh air gach buaireadh, gu smachd 
a chur air m'ana-miannan, agus gus nalft 
subhailcean a tha sgèithte rim staid a 
chleachdadh. 

Lion mo chridhe le speis dhad mhathas, 
le grain air mo lochdan, le gaol air mo 
choimhearsnach, agus le fuath air an t- 
saoghal. 

Thugas domh a bhith cuimhneach an 
cònuidh air a bhith umhal dha m* uachd- 
arain, tairis dha m* iochdarain, dileas 
dham chairdean, agus carrantach dham 
naimhdean. 

Neartaich migu ana-miannannacoluinn 
a cheannsachadh le fein-chlaoidh, sannt k 
deirc, fearg le ciuineachd, crabhadhfionnai 
le aoradh diongmhalta. O mo Dhia, diaD 
tuigseach mi ann an gnothaichean, mis- 
neachail ann an gàbhadh, f aighidneach anr 
an anshocair, agus iriosal ann an aobhar 
uaill. 

Thugas domh a bhith durachdach ani 
an urnaigh, measarra am biadh 's an dibhj 
dichiollach ann an gnothaichean, agui 
steidheil^ann an dea-bheachd. 

Biodh mo chogaia treidhireach glan, mi 



h 



COMANACHAIDH. 143 

ghiùlan ÌDeusach, mo chomhradh diadh- 
aidh, agus mo ghabhlaichean riaghailteach. 

Cuidichmi gu gleac an cònuidh ri coirbt- 
eachd mo naduir, gu co-oibreachadh rid 
ghrasan, gu cumail t' f hàintean, 's gu beart- 
an a dhianamh a shabhalas m' anam. 

Fiach dhomh, 6 mo Dhia, cho faoin sa 
tha 'n saoghal so, cho sòlasach sa tha 
flathanas, cho gearr sa tha ùine, agus cho 
buan sa tha 'n t-siorrachd. 

Thugas domh a bhith dianamh deas 
air-son a bhàis, a bhith fo f hiamh as do 
bhreitheanas, air chor us gun seachainn 
mi pian iutharna, agus gun toir mi mach 
?òlas fhlathanais, tro thoillteanas ar 
righearn losa Criosta. Amen. 



144 FIOSRACHADH AIR SACRAMAID 



DAINGNEACHADH^ 

FIOSUACHADH AIR SACRAMAID 
AN DAINGNEACHAIDH. 

Tha 'n Daingneacliadh na shacramaid 
leis a bheil na creidich a tha cheana nan 
cloinn do Dhia leis aBhaisteadh, afaotainn 
an Spioraid Naoimh, le urnaigh 's le dol 
fo laimh nan Easpuigean, luchd ionaid nan 
Ostal, gus a bhith air an neartachadh nan 
creideamh, 's gu bhith dileas misneachail 
ann an seirbheis Chriostà, air dhoigh 
gur fhearr leo am bàs fhulang na 'n' 
creideamh fìrinneach a threigsinn. 

Tha 'n t-sacramaid so air a h-ordachadh 
le Criosta^ agus air a cleachdadh leis na 
h-Ostail fhein, mar tha facal Dè toiri 
teisteanais: — ^'Agus nuair thainig iad. 
ghuidh iad air an son los gum faigheadl 
iad an Spiorad Naomh. — An sin chuiì 
iad an lamhan orra, agus fhuair iad ai 
Spiorad NaomhP Grriomh. viiL, 15, 17 
A rithisd : — ^^Agus nuair chuir Pòl i 
lamhan orra, thainig an Spiorad Naoml 



dl 



AN DAINGNEACHAIDH* . 145 

Oi*ra." Griomh. xix. 6.^ Air an aobliar 
sin is peacadh mor dearmad a dhianamh 
oirre ; gu sonraichte nuair tha Criost- 
aidhean a fulang geur-leanmhuinn air- 
son an aidmheil, no buairidh an aghaidh 
an creidimh. Chionn tha 'n t-sacramaid so 
gar neartachadh le grasan sonraichte an 
aghaidh naimhdean ar creidimh sa cois- 
rigeadh an anma leis an Spiorad Naomh, 
air sheol's nach tig an comharradh dheth 
gu bràch ; uime sin cha n-fhaodar an t- 
sacramaid so ath-riarachadh. 

Bho so feumaidh na creidich an aire 
thoirt gun tig iad ann a staid iomachuidh 
ga h-ionnsaidh ; air eagal 's gun caill iad 
na grasan a tha fuaighte rithcj 's gun 
tionndaidh i gu diteadh dha 'n anam le 
gabhail ann a staid peacaidh bhàis. 

Gu bhith ann a staid iomachuidh air- 
^on sacramaid an Daingneachaidh, 's 
theudar dha 'n anam a bhith saor bho' 
oheacadh trom ; tha e uime sin riatanach 
i dhoi gu Eisdeachd rolaimh, chionn cha 
ig an Spiorad Naomh a ghabhaii comh- 
luidh ann an anam tha f) chìs aig an 
libhistir le peacadh-bàis. Thuilleadh air 



* Faic Eab. vi. 2, 

e2 



146 FIOSRACHADH AIR SACRAMAID 

so, is còir dha gach neach a tha bratb a| 
dhol fo laimh Easpuig, beachd diadhaidJbi 
agus dèidh laidir a bhith aige air bhitl}ji 
na theampull gu bràch aig an Spioradi; 
Naomh, air chor 's gun cuir e an cèill, hj 
cuideachadh a ghrasan, gach dleasnas 
bhuineas do shaighdear Chriosta. A 
bharr air sin is còir do chriostaidh e f heir 
uidheamachadh air-son na sacramaid so, h 
umaigh dhurachdaich mar a rinn m 
h-ostail : Lean iad a dhJ aon inntinn am 
urnaigh^ os naomh Luc 's e labhairt aii 
na deich laithean eadar Deas-ghabhail a: 
Slànair agus Caingis : Agus hha iad 
ghnàth anns an teampull a toirt molaidì 
us cliu do Dhia. Nach sona iadsan a dL 
uidheamaicheas iad fhein air an t-seo 
chiadna, le griomhan diadhaidh bean 
naichte. 

Tha mar f hiachan air a chriostaidh th 
air a choisrigeadh leis an t-sacramaid sc 
bhith na shaighdear dileas gu bràch ani 
an seirbheis Dè, Righ nan righ : seasamj 
fo bhrataich na croise, an comharradh sii 
chaidh a chur air clar aodainn : catj 
cruaidh a chumail ri naimhdean, u 
buaidh a thoirt air an t-saoghal, air ainiar 
fheoil, 's air an aibhistir, le stiurad/ 
's le comhnadh Chriosta, Righ nan uil< 



k 
Da 
Ac 
m 

h 
cliaj 
nar 
cliea 
teiji( 



aot 



AN DAINGNEACHADH. 147 

chiimliaclid ; a bhith dileas gu bàs, agus 
dealachadh ri bheatha mun treig e seir- 
bheis Dè, le toil a namhaid a dhianamh. 
Biodh e doannàn na airidh air an ainm 
urramach sin Scuighdear Chriosta. Le 
urnaigh, carrantachd, umhlachd, us gim- 
neachd, gleidheadh e anam saor, glan bho 
pheacadh, gu bhith na àite comhnuidh 
aig an Spiorad JSTaomh. 

Nuair theid an t-anam, an dèigh caithe- 
beatha naomh, an lathair cathair a 
bhreitheanais, bithidh deah-adh boisgeil 
den chomharradh a chuir sacramaid an 
Daingneachaidh air, fad na sìorrachd. 
Ach ma se ^s nach bi ar caithe-beatha 
.aomh,mathreigeassinn bratach Chriosta, 
ma dh'eirgheas sinn suas na aghaidh, ma 
thruaiUeas sinn an comharradh 8m.ledroGh. 
chaithe-beatha, eiridhe annambreitheanas 
Inar n-aghaidh ; ditidh e sinn aig cathair a 
iheartais ; tilgidh e sinn nas doimhne an 
ine ilrinn 's bithidh e na chomharradh 
aslaidh shiorruidh air ar n-anman. 
Ri linn Dol-fo-laimh-Easpuig is còir 
iiinn da Thoradh dhiag an Spioraid 
aoimh iarraidh air Dia le durachd ; us 
nar an ciadna, seachd Tiodhlaicean au 
5pioraid Naoimh. 



fni 
, nn 



148 URNAIGH RO'N 



URNAIGH EOI'N DAUSTG- 
NEACHADH. 



ìn 



/^ MO DMa, cha n-eil neart no mis' 
^^ neach agam gus do chath a chur, gi 
fulang nad aobhar mar aon dhed shaigh 
dearan ; gu bochdaìnn, trioblaid, priosar 
no bàsfhulang air-son do shoisgeil naoimh 
Tha na diachainnean 's na croisean beagj 
tha tachairt orm gach là a fìachainn domr"? 
cho lag sa tha mo mhisneach nuair tha m 
a geiUeadh dhaibh : air an aobhar sin, thi 
mi g-achanaich ort an Comhfhurtairachu: 
gam ionnsaidh le sheachd tiodhlaiceai 
beannaichte, gus mo neartachadh, 's m< 
sheoladh chum mo dhleasnas a chur ai, 
cèill le dichioll 's le durachd. 

O Spioraid Naoimh, a tha lionad]| 
cridheachan do chreideach, thig a ghabhai 
taimh nam anam. Thoir bhuam nàirj 
chronail, 's thoir dhomh misneach chriosi 
ail. Na leig le fein-ghaol, an saoghal, u, 
'n fheoil, buaidh fhaotainn orm. N 
tugadh nì sam bith orm do lagh a ch^r 



n 



'lras 



'IIOK 



jmnei 
uaid 



i 



DAINGNEACHADH. 149 

luaracli no threigsinn. Na druigheadh 
)rosgul no eagal orm, doirt do ghrasan 
;u pailt orm, air chor 's nach toir dòruinn 
10 bàs f hein orm cul a chur ri do sheir- 
theis, los gum bi mi coltach ris na h-ostail, 
lo shaighdearan dileas, a gabhail toil- 
imtinn ann am fulang air do shon. Tha mi 
ag, ach nuair a thig an Spiorad Naomh 
rm, bithidh mi laidir unnadsa, agus ni 
li cogadh gu uair mo bhàis fod bhrataich 
,n aghaidh naimhdean m' anma. 

Thig ma-ta, a Spioraid ISTaoimh, agus 
.on m' anam le do thiodhlaicean beann- 
chte. Amen. 

Deonaich a thighinn a nuas orm an 
rasda, mar thainig thu nuas air na h- 
itail air là Caingis, an coltas theangan- 
ìan teine, 's mar thainig thu nuas air 
|ioran sluaigh le dol fo lamhan nan ostal, 
T chor 's gun cuir mi an cèill do mhis- 
ean diadhaidh le creideamh beo, 's le 
idhe lan gaoil ; 's gun seas mi gu mis- 
Bachail an aghaidh mo naimhdean faic- 
nneach us neo-fhaicsinneach j gun toir mi 
i?idh orra, 's gum bi mi daonnan eallamh 
is a h-uile seorsa dòruinn 's am bàs 
:iein f hulang air-son a chreidimh f hirinn- 
h. Amen. 



150 URNAIGH AN DEIGH 

UENAIGH AlSr DEIGH AN 
DAINGNEACHAIDH. 

f~\ DHI A na trocairej tha mi toirt buidh- 
^^ eacliais dut air-son do tliiodlilaicean 
lionar, 's gu h-araid air-son nan grasan a 
bhuilich thu orm ann an sacramaid an 
Daingneachaidh. Deonaich dhomh bhith 
daonnan a cuimhneach orra us taingeil air 
an son; thoir dhomh a bhith gach latha 
tighinn air m'adhart ann an gliocas, an 
tuigse, an comhairle, an neart, an eolas, 
an diadhachd 's an eagal naomh. Thoir 
dà thoradh dhiag an Spioraid Naoimh 
dhomh, carrantachd, sòlas, &c. 

O mo Dhia, a thug dhomh na tiodh- 
laicean priseil so, gleidh fhein nam anam 
iad; ma sann air mo churams a mhàin a 
bhios an dianadas naomh so, meallaidh' 
athair na foille 's na ceilge bhuam iad : 
cuiridh e dhìthorm iad. Ach fod churamsa, 
'sfodshuil fhurachail,bithidhiad tairuinte| 
bho'n namhaid. 

Tha mi g-iarraidh mathanais air-son sì 
thighinn a dh' ionnsaidh na sacramaid so 
air cho beag uidheamachaidh, 's le aineolas ^-'^ 
mu a luachmhorachd^ air-son nach d 



AN DAINGNEACHAIDH. 151 

Ithainig mi ga h-ionnsaidh leis an toil, 's 
leis an dèidh bu chòir dhomh ; air-son mo 
chaithe-beatha bhith an aghaidh riaghailt- 
ean an t-soisgeiL Ach, 6 mo Dhia, le 
comhnadh nan gras a fhnair mi anns an 
t-sacramaid so, tha mi cur romham caithe- 
ibeatha diadhaidh a leanailt, sa bhith am 
shaighdear dileas do Chriosta. mo Dhia 
se so mo bheachd 's mo rùn an drasda, ach 
nuair is mua a smaoinicheas mi air mo 
laigse fhein 's air neart mo naimhdean, 
sann is treasa m' achanaich a g-iarraidh 
barrachd ghrasan gach là, los nach truaill- 
3ar mi leis an t-saoghal no le dhroch 
^leachdainnean ; us los gun cuir mi eagal 
as nàire air chul, is tric a thug mo mhis- 
tieach bhuam gu labhairt an aghaidh a 
pheacaidh, sa chum air ais mi bho mo 
Ihleasnas a choim.hlionadh. Deonaich 
^m fuilig mi le ciuine, 's le umhlachd, 
^ach masladh us tàire, eucoir us crois a 
fchig am rathad. 

Aon nì eile tha mi g-iarraidh ort, 6 mo 
Dhia, se sin nach iarr mi tuille, sith, no 
fois, no tlachd ann an nichean an t-saoghail 
50, ach ann do ghaols a mhàin, sa bhith 
iaonnan a dianamh an nì sin a thig gud 
bharrachd gloir. Amen, 



152 

AIE LAGHADH EAGLAIS. 

Mineach air Laghadh. 

Ged tha na coireannan a tlia toilltinn 
pèin siorruidh air am mathadh dhuinn le 
deagh f haoisid ; an dèigh sin tha e am 
bichiontas a tachairt gii bheil fuigheal no 
smal a pheacaidh chaidh a mhathadh a 
leanailt fhathasd ris an anam, mar spot 
no fiachan dh' fheumar a phaidheadh 
anns an t-saoghalsa le breitheanas-aith- 
rich us peanasan, no san t-saoghal eile 
le dòruirm phurgadair. Gus na fìachan 
so phaidheadh, us aotromachadh air ar 
fulangas, tha 'n Eaglais a tairgse dhuinn 
comhnaidh, agus gar gairm air àm feill- 
tean sonraichte gu aithreachas us peanas, 
gu diol air-son nam fìachan so; agus 
a gealltainn, ma se 's gun comhlion sin 
griomh àraidh gu treidhireach ceart, gum 
math i dhuinn gach smal us fuighleach 
peacaidh, agus gun saor i sinn bho gach 
iulangas a bhos us thall; rud a tha na 
comas a dhianamh, bho bhriathran Chriosta 
ri naomh Peadar; — '^ Oiod air bith a 



AIR LAGHADH EAGLAIS. 153 

chea/nglas tu air talamh, hithidh e ceang- 
ailte air nèamh : agiis ciod air hith a dK 
Jìtuasglas tii air tcdamk, hithidh e fuasg- 
aiUe air nèamhr 

Air an aobhar sin, le tigliinn ann an 
seol dleasnach gu Eisdeaclid 's gu Corp an 
Tighearn anns na li-amanan sonraiclite, 
agus le gach griomh a tha 'n Eaglais a 
tiomharrachadh a mach dhuinn a choimh- 
lionadh mar is còir, tha brigh us toradh 
nan sacramaidean againn mar-aon, agus 
fuasgladh bho fhiachan us pheanas a 
pheacaidh. Tachraidh so uile nuair a 
bhios ar durachd 's ar dichioll mar is còir 
dhaibh a bhith, agus an laghadh f hein a 
sìneadh gur ciontan uile. 

Bhon mhineachadh so tha Brigh us 
buaidhean an fhacail sin laghadh furasd' a 
thuigsinn : oir tha laghadh a ciallachadh 
mathadh, no sealltainn thairis air eucoir- 
ean. A nis faodar roinn de dh' eucoirean, 
no roinn de dh' f hiachan a mhathadh, no 
na fìachan uile : nuair a mhathair roiiin, 
is laghadh sin, no mathadh, thaobh 's gu 
bheil pairt ga mhathadh : nuair a t]}eid 
na fìachan uile mhathadh, is laghadl! e 
jcuideachd nas mi^a feart ria 'n ciad 
mhathadh. 



154 AIR LAGHADH EAGLAIS. 

Leis a sin se is brigh do laghadh, fiachan 
no pian aimsireil a thoirt air falbh am 
pairt, no uile gii leir. Am fear a gheobh 
fuasgladh am pairt,tha e cosnadhlaghaidh: 
am fear a gheobh mathanas na f hiachan 
uile, no na phian aimsireil uile, tha e toirt 
a mach lan-laghaidh. Ach gu ruighinn air 
sonas cho mor, a bharrachd air deagh 
f haoisid us Corp an Tighearn a ghlacail, 
tha aman iomachuidh rin coimhead, agus 
dleasnasan suidhichte rin cur an cèill gu 
bunailteach ; mar a nis a dh' innsear. 

Na h-AmaiPbS na Dleasnasan gu Laghadh 
a chosnadh. 

B'i toil mhath ard Cheannaird na h- 
Eaglaise, 's e faicinn uireasuidh spiorad- 
ail nan Caitliceach uile anns an rioghachd 
so lan-laghadh a thoirt dha na creidich 
uile ann an Albain air na h-aman so 
leanas, agus air na cumhnantan ioma- 
chuidh so. 

Ra h-Aman. 
1. Mu ISTollaig: bho fheill Naoimh 
Tomais (21 Dec.) gus a chiad Dònach 
an dèigh Là nan-tri-Righ. A cunntadh 
daonnan chiad latha, ^s an latha mu 
dheireadh a dh' ainmichear, 



AIR LAGHADH EAGLAIS. 155 

2. Bho Dhi-ciaduin-luaithre gus an 
darna Dònach den Charghus. 

3. Bho Dhi-dònaich Slait-pailm gus a 
chiad Dònach an dèigh Casga. 

4. Bho Chaingis gus an Dònach an 
dèigh Corp Chriosta. 

5. Bhon Dònach roi fheill Pheadair us 
Phbil gus an t-Ochdamh là. 

6. Bhon Dònach roi 'n fheill Moire 
(15 Aug.) gus an t-Ochdamh là. 

7. Bhon Dònach roi latha Samhna (1 
Nov.) gus an t-Ochdamh là. 

8. Bho Là-'eill-Aindris gus an t-Ochd- 
amh là. 

Ra Dleasnasan. 

1. An taobh stigh de na h-aman ord- 
aichte, tha deagh fhaoisid ri dianamh, us 
Corp an Tighearna ri ghlacail. 

2 . An lath'a ghlacar Corp an Tighearna, 
tha urnaigh ri cur suas ri Dia, a ghuidh 
air, dea-shoirbheas a thoirt do 'n Eaglais 
naoimh Chaitlicich ; a Ceannard beann- 
aichte am Papa a stiuradh gu math, sa 
ghleidheadh ; sìth agus lan-chordadh ' a 
chur am measg phrionnsachan Criostail ; 
an Eaglais naomh Chaitliceach a lionsgar- 
adh, sa dion feadh an t-saoghail, gu h-arai(i 



156 AIR LAGHAPH EAGLAIS. 

anns an rioghaclid so f hein : s' gun tugadh 
e gu slighe an t-sabhalaidh gach anam. 

3. Ehiodh e iomachuidh, ma bhios e nar 
comas, dol do sheapall taoibheigin gus an 
laghadh so chosnadh ler n-urnaigh ann. 

4. Bhiodh e feumail cuideachd roinn de 
dh' oibrichean corporra no spioradail na 
trocaire a chur an griomh. 

Urnaigh gu Laghadh a chosnadh. 

/^ DHIA, ard Athair naoimh, is tusa 
^^ bonn a cheartais, agus peacadh sa 
bith cha n-f haod tighinn ad chòir ; ciontan 
us peacannan dhaoine cha n-urrainn dol as 
bhod dhiughaltas ; an dèigh sin, làn bàighe 
agus carrantachd, tha do lamhan sgaoilte 
agus fosgailte, gus na peacaich a thilleas 
riut le iior bhriste-cridhe a ghlacail leis 
an toir iad a mach deagh thoradh an 
aithreachais. A Dhia is mua trocair, 
air sgàth do Mhic ionmhuinn Tosa Criosta, 
a dhoirt fhuil, agus a dh' fhuilig am 
bàs air-son nam poacach, dian riumsa 
fathamas. A Dhia iochdoir, bho ghruund 
mo chridhe tha fuath us gràin agam air 
peacannan mo bheatha gu h-iomlan, agua 
le cràdh spioraid tha mi an diugh a leirsinn 



AIR LAGHADH EAGLAIS. 157 

a mhiad sa thoill mi dhiuglialtais air an 
son. Ach as leth mor thoiUteanas do 
Mhic ionmhuinn fein, tha mi an dochas 
laidir gum bi thu cairdeil agus iochdor 
rium. O losa Chriost a Mhic Dhè, aig a 
bheil gach cumhachd bho t' Athair^ shuidh- 
ich thu ard Bhuachaille ann ad Eaglais 
naoimh fhein, gus do threud, a cheannaich 
thu cho daor led f huil phriseil, a bheath- 
achadh agus a stiuradh ; agus dh' ordaich 
esan, le impidh do spioraid naoimh, gum 
biodh lan f huasgladh bho gach pèin aimsir- 
eil aig gach fìor chreideach a tha san 
rioghachdsa, air a bheil lan aithreachas 
air-son a pheacannan. O losa, m' aon 
fhear tiarnaidh air bialaobh t' Athar, 
biom air mo chunntadh am measg nam 
fìor luchd-aithreachais, gus am faigh mi 
na grasan mora sin a bheir dhiom mo 
phian aimsireil air fad a thoill mi air-son 
mo chiontan. Lan creidimh us dochais 
as do bhàigh, tha mi g-achanaich ort t' 
eaglais bheannaichte fhein a lionsgaradh, 
sa naomhachadh ; saor i bho bhristeadh 
a mach, 's bho chonsachadh ; biodh a buill 
uile air an aona-bheachd fhirinneach, biodh 
solus do shoisgeil, tha mi guidh ort ò Dhia 
naoimh, air a sgaoileadh feadh gach cearna 



158 URACHADH AR 

den t-saoghal. Soilleirich agus neartaich 
le grasan saibhir do spioraid ard Cheann- 
ard t' eaglais naoimh N. agus easpuigean 
eile mar an ciadna, agus a chleir gu h- 
iomlan : ann an rathad 's gum faod iad le 
teagasg, 's le caithe-beatha diadhaidh, an 
creideamh naomh Caitliceach a chraobh- 
sgaoileadh air feadh an t-saoghail. Thug- 
as duinn na grasan mora sin, sìth agus 
samhchair : glaogh ri cheile inntinn agus 
€ridheachan righrean agus phrionnsachan, 
air chor 's gun rian iad an sluagh a tha *n 
earbsa riu gu reidh-bheairteach ceart, 's 
mar sin gum faod sinn gu sìtheil moladh ub 
aoradh a thoirt dhutsa bho shiorrachd gu 
siorrachd. Amen. 



UEACHADH AH BOIDEAN 
BAISTIDH. 

^E sacramaid naomh a Bhaistidh thug 
thu dhomh, a Thighearna, còir air 
rioghachd f hlathanais ; nuair a ghabh mi 
sacramaid naomh a bhaistidh thainig mi 



L^ 



BOIDEAN BllSTIDH. 159 

stigh do dh* eaglais fhirinnich Chriosta, 
agusghabhmifos laimht' fhàintean naomh 
a chumail. Is aghor na grasan a f huair mi 
ann an sacramaid a bhaistidh, agus is mor 
na dleasnasan a ghabh mi orm f hein san 
àm sin rin coimhlionadh. Gabhaidh mi 
dea-bheachd air na tiodhlaicean àillidh 
chaidh a bhuileachadh c^m ann an sacram- 
aid a bhaistidh. Led ghrasansa, ò Dhia, 
chaidh mo nighe' 's mo ghlanadh, bhon h- 
uile peacadh, bho thruailleachd apheacaidh 
ghine ; chaidh mo nighe^, 6 losa, gun toill- 
teanas sa bith air mo thaobhsa, ann ad 
f huil a chaidh a dhortadh air a chrois gu 
sabhaladh mhic an duine. Is amhail a 
ghlac mi grasan na naomhachd leis an d' 
rinneadh creutair ùr dhiom, agus a h-aon 
dhed chuid cloinne. A thuilleadh air sin, 
bu mhi do chuid us 't oighreachd, ò losa ; 
cha n-ann do thruagh shliochd Ebha a 
bhuiueas mi, ach is oighre mi air flathanas ; 
agus bonn mo dhòchais tha suidhichte air 
an steidh is treasa gu solas siorruidh a 
chosnadh. O ! diù cha dian mi air grasan 
cho urramach, agus cha chaill mi iad le 
peacadh a dhianamh air-son maoine saogh- 
alta, no toileachaidh thruaillidh air bith. 
Cha chaill, a Thighearna ; cha mhua is 



160 URACHADH AR 

trom leam dol ro shaotliair air bitli, cha 
mliua is goirt leam dòruinn sabith fliulang 
giis na tiodhlaicean so ghleidheadh. Agus 
bhon tha am baisteadh a fosgladh an 
doruis dhomh gu ruighinn air uile iuntas 
do ghras, agus a toirò còir dhomh air do 
shacramaidean naomh a ghlacail, agus gur 
iad feadain nan gras gu beatha shiorruidh 
thoirt a mach ; cleachdaidh mi iad gu leas 
m'anma, los gum bimi air mo neartachadh 
leo, agus air mo chuideachadh gu seasamh 
dileas ri gealltanas a bhaistidh. Gum bu 
naomhusneo-thruaillidhabhiosnaboidean 
sin air an cumail, leis na gheall mi bhith 
dileas do bhrataich Chriosta. An ainm 
na Trionaid naoimh, anns an deach mo 
bhaisteadh, biodh mo smaointean, mo 
bhriathran, 's mo ghriomhan gu cliu do 
Dhia, 's gu sabhaladh siorruidh chosnadh 
dha m' anam fhein. Mar sin bheir mi a 
mach a bheatha mhaireannach. Biodh mo 
cheuman aii* reir umhlachd Chriosta, biom 
steidheil an creideamh, an dochas 's an 
gaol Dè ; gus an crùn an Tighearna mi 
mu dheireadh, 's an toir e stigh mi gu 
sonas siorruidh, agus an gairm e mi gu 
bhith measg oighreachan f hlathanais an 
aighear 's an sòlas nach crioch, Amen. 



COMHAIRLEAN DO DHAOINE TINNE. 161 

Am Beannachadh. 
Beannachd an Atliar,grasanaMliic,u3 
co-fhurtaclidan SpioraidNaoimh, gun robh 
daonnan nar lorg's nar fochair. Amen. 

Altachadh roi Bhiadh, 
Beannaich sinn, ò Thighearna, agus na 
tiodhlaicean a tha do mhathas a buileach- 
adh oirnn ; air sgàth losa Criost ar Tigh- 
earna. Amen. 

AUachadh an dèigh Bidh, 
Tha sin a toirt taing dhutj a Dhia 

ulle-chumhachdaich, air-son do thiodh- 

laicean dhuinn an drasda agus an cònuidh. 

Amen. 

Deonaich, a Thighearna, sòlas siorruidh 

dhar luchd-mathais. Amen. 

Fois shiorruidh gun robh aig anman 

nam marbh chreideach ; tro losa Criost ar 

Tiffhearna. Amen. 



CEABHADH DHAOINE TINNE. 

comhairlean do dhaoine tinne. 

Ma bhuaileas tinneas trom sa bith thu, 
cuir a dh' iarraidh do leigh spioradail, agus 



162 COMHAIELEAN DO 

rian gnothaichean t' anma. Sann an 
toiseacli do ghalair is fhearr theid so chur 
an griomh, na'n nuair a ghabhas e greis air 
adhart ; far am faod bruaillean na h-ea- 
slainte, no càil na cungaidh leigheis, duine 
fhagail mua's anfhann airson dleasnais 
cho cudthromach. Sann mar pheanas air 
a pheacadh tha tinneas gu tric ga leagadh 
oirnn : agus, uime sin, se fìor aithreachas 
air a shon, agus deagh fhaoisid, miadhonan 
iomadh uair is mua a ghleidheas slainte 
dhuinn na nì sa bith eile. 

Mar d' rinn thu fhathasd do Thiom- 
nadh, rud nach robh glic a chur cho fad' 
an dàil, dian e mar an ciadna ann an tois- 
each do thrioblaid, air chor 's gum faod 
thu an dèigh do ghnothaichean saoghalt' 
a reiteach, do bheachd a leagadh gu so- 
crach air leas t'anma. 

Thoir air na cairdean is fhearr a th' 
agad brath thoirt dut nathràth mu dheidh- 
inn staid do thinneis, agus do chunnart 
innse dhut, gun iad bhith gad mhealladh 
le dochas breige a slainte, gun choltas sa 
bith ach gann. Thoir a bhuil is f hearr is 
urrainn thu à àm t' anshocaire, gun fhios 
nach e an tìm mu dheireadh dhuts e. Na 
fuilig ach beagan de luchd-sealltainnthigh- 



DHAOINE TINNE. 163 

inn ad charamh, agus na eisd ri seanachas 
mar tig e gu leas t'anma. 

Faic cuideachd ann an toiseach do 
thrioblaid, gum bi t'f hiachan air am paidh- 
eadh, 's gum fuasgail thu h-uile ceangal 
eile th' ort, fhad' sa ghabhas e dian- 
amh. Thoii' mathanas dhaibhs a rinn 
olc ort, agus iarr mathanas air an f headh- 
ainn air an d' rinn thu eucoir. 

Gabh do thinneas mar pheanas bho 
laimh Dhè air-son do pheacannan, agus bi 
lan sthriochte ri thoil naoimh: taii-g thu 
fhein suas dha gu tric, iarr air faighidin a 
thoirt dut, agus do thrioblaid 's do phian a 
naomhachadh, le an cur ann an comunn 
dòruinne losa Criosta ; agus an gabhail 
mar eirig aii^-son do pheacannan. 

Thoir air cuid dhed chairdean bhith 
leughadh dhut, a taghadli nan urnaighean 
sin is mua ni do ghluasad, agus is f reagar- 
raiche dhad staid; mar tha na Seachd 
Sailm Aithreachail, Leadain, Griomhan 
Grraidh air Dia, Griomhan Faighidin us 
Umhlachd, &c. 

Biodh an crann-ceusaidh, no dealbh 
obriost air a chrois an cònuidh an seall- 
idh do shul, smaoinich gu tric air a phàis, 
■alaich thu fhein na lotan, no tilg thu 



164 COMHRA* DUINE 

f hein aig a chasan leis a ghaol agus leis an 
earbsa is mua. 

Rè do thinneis dian na dh' fhaodas tu 
gu spiorad an fhior aithreachaisa ghluasad 
ann ad cridhe ; gu tric iarr trocair air 
Dia, agus biodh do ghriomhan aithreaehais 
cuideachd lionar. Bha naomh Uistein gu 
tric a g-radh, gum bu dàn do chriostaidh sa 
bith dol thun a bhàis, air fheodhas a 
chaithe-beatha, gun a chridhe bhith ga 
lèire' leis an aithreachas. 



COMHRA' DUINE THINN RI DIA. 

/^ DHIA, Athair agus Chruthadair an 
^^ domhain ! Riuts a tha tuinidh an 
cònuidh shuas, sa tha nad shuidhe an 
cathair na glòrach, tha mi nis a togail mo 
chridhe, agus ad f hianuis a taomadh mach 
mo mhiann. Eada tha mi bhuat f hathasd 
san f heoilse, a strì ri iargain na beatha. 
Tinn, lag, agus truagh, tha mi 'n so nam 
shineadh air leaba na h-anshocaire, gun 
fhios cuin a thig an uair dheireannach 
orm, no spionas am bàs as an t-saoghal so 
mi. Sann agads a mhàin tha brath air 



THINN BI DIA. 165 

so, 6 Dliia uile-leirsinnicli ! Acli an tràtli 
tliig an nair, bitliidh i na li-uair eibliinn 
domlisa. Nuair a tlireigeas m' anam mo 
cliorp, stiuir thusa gad ionnsaidh f hein e, 
a chruthaich air do shon fhein e, agus 
laidheadh mo chohmn gu sìtheil san uaigh 
sheimh gu latha mor na h-aiseirigh. So 
mo fchoil agus m' achanaich riut, ò Athair, 
biodh iad air an coimhlionadh. Math 
dhomh a h-uile eucoir us peacadh a rinn 
mo laigse ad aghaidh ; na cuir as mo leth 
aineolas m' oige, agus math dhomh eu- 
coirean lài m' fhearachais. Falaich mo 
pheacannan uile fo chaomh sgèith t'f haigh- 
idin, agus do throcaire. Aig do chasan, 
6 Athair, tha mi tilgeadh cridhe briste 
agus aithreachail : na cuir suarach e, air 
sgàth losa Criost a f huair bàs mar iobairt 
air mo shon air fìodh na croise. M' f hul- 
angas tha mi tairgse dhut, ò Athair, an 
copairt ri fulangas agus bàs losa, los gum 
faod mi, an dèidh mo ghlanadh le peanas 
m' fhulangais, tighinn gu taitneach fod 
shuil naoimh. O an toileachadh a bheir 
e dhomh ma se 's gun lean mi, f hada sa 
bhios anail unnam, ris an aithreachas so, 
ri faighidin nach gèill, 's gum bi mi lan 
sthriochte dhad thoil naoimh. Ann an 



166 COMHRA* DUINE 

earbsa bheannaichte à caoimhneas do 
mhathais, agus do throcaire, gum b' ann 
a leumas m' anam suas ad ionnsaidh, a 
Chruthadair, comhluath sa theid fhuasg- 
ladh bhon choluinn ; bhon t-saoghalsa 
gum b' ann ni thu aiseag gu flathanas, bho 
innis nan diar gu ionad aighir us sòlais gun 
chrìch. 

An sin cha bhi truaighe a chuireas 
bruaidlean air mo shiochaint, cha tig pian 
am fagus domh a chaoidh ; buaireadh cha 
bhi ann gus mo mhealladh, cunnartan 
cha mhaoidh air m' anam : agus nì 
cha tachair gu m' eislean. Ad fhoch- 
air bithidh mi, ò mo Dhia: aghaidh ri 
aghaidh chi mi thu ; agus ann an còisridh 
ainglean, bithidh m'aighear a bhith g- 
amharc air do mhoralachd; bheir mi an 
sin mo briathran gum bu cheart, gum bu 
naomh do ràidean, a tha doilleir dorcha 
an so a bhos; aidichidh mi gun robh do 
chomhairlean, t'orduighean, 's do luath- 
sachadh naomh, mar-aon us do-rannsaichte; 
ged tha daoil mar sinne a saolsinn iomadh 
uair, gu bheil iad a tighinn tarsuinn air do 
ghliocas us air do ghradh. An sin bithidh 
thus agam, ò m'Athair, agus mo Dhia, an 
gaol is glaine bheir mi dhut, mealaidh mi 



THINN RI DIA. 167 

thn le aighear us aoiblineas mor, agus an 
sòlas sin cha sguir gu dìlinn. Dhad threud 
bheir thu beatha shiorruidh, agus neach 
cha n-urrainn a thoirt as do laimh. (Eoin. 
X. 28.) A feitheamh orm tha aoibhneas 
bith-bhuan, agus fada fos cionn gach diiil, 
agus iarraidh cridhe. Suil cha n-f hac e, 
cha chuala cluas e, 's an cridhe duine 
riamh cha deach na nichean a dh' uidh- 
eamaich Dia ann am flathanas air-son na 
feadhnach a bheir gaol dha. 

O fhlathanais an t-sòlais, ò thìr mhath 
fhirinnich an aoibhneis mhoir! Car-son 
nach fuiliginn gach nì air do shon ì Cha 
n-urrainn domh rud nas f hearr na thus a 
chosnadh le m' f hulangas. Air an aobhar 
sin, le grasan Dè leanaidh mi gu dìan mo 
bhuille, gabhaidh mi romham gu dàicheil, 
gus an glac mi an crùn sin a tha 'm freas- 
dal orm bhon bhreitheamh f hirinneach. 
(2 Tim. iv. 7.) 

Si mo thoil moran tuille f hulang air-son 
do ghraidhse, ò los, a dh'f huilig an tois- 
each uiread air mo shonsa ; na dh'f huilig- 
eas mi an dèigh so, sann air-son do 
ghaoilse theid f hulang, agus a chionn gur 
i do thoil a th'ann. " Samhladh thug mi 
dhuibhf gm an leanadh sibh mo chmmauy^ 



168 COMHRA* DUINE THINN RI DIA. 

thuirt thu ruinn : Eoin xiii. 15.) Tlia 
mi g-imeaclid air reir do gliuth, 6 Shlànair 
naoimh. Tha mi togail mo chroise, us gad 
leanail. Thuirt thu : Cha n-f huilear dhut 
fulang, us dol a stigh gud ghloir an dèigh 
sin. B' f haide 's bu truime t'f hulangas 
fhein na mo chuidse de'n anshocair, agus 
gu deonach chuir thu suas rithe ; bha thu 
umhal gu bàs seadh gu bàs na croise. Air 
an aobhar sin thug t'Athair ainm dhut, a 
tha fos cionn gach ainm, agus dhan lub 
gach gliìn air nèamh, air talamh, agus fo 
'n talamh. (Phil. ii. 8.) Tha mise gad 
leanail, us tha mi 'n dochas an dèigh m' 
f hulangais gun tig mi gad ionnsaidh an 
aoibhneas. Thugas domh, ò losa, misneach 
agus càil gus am beachd Criostail so lean- 
ail ; neartaich m' f haighidin lag, daingnich 
mo bheachd neo-steidheil, agus cum taic 
rim bhreoiteachd, Mar mheangan lag 
glaodh riut fhein mi, 's gur tu aai fionan, 
air chor 's gun toir mi mach unnadsa, lem 
bheatha 's lem bhàs, toradh na beatha 
siorruidh. Gun thusa 's fheudar gum bi 
mi fann, 's gun gèill mi : uime sin tha mi 
gam shnaim f hein riut gu teann. O losa, 
tha gaol agam ort ; ò losa, tha mi fulang 
air do shon 3 6 losa, tha mi faighinn a 



3LEADAN AlIl-gOIT BAÌS SHONA. 169 

bliàis air do slion ; tha mi creidsinn unnad ; 

tlia mi cur mo dhocliais unnad ; losa, tha 

j gaol agam ort ; neartaicli mo clireideamh, 

I beothaich mo dhochas,teothaich mo ghradh, 

I agus na biodh an teine naomh so air a 

dhiocladh unnam. Biodh mo dhochas air a 

choimhlionadh, biodh mo chreideamh gun 

lagachadh, mo mhiann gun laghdachadh, 

agus biodh m'f haigidin ann an dòruinn 's 

an diachainnean gun diobradh. O losa, 

ann ad uchdsa tha mi gam thilge' fhein 

gu h-iomlan : leatsa biom am beatha 's am 

bàs. Cliu us moladh dha t'ainm naomh 

a nis agus gu siorruidh. Amen. 



LEADAN AIE-SON BAIS SHONA. 

j A THIGHEARlSr losa, Dhia a mhath- 
"^^ ais, agus Athair na trocaire, tha mi 
fcighinn ad ionnsaidh, ann an umhlachd 
3ridhe, 's le spiorad brònach; riutsa tha 
naig-earbsauairedeireannaich mo bheatha, 
igus mo chrannchuir siorruidh. 

Nuair a bheir meath agus marbh- 
huachd mo lamhan 's mo chasan faireach- 
ìidh dhomh, gu bheil ceann-criche mo 



IfO LBADAN AIR*80N 

bheatha a teannadh orm, los iochdar, dian 
trocair air ttìI anam. 

Nuair thig sgàil agus dubhar a bhàis air 
mo shuilean, sa dhearcas iad ortsa, mo 
chobhair dheireannach, losa iochdar, <^c. 

Nuair bhios m' aghaidh glasdaidh uaine, 
a cur truais agus tiomachd air mhiad sa 
sheallas orm, losa iochdar, <hc. 

Nuair bhios m'fhalt air snamh, ann am 
fuar fhallus a bhàis, a cur mo chriche an 
cèill domh, losa iochdar, <kc. 

Nuair bhios mo chluasan gu bhifch 
druidte bho chonaltradh dhaoine, agus 
fosgailte don bhinn gun atharrachadh a 
ghearras mi à commune nam beo, losa 
iochdar, dcc. 

Nuair bhios m' aigne fo luasgan le breis- 
lichean, 's air a claoidh le dòruinn 's le 
cràdh ; nuair bhios m'anam fo ghiorraig a 
g-amharc air m' aingeachd, 's fo eagal do 
bhreitheanais ; sa bhios agam ri cath an 
aghaidh ainglean an dorchadais a bheir 
oidhirp air do throcair a chleith orm 's mo 
sparradh gu eu-dochas, losa iochdar, Jhc. 

'Nxmìx bhios mo chridhe bochd air geill 
eadh, 's air a chlaoidh le strì agus spairn an 
aghaidh naimhdean m' anma fo chuaradh a 
bhàis, losa ioehdar^ àc. 



BAIS SHÒNA. 171 

Nuair thuiteas an diar deireannacli bhom 
rasg, gabh e na iobairt dhiolaidh air-son 
mo pheacannan, deonaich gum faigh mi 
bàs le fior aithreachas, agus aig an uair 
ghàbhaidh sin, gur ann gus mo bhreith- 

I eanas-aithrich a choimhlionadh, bhuaileas 

guin a bhàis mo chridhe, losa iochdar, dkc, 

JSTuair a chailleas mi mo mhuthachadh, 

^s nach leir dhomh an saoghal ; agus a 

i bhios m' anam ann an dòruinn agus spairn 
a bhàis, losa iochdar, <Scc, 

Nuair thig anospag dheireannach achur 

I sgaradh eadar m' anam 's mo cholunn, 

j gum b' ann bheir e grad leum le sòlas nad 

I choinneamh, losa iochdar, <frc. 

Nuair a ghabh as m'anam, air bhallchrith, 
a chead dhen t-saoghal, sa dh' f hagas e 

j mo cholunn gun deo glasdaidh fuar, gabh 

i an dealachadh so mar chìs umhlachd a tha 
mi toileach a dhioladh dhad Mhorachd 
dhiadhaidh, losa iochdar, dhc, 

Nuair theid m'anam nad lathair, a Dhia 
juile-chumhachdaich, na cuirculrium, ach 
jgabh mi stigh gad ionnsaidh, gu bhith 
seinn do chliu a ghnàth fad na siorrachd, 
losa iochdar, dcc. 



I7à ÙRNAIGHEAN AN 

Dianamaid Urnaigh. 
f\ DHIA, a dh' orduicli teinn a bhàis do 
^^ gacli duine, ach a chleith an uair aif 
gacli neach, deonaich gun caith mi m' 
aimsir ann an griomhan naomh agus 
ceart, 's gun toill mi an saoghal so f hagail 
le sìth deagh chogais, ann an caidreamh 
do ghaoil ; troi losa Criosta ar Tighearna. 
Amen. 



TJENAIGHEAN AN AM TINNEIS. 

r\ THIGHEARN losa, bhona si do 
^^ thoil naomhsa trioblaid a thighinn 
orm, tha mi lan thoileach air striochdadh, 
" Gun dianar dothoil air talamh mar tha^s 
ga dianamh air nèamhy Gun robh an 
tinneas so gu onair us gloir dha t'ainm 
naomh, agus gu sabhaladh do m' anam, 
Leis a bheachd so tha mi gam liubhairt 
fhein dut, gu h-umhailte, striochte, gu 
fulang cho fad' agus is àill leat, us anns bra 
an doigh is àill leat. Chionn is peacach 
truagh mi, a Thighearn, a rinn iomadh 
eucoir ort, agus bhona bha mo chiontan 
bho cheann fad* a glaodhaich diughaltais! 



6 



oit 



AMTINNEAS. 173 

ri flathànas, car-son nach gabhainn an t- 
achasan so bhuat ] 

O moDhia, dè fàth mo ghearain'? thathus 
uile-cheart, us thoill mise gum buineadh 
tu rium gu goirt. Ach, ò mo Thighearna, 
na smachdaich mi nad chorruich, agus na 
cronaich mi nad f heirg. Tha fios agad nach 
eil unnam ach laigse, agus smùrach an 
talmhainn; na buin rium air reir mo pheac- 
annain, 's na leag do lamh orm cho trom sa 
tha m' olcas a toilltinn, ach air reir lion- 
mhorachd do mhor throcaire gabh truas 
dhiom. O biodh do throcair an cois do 
cheartais, agus neartaich mi led ghrasan 
nam theinn. Thusa, Dhia, tha làn iochd, 
dian cobhair orm, air dhoigh 's gun giùl- 
ain mi m' aniihocair le faighidin, agus gun 
gabh mi an tinneas so bhod laimh mar 
pheanas tha mo pheacannan a toilltinn. 
Na leig ann am buaireadh mi, dion mi an 
a-ghaidh mo naimhdean, agus saor mi nam 
3aslaintebhogach nì chuireadh miothlachd 
^rt ; agus mur eirich mi dhen leaba so gu 
3ràch, na leig dhomh dearmad a dhianamh 
lir na miadhonan sabhalaidh a dh' uidh- 
3amaich thusa nad throcair air-son m' 
B inma gus uUachadh chum na siorrachd. 
ij 3 mo Dhia, glan m' anam bho smal a 



174 URNAIGHEAN AN 



pheacaidh, biodh mo chreideamh agus mo 
dhochas unnadsa daingean laidir, thoir li 
dhomh gaol a thoirt dut os cionn gach nì ; 
agus tha mi g-achanaich le dùrachd mo 
chridhe, as leth fulangas agus bàs Chriosta, 
gum bi mi air m' aireamh am measg nan 
naomh, sa seinn do chliu gu siorruidh. 
Amen. 



/^ Thighearka, olaidh mi gu toileach an 
^^ cupan searbh so a tha do lamh thro-j 
caireach cheart a tairgse dhomh : tha mi 
lan sthriochte dha do thoil bheannaichte co ii 'u 
dhiu is beatha no bàs e ; cha n-i mo thoilse |ii 
ach do thoil naomhsa gun robh diante.ilioi 
O Thighearna, tha mi tairgse dhut na thalh 
mi fulang an drasda, agus na dh' fhuil-j^ii»] 
igeas mi an dèigh so gu bhith air a naomh-i|i 
achadh le fulangas mo Shlànair. O moi|t 
Dhia, tha mi toirt aoraidh dhut mar mofp 
chiad thùs agus mo chrìch dheireannaich,ìritta 
dhutsa tha mo chridhe 's m' anam a toirt liilì] 
lan umhlachd. O Thighearna, se mora, 
mhiann bhith gu bràch a seinn do chliujlt 
ann an tinneas no slainte, sa bhith toirtjfcj 
molaidh dha t'ainm maille ris na naoimhitikii, 
air nèamh 's air talamh, Tha mi toirti'Jic 
tainge dhut bho m'uile chridheair-songachMcl 



i 



AM TINNEAS. 170 

tiodhlaic a bhuilich thu ormsa agus air t- 

Eaglais air fad, as leth do Mhic losa 

; jCriosta; guh-àirid air-son gaol thoirt domh 

bhon t-siorrachd, agus mo shaoradh le 

b' f huil phriseilse. O na biodh an f huil sin 

ìir a dortadh air mo shonsa an diamhanas. 

A Thighearna, tha mi creidsinn anns a 

i-uile fìrinn dhiadhaidh a thaisbean thusa, 

igus a tha 'n Eaglais naomh Chaitliceach 

i teagasg. Is tusa Dia na firinn nach ur- 

ainn mealladh no bhith air do mhealladh : 

igus a gheall gum bitheadh spiorad na 

irinn a stiuradh t'Eaglais anns gach uile 

hirinn. Ann an so abair a Chreud. Led 

homhnadhsa, Dhia, so an creideamh anns 

i.ra bi mi fad mo bheatha, agus anns am 

aigh mi bàs. A Thighearna, neartaich 

ao chreideamh. O mo Dhia, sann unn- 

dsa tha m' earbsa gu h-iomlan, us dùil 

gam ri trocair, grasan agus sabhaladh 

huatsa, as leth fulangas agus bàs mo 

hlànair losa Criosta. Unnads, a Thigh- 

ìrn, tha mo dhochas, na bitheam air mo 

ihealladh. losa chaoimh, dian cobhair 

rm an uair mo thrioblaid, falaich mi nad 

»tan, agus glan m' anam le t'f huil phriseil. 

mo Dhia, tha mi toirt gaoil dut le m' 

ìle chridhe, le m' uile anam, agus os cionn 



176 URNAIGHEAN AN 

gach nì ; co dhiu sann mar so bu mhiann 
leam gaol a thoirt dut. O thig a ghabh- 
ail seilbh nam anam, us biodh e gu bràch 
air a lionadh led ghaol. Si mo thoil a 
bhith fuasgailte sa bhith maiUe ri Criosta. 
O cuin a thig do rioghachd? O Thigh- 
earna cuin a bhios tu riaghladh cridh- 
eachan an t-sluaigh gu leir ì Cuin thig 
crioch air a pheacadh ì 

Air-son do ghaoil bithidh mi ann an 
carrantachd ri gach neach. Tha mi bhom 
chridhe toirt lan mhathanais dha gach aon 
a rinn eucoir orm, sa g-iarraidh mathanais 
air gach aon air an d' rinn mi olc. Dian 
trocair, a Dhia, air reir do mhor throcaire, 
agus air reir lionarachd do chaomh throc- 
aire dubh as me lochdan. co bheir 
uisge dham cheann agus tobraichean dhiar 
dha mo shuilean gus am bi mi là sa dh'- 
oidhche a caoidh mo pheacannan ! Is 
truagh gun d' rinn mi eucoir riamh air an 
Tì a ta uile-mhath, 6 is sona an t-anam a 
ghleidh neochiontas a bhaistidh. Thigh- 
earna, dian trocair orm, oir is peacach mi.^ 
losa Mhic an Dè bheo, dian trocair orm. 
Tha mi liubhairt m' anma do Dhia i 
chruthaich mi à neoni; do dh' losa m( 
Shlànair a cheannaich mx le f huil phriseil 



O' 

lea 

Oltì 

afòs 






AM TINNEIS. 177 

don Spioraid Naomh a naomhaich mi 
an tobar a bhaistidh. Nad lamhans, a 
Thighearn, tha mi liubhairt m' anma. 

Tha mi nis ns gusiorriiidhcurcuil ris an 
aibhistir, usri uile ghriomhan ; agus tha mi 
toirt gràine dha bhuaireadh us dha mheall- 
taireachd. O Thighearn, na leig le 
namhaid m' anma buaidh f haotainn orm a 
nis no aig uair mo bhàis. O bitheadh t' 
ainglean naomh gu leir gam dhion bho 
chumhachdan an dorchadais. O Mhathair 
Dhè, guidh air ar sonne na peacaich a nis 
agus aig uair ar bais. O Naoimh us 
Ainglean Dè, guidhibh as mo leth, chionn 
is peacach truagh mise. 

Urnaigh air-son faighidin an àm mor 
chràidh. 
f\ Thighearna, chiontaich mi nad agh- 
^^ aidh, gabh m' fhulangas an eirig mo 
pheacannan ] is tric a chuir mi miothlachd 
ort, us tha h-uile reuson agam air fulang. 
Thighearna, tha thusa ceart anns gach 
ioigh. Se an Thighearn thug d homh slainte 
a.gus neart, se thug bhuam iad. Tha 
chiìis mar tha esan faicinn iomachuidh, 
beannaichtegunrobh ainm an Thighearna. 
rhoiU mi tuiUe mor sa tha mi fulang ; 

f3 



178 URNAmHEAN AN 

anns a clieart thrioblaid a leag tliu orm, 
tlia thus, a Thighearn, a fìachainn trocaire. 
O mo Dhia, na caomhain mi san t-saogh- 
alsa, ach bi caomh rium san t-siorrachd. 
Is lionar iad a tha fulang ann an ifrinn 
air-son peacannan nas lagha na rinn mise, 
is neonach na tha mi fulang an coimeas 
riusan ; sann domh is dan a bhith gearan. 
A Thighearna, rinn thusa iobairt dhiot 
fhein air mo shonsa, agus tha mise gam. 
thairgse fhein an drasda mar iobairt 
dhutsa. Ma dh' fhuilig an Tì neochiont- 
ach air-son ar peacannan dè dh' eirgheas 
don chiontach. Hoi so b'i mo thoil fein 
a bha mi leantuinn, ach bithidh mi air mo 
stiuradh le toil an Tighearna a so suas. 
Dè an criostaidh mise ma dhiultas mi mo 
Cheannard a leanailt ì Ghiulain thus, 
Thighearna, do chrois, agus nach fheudar 
dhomhsa mo chrois a ghiùlan mar ani 
ciadna. Cha mhise do sheirbhiseach ma 
chuireas mi an aghaidh do thoil, no ciamar 
a their mi mo Thighearna riut mur bi mi 
umhailte dhut ì Sann led ordugh a thainig 
so orm, a Thighearn, beannaichte gun robh 
t'ainm. Seall orm, a Thighearna, le truas, 
thoir furtach dhomh 's mi anteinn, Gheall 
thu cobhair dhaibhsan a ghlaodhadh orf " ' 



fte 



miii 



air.] 



AMflNNEAS. 179 

nan trioblaid, Dhia dian comlinadh rium 
gun dàil. Glieall thu nach bitheadh 
h-aon a chuireadh earbsa unnad air a 
mhealladh ; Dhia eann unnadea tha m' uile 
dhochas, Dhia na treigmi. Dhia cuidich 
mi, thoir dhomh fulang le faighidin, sa 
bhith lan-sthriochte dhad thoil bheanaichte. 
Se so lath' a chath, led chomhnadhsa, Dhia 
nam feart, gheobh mi buaidh j bhona gheall 
mi do bhratach a leantainn is còir dhomh 
fulang nad aobhar 3 is mor a dh' f huilig na 
mairtirean, ach anuairbumhua andòruinn 
thug iad moladh dha t' ainm. Bheil còir 
agamsa bhith saor bho thrioblaid ì Bheil 
mise nas fhearr na 'n f headhainn a dh' 
f halbh romham ì is ioma là socrach slaint- 
each abh' agamsa, agus feadhainn ab' f hearr 
na mi ann an trioblaid 's an anshocair ; 
bhon is àm diachainn a bheatha so, nach 
fheum mise tachairt ri diachainn mar an 
ciadna, am bi dùil agamsa ri crùn mur 
faigh mi buaidh, 's am faigh mi buaidh 
mur dian mi cath ì Ciod is f hiach m' 
umhlachd mur striochd mi domthrioblaid, 
no m' f haighidin mur giùlain mi m' anshoc- 
air, no càite bheilmo mhisneach 's moneart 
ma gheilleas mi an àm cruadail ì So 
in t-àm a dhearbhas gur Criostaidh mi. 



180 URNAIGHEAK AN AM TINNEAS. 

O mo Dhia, dè *s fhiach gach gealladh a 
thug mi dhut, ma chuireas mi nad aghaidh 
an uair a smachdaicheas tu mi ì Ma tha 
mi toilltinn mo chronachadh, ò mo Dhia, 
car-son a chuirinn nad aghaidh? Na 
smachdaich mi, a Thighearna, nad f heirg, 
us na cronaich mi nad dhiumb. Ged nach 
eil mi ga thoilltinn, seall thus orm, a Dhia, 
le truas agus le bàigh. Tha fios agad nach 
eilunnamachneoni, cuidichmi led ghrasan 
cumhachdach. Na treig mi nam dhiach-lin 
ainn, ach dion mi fo sgàil do sgèithe, a pii 
Dhia nam feart ; is creutair bochd truagh ea( 
mi na bi ann am feirg rium. Cha n-eilpi 
cobhair ri faotainn ach bhuats a mhain, is uili 
tu mo thaic, m' f hasgadh, us mo dhidean. 
Dhia na cuir suarach mo ghearan ach thoir 
fasgadh dhomh fo sgàil do chumhachd. 
Thoir bhuam mi-fhaighidin, ciosnaich mo 
nadur coirbte. Olam gu deonach an cupan 
a chuir thu nam laimh. Thoir dhomh mc 
chrois a ghiùlan le faighidin, sann trc 
mhoran anshocair theid sinn a stigh dc 
riogh ach d f hlathanais ; ' s f heudar dhaibhp ^ 
san leds an àill a bhith an gloir maille rifcat-s 
losa, fulang maille ri losa. lonnsaiclpgiia 
dhomh mo thrioblaid a ghiùlan air dhoigllioiTà 
*s gun tig i gu feum siorruidh dha m'anam 







URNAIGH RO'N CHOMANACHADH ETC. 181 

Thig criocli air gach nì a dh' f huiligeas 
mi an drasda ; is goirid diumain m' ùine 
san t-saoghalsa, cha n-fhada th'agam ri 
fulang. Ach air an ath bheatha cha tig 
crioch. giùlainem a phiansa nach mair 
achgoirid,andoigh chriostail fhaighidnich 
los gun seachainn mi phian a mhaireas a 
chaoidh ! ma tha e duilich cur suas leis an 
trioblaidsociamar a dh'fhuiliginndòruinn 
shiorruidh ifrinn. Sann gus mo theasraig- 
innbhophein shiorruidhaleig thus, a Dhia 
pian aimsireil orm. Fuiligidh mi gu toil- 
each le comhnadh do ghras. Do thoils, a 
Dhia uile ghlic, uile bheannaichte, agus 
uile throcaireach, gun robh diante. Amen. 



URNAIGH RO'lST CHOMANACHADH 
DHEIREANNACH. 

f\ SHLANAIE- bheannaichte losa 
^ Chriosta ! tha mi creidsinn gu daing- 
3an gu bheil thu ga rireamh a lathair anns 
m t-sacramaidurramaichse, a thami nis dol 
i ghabhail mar Viaticum no lòn-turuis na 
iiorrachd : tha micreidsinn gur iad d' fhior 
'heoil us d' f hior f huil maiUe ri t'anam 



162 URNAIGH RO'N 

usdodhiadhachdatli'innte. Se momhiann 
an t-aran nèamhaidh so fhaotainn, air-son 
d' onair us do ghloirse, agus math m' anma, 
los gum bi mi gu sona air mo dhluthadh 
riutsa. Ach ciamar is dànleam teannadh 
riut ; cruimheag cho truagh, a dh' ionnsaidh 
Morachd neo-chriochnaichte ; peacach cho 
salach, gu glainead us naomhachd f hein ì 
Sann ad throcair uime sin tha mi cur m' 
uileearbsa; ach bhonis i do thoil cuireadh 
a thoirt dut f hein a dh' ionnsaidh bothain 
cho bochd truagh agus suarach ris a chom 
so, deonaich, guidheam ort, grasan, miagh, 
umhlachd, us cràbhadh a thoirt domh, a 
dh' uidhemicheas àite tàimh iomachuidh 
gu gabhail romhad. Glan m' anam bho'n 
h-uile smal peacaidh, èid e le trusgan 
bainse na carrantachd, agus sgeadaich e le 
uile shubhailcean. Thigeam h-ugad mar 
Mhagdalen, gus mo shaoradh bho'n h-uile 
olc, agus thus a ghlacail, m' aona mhath. 
Tha fuath agam bho ghrunnd mo chridhe 
airm'uilepheacannan, chionngun dochuir 
iad miothlachd air do mhathas. Tha toil 
agam an tilgeadh uile sios aig do chasan, 
gus am mathar 's an dubhar as iad led 
fhuil phriseil. Tha duilichinn orm air an 
son, us bithidh mi duilich brònach air m 



CHOiyiANACHADH DHEIREANNACH. 183 

son f had' 's is beo mi. Ni mi caoidh us 
tuireadh air an son le doilghios cridhe. 
Ged tha iad lionar us uamliasach, is neoni 
iad laimh rid throcair do-thomhaiste, us ri 
eirig neo-chriochnaichte d' fhala priseil. 
Thoirmathanasdomhma-ta, losachaoimh. 
Air sgàtli do mhor iochd, gabh truas 
dhiom^us sabhail mi ; chionn cha treig thu 
a chaoidh iadsan a chuireas an dochas 
unnad. Tha mi toirt gaoil dut, ò mo Dhia, 
le m' uile chridhe 's le m' uile anam, os 
cionn gach nì th' air thalamh no air nèamh ; 
co dhiu se mo mhiann gaol thoirt dut le 
idurachd mo cridhe. Tha mi gam liubh- 
airt f hein dut gu siori'uidh. O thig agus 
gabh seilbh air mo cridhe gu là bhràth. 
Tha mi ga thairgse dhut gu h-iomlan, ò 
thig agus las suas e le teine caomh do 
ghaoilnèamliaidh, agus nasgaradh nichean 
am beatha no 'm bàs mi bhuat tuille. 
losa chiuin, deasaich mi gus am beann- 
Bachd a tha thu brath a bhuileachadh orm 
f hàilteachadh mar is còir. Irioslaichte an 
TÌdhe 's an inntinn, tha mi toirtaoraidhus 
arraim dhut, sa g-aideach ad lathair nach 
3il unnam ach duslach us luaithre. Se 
nuinghin ad mhathas tha toirt danadais 
iomha thighinn ad ionnsaidh, oir is eiginu 



184 URNAIGH AN DEIGH, ETC. 

domli gabhail ris nach airidh air mi air 
sheol sa bith. Thighearna, cha n-fhiù mi 
thu thighinn a stigh fo m ardaich : ach 
abair amfacal a mhàin, 's hithidh m'anam 
sabhailte. 



URNAIGH AN DEIGH A 
CHOMANACHAIDH DHEIREANNAICH. 

rpAINGr iis gloir dhut, ò Thighearn a 
-■- dheonaich nad mhor chaoimhneas 
tighinn a shealltainn orm, agus furtachd a 
thoirt do m' anam feumach. Leig le do 
sheirbhiseacha nistriallannan sìth,airreir 
t' f hacail. Thainig thu a choimhead orm, 
us cha dhealaich mi riut. A nis gabhaidh 
mi mo chead dhen t-saoghal gu toileach ; 
us theid nii nad choinneamhs, a Dhia, le 
sòlas. 

O losa chaoimh, cha dhealaich mi riut 
gu siorraidh. Tha mi nis air mo dhluth- 
adh riut gu teann, unnadsa bithidh mi beo, 
unnadsa gheobh mi bàs, agus unnadsa tha 
mi 'n earbsa bhith comhnuidh gu bràch. 

Cha n-eil sa bheathasa, ach trioblaid us 
anshocair, se mo mhiann a bhith air m' 
fhuasgladh sa bhith maille ri Criosta. 

Ged a ghluaiseas mi anix a sgàil a bhàis, 



' URNAIGH AN DEIGH, ETC. 185 

clia n-eirich beud dhomh, bhon tha thus 
ann mo chuideachda, a Thighearn. Mar 
tha am fìadh an dèidh air uisge an f hua- 
rain, mar sin tha m' anam an tòir ort ; tha 
m' anam tartmhor an geall air ol à tobar 
na beatha. 

O mo Dhia, cuin a theid mi nad lathair ! 
O losa, thoir do bheannachd dhomh, agus 
socraich m' anam ann an sìth shiorruidh ; 
ann am fois nach faigh mi ach bhuats a 
mhain ; ann am fois nach cuir mo namhaid 
a dhìth orm. 

Is f hada leam gus am bi mi nad chuid- 
eachd ann an sòlas siorruidh ; is truagh 
nach robh m' anam aig fois, sann unnads 
a Dhia tha sòlas rioghachd f hlathanais. 

Ciod mo ghnothachsa tuille ris an t- 
saoghal ì Dè tha bhuam ann am flath- 
anas ach thusa mo Dhia ì Nad lamhansa 
tha mi liubhairt mo spioraid : losa, glac 
m' anam us thoir gu sòlas siorruidh e. 
Amen. 



URNAIGH RO'N OLA DHEIREANNAICH. 

A THIGHEAEN losa Criosta, tha thu 
"^ ann ad mhor iochd ^ freas4^1 qìvìì^ 



186 URNAIGH RO'N, ETC. 

led cliuideachadh laidir anns gach gàbh- 
adh us cunnart am bi sinn : deonaich mise 
dhianamh toillteanach air na grasan tha 
fuaighte ris an t-sacramaid tha mi dol a 
ghlacail an drasda. Dh' ordaich thu sa- 
cramaidnah-Ola Deireannaich gu furtach- 
adh air na daoine a tha 'n dòruinn, agus 
ann an riatanas araid air taic agus air 
misnich, tha mi deonach air an leigheas 
spioradail so ghlacail, air-son na criche gus 
na shonraich thu i. Deonaich, a Thigh- 
earn, gun tig an t-ungadh naomhsa gu 
feum dhomh, gu m' anam a leigheas bho 
na creuchdan a dh' f hag am peacadh air ; 
gus mo neartachadh an aghaidh gach 
buairidh ; gu taic a dhianamh dhomh 
nam thrioblaid, 's nam dhòruinn ; agus, 
air reir do thoil naoimhse, gu m' ullach- 
adh gu bàs beannaichte. Ma tha thu 
faicinn gum bi slainte dham choluinn na 
cuideachadh gu m* anam a shabhaladh, 
biodh so na mhiadhon gus a tilleadh gam 
ionnsaidh. Ach tha mi lan sthriochte dhad 
thoil naoimh. Is deonaiche mi air do 
thoilse dhianamh na bhith beo san t-saogh- 
alsa. Dian rium air reir 's mar tha thu 
faicinn is fhearr dha m' anam. So aon 
iarratasmochridhej dothoilsebhith diante, 



URNAIGH RO'N, ETC. 187 

Thoir dhomh slainte no easlainte, beatha 
no bàs, do thoil phriseilse gun robh diante, 
cha n-i mo thoilse. Is mua an toil-inntinn 
leam do thoilse bhith diante, na deich mile 
saoghal a bhith agam . Bu ghno thach aghor 
dhomhsa nan dianadh mo cholunn a thilg- 
eadhadh'ionnsaidh na h-ùrach as an tainig 
i, dioladh air-son nam fìachan th' agad orm. 
Bha mo shuilean fosgailte do ghoraiche ; 
bha mi toirt cluaise do chùlchainnt, do 
dhroch cainnt, 's do chainnt dhiamhain; 
bha mi toirt as-onair dhut lem theanga, 
's le m' ana-measarrachd ; bha mo lamhan 
a cur air adhart an uilc; bha mo chasan 
a gluasad an ceuman na h-aimideachd. 
Leis an ola naoimh so, agus leurnaighnah- 
Eaglais, thoir dhomh mathanas, a Thigh- 
earna, anns gach peacadh a rinn mi lem 
cheudan corporra ; biodh na dorsan sin a 
leig am peacadh a stigh gu m' anam a nis 
dùinte don t-saoghal so. Biodh mo shuil- 
ean fosgailte duts a mhàin ; biodh mo 
chluasanag-eisdeachdrid fhàintean; biodh 
mo theanga gun tàmh a g-iarraidh iochd us 
trocair ort. Direadh m' urnaigh mar 
iobairt thaitnich nad f hianuis ; biodh mo 
lamhan togte suas ri nèamh a g-iarraidh 
mathanais am pheacannan; gluaiseadh mo 



188 URNAIGH AN DEIGH, ETC. 

chasan nad shlighean, us biodh mo chridhe 
na theampull beo aig an spiorad Naomh. 
Ann ad lamhan, ò los, air a bheil gaol mo 
chridhe, tha mi liubhairt m' anam. Unn- 
adsa bithidh mi beo, unnadsa, gheobh mi 
bàs, unnadsa ni mi comhnuidh, agus unn- 
adsa tha mi an dochas gun sealbhaich mi a 
bheatha shiorruidh. Amen. 



URNAIGH AN DEIGH NA H-OLA 
DEIREANNAICHE. 

/^ MO Dhia, is tus a chruthaich, a sha- 
^ bhail, sa naomhaich mi; sa rinn 
fuasgladh orm ann an ioma cunnart us 
gàbhadh, a thaobh anma us coluinne. 
Bheathaich thu mi le sacramaid dhiadh- 
aidh do Chuirp agus d' Ola priseil; 
agus dheonaich thu dhomhsa dleasnas na 
h-Eaglais, ged is ioma h-aon bu toill- 
teanaiche na mi fhuair bàs obann as 
aonais. 

Air-son nan grasan so, 's nan tiodh- 
laicean mora a bhuilich thu orm, tha mi 
toirt moran taing dhut; tha mi tairgse 
Tno chridhe dhut mar iobairt loisgte, seall 



LEADAN DHAOINE TINNE. 189 

air le tlaclid us bàigli. Cha n-iarr mi 
bhitli saor bho m' anshocair; bhona sann 
agadsa tha fios air an nì thig gu m' f heum. 
Deonaich gum fuilig mi gun ghearan, 's 
gun giùlain mi gu faighidneach gach crois 
us trioblaid a thig bhod laimh; ma si do 
thoil bheannaichte mo cholunn lag a 
phianadh le barrachd cràidh us dòruinne 
air iia tha mi fulang an drasda, ò Thigh- 
earna, tha mi toileach cur suas ris, agus 
a bhith striochte dhad thoil naoimh anns 
gach nì. O mo Dhia, eisd ri aon 
achanaich, si sin, gun tig am bàs orm ann 
a staid nan gras, agus gum faigh mi, an 
dèigh trioblaid us anshocair na beathasa, 
seilbh ann an rioghachd na gloire, gu 
bhith seinn do chliu maille ris na naòimh 
ann an sòlas siorruidh. Amen. 



LEADAN DHAOINE TINNE. 

A THIOHEAENA. Dian trocair air 

(no oirre.) 
A Criosta, Dian trocair aii^ (oirre,) 
A Thighearna, Dian trocair air (oirre.) 
Naomh Mhoire, Guidh air a shon (son*) 
Ainglean ua Ard-ainglean uile, Guidhibhy 



190 LEADAÌT DHAOINE TINNÈ. 

N. Abel, 

Cliòisridli bheannaichte uile, 
N. Abraham, 
IST. Eoin-Bhaiste, 
N. loseph, 

Aithrichean us Fhàidhean naomh uile, 
N. Pheadar, ^ 

N. Phòil, § 

N. Aindris, ^ 

N. Eoin, J 

Ostala sa Shoisgeulaich naomh uile, ^ 
Naoidheana naomh uile, ^ 

N. Stephain, *§ 

N. Labhruin, ;< 

N. Bhincent, ;:< 

Mhairtirean naomh uile, -S 

N. Shilbhester, 5:?^ 

N. Ghrigori, | 

N. Uistein, p< 

Easpuigean us Aidmheilich naomh -g 

uile, ^ 

N. Bhenedic, 
ISr. Fhranse, 
Mhanaichean agus Aonaranaich 

naomh uile, 
N. Mhoire Mhagdalen, 
]Sr. Luci, 
Oighean us Bhantraichean naomh uile, 



LEADAN DHAOINE TÌNNE. 19l 

Naoimli sa Bhan-naoimli uile, 

Bi trocaireach, dian fathamas ris (no 
rithej ò Thighearna. 

Bi trocaireach, saor e CiJ ò Thighearna. 

Bhod fheirg, saor e (ij ò Thighearna. 

Bho ghàbhadh a bhais, saor e (i), ò 
Thighearna. 

Bho chumhachd an droch spioraid, saor 
e (i), ò Thighearna. 

As leth do bhreith, saor e (i), 6 Thigh- 
earna. 

As lefch do chroise us do phàis, saor e 
(i), ò Thighearna. 

As leth do bhàis agus do thiodhlacaidh, 
saor e (i), ò Thighearna. 

As leth t' aiseirigh glormhoir, saor e 
(i), ò Thighearna. 

As leth grasan an spioraid ISTaoimh an 
Cofhurtair, saor e (i), 6 Thighearna. 

Air latha a bhreitheanais, saor e (i), 6 
Thighearna. 

Sinne na peacaich, deonaich eisdeachd 
ruinn. 

Thu bhith baigheil ris (rithe), deonaich 
eisdeachd ruinn. 

A Thighearna, dian trocair oirnn. 

A Chriosta, dian trocair oirnn. 

A Thighearna, dian trocair oirnn. 



192 LEADAN DHAOINE TINNE. 

Urnaigh ri chantuinn ann an cruaidh 
spairn a bhàis. 

TMICH as an t-saoghal so, 6 anam 
chriostail, ann an ainm Dhè an 
t-Athair uile-chumhachdach, a chruthaich 
thu; ann an ainm losa Criosta, Mac an 
Dè bheo, a dh' f huilig air do shon : ann 
an ainm an Spioraid Naoimh, leis an 
deach do naomhachadh : ann an ainm nan 
aingeal, agus nan ard-aingeal: ann an 
ainm chathraichean us f heartan ; ann an 
ainm phrionnsachan agus chumhachdan : 
ann an ainm nan cherubim, agus nan 
seraphim; ann an ainm nan aithrichean 
naomh 's nam f àidh : an ann ainm nan 
ostal agus nan soisgeulach : ann an ainm 
nam mairtirean, agus nan aidmheileach : 
ann an ainm nam manach 's nan aonaran 
naomh : ann an ainm nan oighean naomh, 
agus naoimh, agus ban-naoimh Dhè uile : 
an diugh biodh do thuinidh an sìth, agus 
do dhachaidh ann an Sion naomh ; tro 
losa Criosta. Amen. 

A Dhia na h-iochd, a Dhia na tròcrach, a 
tha le miad do bhàigh a toirt a pheacaidh 
air falbh leis an aithreachas, sa tha leagh- 
adh as nan ciontan a chaidh seachad ann 



LEADAN DHAOINE TINNE, 193 

am fialachd do ghras ; thoir suil f hial air 
JSr. so do sheirbhiseach {bhan-sheirhhiseach), 
agus air ar n-iarraidh eisd ri achanaich 
(h-achanaich)f a sireadh le uile dhùrachd 
a chridhe (cridhe) mathanais na uile 
pheacannan (peacannan). Leighis ann 
(iniite), Athair na trocaire, gach nì tha 
breoite le laigse shaoghalta, no truaillidh 
le ceilg an droch spioraid, agus snaim e 
(i) ri corp t' aon Eaglais fhein, marbhall 
chaidh a cheannach leat. Gabh truas, a 
Thighearna, ri osnaich (h-osnaich), gabh 
truas ri dheoir (deoir) : agus bho nach 
ann an nì sa bith eile, ach ann ad iochdsa 
tha bun a dhochais (dochais), thoir sith 
dha (dhi) fo dhiomhaireachd do sgeithe ; 
tro Chriosta ar Tighearna. Amen. 

Kis an Dia uile-chumhachdach tha mi 
gad earbsa a bhrathair (^yhiuthar) ro- 
ghaolaich, agus gad liubhairt dhasan leis 
an leis thu mar chreutair ; air chor, 'snuair 
a phaidheas tu leis a bhàs dlighe do naduir, 
gun till thu ris an Tì a chruthaich thu, 
agus a dhealbh thu a crè an talmhainn. 
A falbh as a choluinn ma-ta gum b' e cuid- 
eachd gheal nan aingeal a chomhlaicheas 
t' anam : gum b' e cùirt nan ostal lem 
fàilt sheimh a thig ad f hianuis : gum b' e 



194 LEADAN DHAOINE TINNE. 

armailte buadhach nam mairtirean a thig 
ad dhàil : gum b'iad na h-aidmheilich, cruinn 
mar lilidh geal, a dh' iadhas umad : gum 
Vecosheirmeibhinnnan oighean a ghabhas 
greim dhiot, agus a bheir gu fois shaibhir 
thu ann am broilleach nan aithrichean 
naomh ; gum b' ann le aoidh us gean na 
aodann a nochdar dhut losa Criost, gad 
ghairm am fochair a chairdean : gum bu 
fada bhuat gach nì a dhiolar an dorchadas, 
a smachdaichear san teine, sa dhitear gu 
dòruinn shiorru.dh : geilleadh dliutsàtanan 
uilc, maille ri chombaich : critheadh e rod 
thigheachd am nieasg nan aingeal : teich- 
eadh e le fuathas gu aibheis dhuibh shior- 
ruidh fhein. Eirgheadh Dia, 's biodh a 
naimhdean air an sgapadh : teicheadh do 
luchd-fuath as t' fhianuis, meathadh iad 
as mar an deathach ; mar a leagheas a 
chèir ri aodann an teine, caitheadh na 
peacaich as an lathair Dhè : ach aig na 
daoine cearta biodh cuilm, biodh aighear 
an lathair Dhè. Mar sin le fiamh air an 
gonadh biodh ceathairn an dorchadais, 
agus aig gaisreadh shàtain na biodh a 
dhanadas ceap-ainihleis a chur ad shlighe. 
Saoradh Criosta thu bho phian, a cheusadh 
air do shon ; saoradh Criosta thu bho bhàs 



LEADAN DHAOINE TINNE. 195 

siorruidh, dheonaich am bàs f hulang air 
do shon ; suidhicheadh Criosta, Mac an 
Dè bheo, thu ann am phàras aillidh nan 
seud ] cunntadh am Buachaille fìrinneach 
ud thu an aireamh a threud. Glanadh e 
thu bhod pheacannan gu leir, agus am 
measg a dhaoine taghte tilgeadh e do 
chrannchur: gum b'annaghaidh ri aghaidh 
a chi thu do Shlànair, agus gu bràch gum 
b' ann a bhios do shuil shona coimhead air 
fuaran aghor na firinn, agus gum b' ann 
an comunn nan naomh a leumas t' anam 
le sòlas fo dhearrsadh an t-soluis shior- 
ruidh. Amen. 

Thoir, a Thighearna, do sheirbhiseach 
(bhan-sheirbhiseach) gu ionad na beatha, 
ris a bheil a dhùil (dilil) bhod throcair. 

A. Amen. 

Saor, ò Thighearna, anam do sheirbhisich 
(bhan-sheirbhisich)^ bho uile chunnartan 
iutharna, bho h-uile pian, 's bho h-uile 
truaighe. 

Amen. 

Saor, ò Thighearna, anam do sheir- 
bhisich (bhan-sheirbhisich), mar a shaor 
thu Enoch agus Elìas bho bhàs cumanta 
chlann-daoine. 

E. Amen. 



196 LEADAN DHAOINE TINNE. 

Saor, ò Tliighearna, anam do sheir- 
bhisich {bhan-sheirbhisich)y mar a shaor 
thu Noa bhon tuil. 

E/. Amen. 

Saor, ò Thighearna, anam do sheir- 
bhisich (bhan-sheirbhisich), mar a shaor 
tlwi Abraham bho TJr nan Caldèach. 

R. Amen. 

Saor, ò Thighearna, anam do sheir- 
bhisich (bhan-sheirbhisich), mar a shaor 
thu Job bho viile dhòruinnean. 

K. Amen. 

Saor, ò Thighearna, anam do sheir- 
bhisich {bhan-sheirbhisich)j mar a shaor 
thu Isaac bho bhith no iobairt fo laimh 
athar. 

K. Amen. 

Saor, ò Thighearna, anam do sheir- 
bhisich {bhan-sheirbhisich), mar a shaor 
thu Lot bho Shodom 's bho lasraichean 
teine. 

R. Amen. 

Saor, ò Thighearna, anam do sheir- 
bhisich {hhan-sheirbhisich), mar a shaor 
thu Maois bho laimh Pharao righ na 
h-Eiphit. 

K. Amen. 

Saor, ò Thighearna, anam do sheir- 



LEADAN BHAOINE TINNE. 197 

bliisich (hlian'Sheirhhisich), mar a sliaor 
thii Daniel bho sblochd nan leomhan. 

R. Amen. 

Saor, ò Thighearna, anam do sheir- 
bhisich (hhan-sheirbhisich), mar a shaor 
thu an triuir chloinne bho 'n amhainn 
theine, 's bho laimh an droch righ. 

R. Amen. 

Saor, ò Thighearna, anam do sheir- 
bhisich {hhan-sheirhhisich), mar a shaor 
thu Susanna bho aithis bhreige. 

R-. Amen. 

Saor, ò Thighearna, anam do sheir- 
bhisich (hhan-sheirhhisich), mar a shaor 
thu Dài bho laimh righ-Sàl agus Gholìah. 

R. Amen. 

Saor, ò Thighearna, anam do sheir- 
bhisich (bhan-sheirbhisich), mar a shaor 
thu Peadar us Pòl bho phriosan. 

R. Amen. 

Agus mar a shaor thu an oigh sa 
bhana-mhairtir bheannaichte Thecla bho 
thri dòruimiean cruaidhe : amhail sin 
deonaichanamdo sheirbhisich (hhan-sheir- 
hhisichj so a shaoradh, agus a chur (cnr) 
maille riut ann an seilbh na beatha 
siorruidh. 

R. Amen. 



198 LEADAN DHAOINE TINNE. 

Urnaigh. 

nn HA sin a g-earbsa riut, ò Thighearna, 
anam do sheirbliisich (hhan-sheir' 
hhisich) IST. agus si ar n-achanaich riut, 
losa Cbriosta, Shlànair an t-saoghail, nach 
diult thu an t-anam so, a thainig thu 
shireadh gu trocaireach gu talamh, a chur 
an asgaill nan aithrichean naomh. Gabh, 
a Thighearna, ri annam, (h-anam) chaidh 
a chruthachadh cha n-ann le Diathan eile, 
ach leatsa an t-aonDiabeo agusfirinneach: 
oir Dia eile cha n-eil ann ach thusa, agus 
fear do ghriomh cha n-eil ri fhaotainn. 
Thoir sòlas dha n-annam so nad lafchair, na 
cum cuimhne air a sheana (seana) chiont- 
an, no air a mhisg a dh* f haodadh droch 
thogradh a lasadh na intinn (h-intinn), 
Ge do dh' eirich dha (dhi) am peacadh a 
dhianamh, cha d'aicheadh leis (leatha) an 
t-Athair, sam Mac, san Spiorad Naomh, 
ach chreid e (i) unnta, 's bha eud diadh- 
aidh na chridhe (cridhe), agus do'n Dia 
a rinn gach ni thug e (i) aoradh gu 
dligheach. 

Na agair air (pirre) tha sinn a guidh ort 
ò Thighearna, peacannan na h-oigeagus an 
aineolais : ach air reir do mhoir throcaire 



LEADAN DHAOINE TINNE. 199 

f hein bi cuimlineach air a leas {lleas) ann 
an solus do ghloir. Fosgladh fiathanas 
roimhe (roimpe), biodh toil-inntinn air na 
h-ainglean. Gu do rioghachd, a Thigh- 
earna, gabh do sheirbhiseach {bhan-sheir- 
bhiseach), Gabhadh naomh Micheil Ard- 
aingeal Dè aig a bheil ceannfeadhnas air 
feachd fhlathanais greim dheth (dhi). Na 
choinneamh {coinn-) thigeadh ainglean Dè 
agus thugadh iad e {i) gu baile glormhor 
lerusalem. Cuireadh an t-ostal Peadar 
beannaichte a fhuair bho Dhia iuchraich- 
ean fhlathanais furan air(o^rre). Dianadh 
naomh Pòl a thoill a bhith na shaghach 
taghte a chomhnadh {comh-), Biodh 
naomhEoin,ant-Ostal ionmhuinna fhuair 
sealladh air diomhaireachd f hlathanais, na 
eadar-ghuidhear air a shon {son), Dianadh 
na h-ostail naomh uile, a f huair bhon Tigh- 
earna comas air ceangal agus air fuasg- 
ladh, urnaigh air a shon {son). Dianadh 
na naoimh air fad agus daoine taghte Dhè 
a dh' f huilig anns a . bheathasa dòruinn 
air-son Chriost eadar-ghuidhe air a shon 
{son). Air chor 's gum faod e {i) an dèigh 
bristeadh à priosan na feola, ruighinn air 
gloir rioghachd f hlathanais, le comaradh 
losa Criost ar Tighearna, a tha beo 's a 



200 LEADAN DHAOINE TINNE, 

riaghladh maille ris an Athair, agus ris an 
Spiorad Naomh bho shaoghal gii saoghal. 
Amen. 

NuaÌT a chaochlas e (i), theirear, 

Thigibh, a naoimh Dhè uile, thigibh uile 
ainglean an Tighearna, agus glacaibh 
anam (h-), is thugaibh e an lathair an Tì is 
airde. Gum b'e Criost a rinn do ghairm 
a ghabhas greim dhiot; gum b' iad na h- 
ainglean a ghlacas tu, agus a chuireas an 
uchd Abraham thu, 's an lathair an Tì is 
airde. 

Y. Fois shiorruidh thoir dha (dhi) a 
Thighearna. 

R. Agus solus siorruidh lasadh thairis 
air (oirre). 

V. A Thighearna, dian trocair oirnn, 

K. A Chriosta, dian trocair oirnn. 

Y. A Thighearna, dian trocair oirnn. 

K. Ar n-Athair, &c. (le guth iosal). 

Y. 'S na leig ann am buaireadh sinn. 

~Bu. Ach saor sinn bho 'n olc, 

V. Fois shiorruidh thoir dha (dhi) 
a Thighearna. 

R. Agus solus siorruidh dearrsadh air 
(oirre). 

V, Bho dhorsan ifrinn. 



LEADAN AIR-SON NAM MARBH. 201 

R. Teasraig anam (h-), ò Tliigliearna. 
Y. A Thighearna, eisd rì m' aclianaich. 
K. Agus ad ionnsaidh thigeadh mo 
ghuth. 

Y. Gun robh an Tighearn maille ribh. 
R. Agus maille rid spioradsa. 

Dianamaid urnaigh. 

Eiuts, a Thighearnaj tha sinn a g- 
earbsa anam do sheirbhisich (hhan-) N". 
gu bhith maireann maille riut an deis a 
bheatha so a threigsinn: agus na ciontan 
a rinn e (i) na bheatha (beatha) le laigse a 
naduir, gian thusa bhuaith (hhuaijye) nad 
mhor throcairj as leth losa Criost ar 
Tighearna. Amen. 



LEADAN AIR-SON NAM MARBH. 

npHIGHEAENA, dian trocair oirnn. 
Thighearna dian trocair oirnn. 

los, eisd rir n-urnaigh. 

Thighearna losa, thoir dhuinn ar n- 
ìchanaich. 

Dhia Athair, a Chruthadair an t- 

I 



202 LEADAN AIR-SON NAM MARBH. 

saoghail, dian trocair air anman nam 
marbh clireideach. 

Dliia a Mhic, a Shlànair a chinnidh 
dhaonda, saor anman nam marbh chreid- 
each. 

Dhia a Spioraid Naoimh, a ni foirfe 
na daoine taghte, coimhlion sòlas nam 
marbh chreideach. 

O Thrionaid naomh, aon Dia an tri 
pearsachan, thoir fois do dh' anman nam 
marbh chreideach. 

Oigh bheannaichte Mhoire, a chaidh 
thoirt suas gii buadhar gu rioghachd do 
Mhic, trè ghrasan sonraichte, Guidh air- 
son anman nam marbh chreideach. 

Ainglean beannaichte, arinn feum matli 
de chiad ghriomh ur toil, sa f huair seilbli 
airsonas neo-chaochlaideach, Guidhihh^&c 

Aithrichean beannaichte, a bha air ui 
lionadh le sòlas nuair thug Slànair a chinn 
idh dhaonda fuasgl adh dhuibh as a phriosar 
anns an robh sibh fada fo chuibhrichean 
Guidhihh, €&c. 

Fhàidhean beannaichte, a bha an dèigl 
feitheamh le faighidin air teachd d^Mhessv 
air ur lionadh le aoibhneas le e fheii 
thighinn gur sealltainn. Guidhihh, <bc, 

Naoimh beannaichte, a chaidh, aig ais 



uid 



lom 



LEADAN AIR-SON NAM MARBH. 203 

eirigh ghlormhoir ar Slàiiair, thoirt bho 
Limho gu lathaireachd shoilleir Dhè. 
Guidhihhj &c. 

Ostala beannaichte, a shuidheas air an 
latha dheireannach ghàbhaidh air dà 
chathair dhiag, a thoirt breith air dà 
threubh dhiag Israeil. Guidhihh, dcc. 

ADheisciobuilbeannaichte ar Tighearn 
a lean a cheuman naomh ann an rathad 
cumhann na foirfeachd. Guidhibh, <^c. 

A Mhairtirean beannaichte, a chaidh ro 
! mhuir ruadh ur fala fein, 's gun f huireach 
ri dol ro anradh an f hàsaich, a chaidh 
direach gu talamh a ghealltanais. Guidh- 
ibh, &c. 

Aidmheilich beannaichte, a chuir suarach 
I faoineas an t-saoghail, sa leag ur n-inntinn 
gu h-iomlan air aoibhneas fhlathanais. 
Guidhihh, <fcc. 

Oighean beannaichte, a bha a ghnàth 
nur faireachadh a feitheamh le ur lochrain 
uidheamaichte air ciad thighinn fhir na 
bainse. Guidhibh, dcc. 

Naoimh beannaichte gu leir, a bha làn 
iomachuidh, le bhith saor bho ghaol mi- 
riaghailteach gach ni cruthaichte gu dol 
igun dàil an cuideachd ur Cruthadair. 
\9uidhibhy cfcc. 



204 LEADAN AIR-SON NAM MARBH. 

Bi trocaireacli, ò Tliiglieariij agus math 
am peacannan. 

Bi trocaireacli, 6 Thigliearn, agus eisd 
rir n-urnaighean. 

Bho sgàil a bhàis far nach dealraich 
solus do ghnuis. Saor iad^ ò Thightarna. \ 

Bhon h-uile olc a bheir fein thoileach- 
adh san t-saoghalsa orra san ath shaoghal. 
Saor iad ò Thighearna. 

Bhod mhighean a bhrosnaich iad len 
dearmad, 's lem mi-thaingeileachd. Saor 
iad, ò Thighearna. 

Bho phein Phurgadaira leag docheartasi 
orra air-son am peacannan neo-dhiolte. 
Saor iad, 6 Thighearna. 

Bho dhòruinnean nas truime gun| 
choimeas na 'n t-amhghar is seirbhe sa! 
bheathasa. Saor iad, ò Thighearna 

Bhon phriosan as nach tigear gus am, 
paidhear am fairdein deireannach. Saor^ 
iad, ò Thighearna. 

Trè lionmhorachd do throcairean a tha| 
daonnan iochdar ri laigse naduir. Saor 
iad, 6 Thighearna. 

Tre feart do chroise, air an d' rinn thu 
rèite eadar an saoghal agus t' Athair, 
Saor iad, 6 Thighearna. 

Trè do thearnadh buadhar gu ifrinn, gn ^^ 



{ 

aè 

i( 

( 



ki 

G 
'hle 



LEADAN AIR-SON NAM MARBH. 205 

cuibhrichean a bhàis a bliristeadh.. Saor 
iad, ò Thighearna. 

Trè t'aiseirigh ghlormhoir bho 'n iiaigh, 
gii rioghachd nèimh fhosgladh. Saor 
iad^ Thighearna. 

Trè do dheasghabhail buadhar gu 
|flathanas,a thoirt braighdeanais an daorsa. 
Saor iad, 6 Thighearna. 

Trè do thigheachd ghàbhaidh a thoirt 
breith air an t-saoghal. Saor iad, 6 
Thighearna. 

Sinne na peacaich. Guidhemid ort eisd 
ruinn. 

Gum b'i do thoil an lath' a luathachadh 
lir an saorar do chreidich bho thuinidh a 
phròin. Giiidhemid ort eisd rui'ìin. 
I Gum V i do thoil tìm an diolaidh a gliiorr- 
kchadh, 's an gabhail a stigh gu hiath gu 
^AJ ionaid-naomh air nèamh. Guidhemid 
'^' )r^ eisd ruinn. 

Gum b'i do thoil, as leth urnaighean us 

t^^ leagh ghriomhan diante nad EagLais, an 

>'abhail a stigh gud phailliunan siorruidh. 

Tuidhemid ort eisd ruinn. 

Gum b'i do tlioil hiaidheachd do- 

^ nheasaild' iobairta ghabhail mar dhioladh 

dr-son am peacannan. Guidhemid ort eisd 

minn. 



206 LEADAN AIR-SON NAM MARBH. 

Gundianseallaclhbeannaichte losa fart- 
achadh orra, 's gun dealraich a ghloir neo- 
chaochlaideach orra. Guidhemid ort eisd 
ruinn. 

Mhic Dhè. Guidhemid ort eisd ruinn, 

Uain Dè, thig ann an gloir a thoirt 
breitheanais air bheo 's air mhairbh Thoir 
fois do dN anman nam marhh chreideach. 

Uain Dè, a bheir crith air an talamh, 
sa bheir air na speuran a leaghadh nad 
fhianuis, Thoir fois do dN anman nam 
marhh chreideach. 

Uain Dè, aig a bheil ainman nan daoine 
taghte sgriobhte ann an leabhar na beatha, 
Thoir fois shiorruidh do dK anman nam 
marhh chreideach. 

O Thighearna, saor sinne agus do chreid- 
ich gu leir air an là uamhasach sin, nuair 
thig dorchadas air a ghrèin agus air a 
ghealaich, sa thuiteas na reultan bho 
nèamh ; air là na truaighe, air an là ghàbh- 
aidh sin nuair a chritheas nèamh agus 
talamh, sa thig losa le morachd ghlor- 
mhoir, 's le ainglean, gun aireamh a thoirt 
breith air an t-saoghal le teine. 

O Thighearna, tiarruinn sinn air an 
latha eagalach sin ; agus cuir maille ris na 
daoine beannaichte sinn air do laimh dheis 
gu siorruidh. 






LEADAN AIR-SON NAM MARBH. 207 

Thighearnaj eisd ri m' urnaigh : agus 
thigeadh mo ghlaodh gad ionnsaidh. 

O Dhia shiorrnidh, a thug fàinte dha 
^•ach aon a charrantachd a chleachdadh, 
ich a dh' ordaich urram sonraichte a thoirt 
io pharantan, do chairdean, 's don h-uile 
leach a ni feum dhuinn ; deonaich bhona 
;iad a thug dh' ionnsaidh an t-saoghail 
linn, sa rinn ioma comhnadh ruinn, gun 
ioisinn ar n-achanaich dhaibh a bhith gun 
làil air an saoradh bho dhòruinn, 's an 
•athad f haotainn reith gu sòlas siorruidh ', 
ro losa Criost ar Tighearna. 

O Thighearn, a tha làn gliocais us tro- 
aire ! le d' ordughsa cha n-eil sinn anns a 
heatha so ach air turus gu siorrachd ; 
ha tug thu dhuinn comas aithreachas a 
hianamh, ach anns an t-saoghals a mhain, 
tha dòruinn, no sòlas agad a feitheamh 
lio jirnn san ath shaoghal air reir ar caithe- 
ij]. patha ; Deonaich dhuinne tha f hathasd 
30, agus comasach air rèite a dhianamh 
ut, grasan a stiuireas sinn gun sheachran 
rant-slighe dhirich gu flathanas,losnach 
L peacadh, no dìth uidheamachadh oirnn 
g an uair dheireannaich, ach nuair theid 
• colunnan sios do'n uaigh gun teid ar n- 
iman suas gadionnsaidhaghabhailcomh- 
aidh ann an aros na sìthe 's an t-sòlais 



208 CBABHADH NA CONAIR MHOIRE. 

shiorruidh ; tro losa Criost ar Tighearn 
agus ar Slànair. Amen. 

Urnaigh air-son nam Marhh Chreideach 
gu h-iomlan. 

f\ DHIA, a Chrutliadair, agus a Shlàn- 
^-^ air nan creideach gu leir, thoir do 
dh' anman do sheirbhiseachlan mhathanas 
nampeacannan, 's biodh iad air an saoradh 
bhuapa mar is deonach leo, tro thoradh 
t'achanaich diadhaidhse, tha beo sa riagh- 
ladh fad shaoghal nan saoghal. Amen. 



CEABHADH NA COKAIE 
MHOIEE. 

Tha an Crabhadh naomh so air a roinn 
na thri earrannan ; tha coig rùin dhiomh- 
air anns a h-uile earrann ; aon Phaidir, 
deich Bheannachadh Moire anns a h-uile 
rùn diomhair, sa criochnachadh le Ch^ir 
do'n Athair, &c., maille ri urnaigh ; ai|{f, 
tighinn mar sin gu coig-diag rùin dio- 
inhaii^, coig Paidrichean diag, coig-diag:|i{f 



CRABHADH NA CONAlR MHOIRE. 209 

Ghloir do'n Athair, coig urnaigiiean diag, 
us ciad gu letli Bheannacliadh Moire. 
Faodar an Crabhadh so a dhianamh air 
aon tarruing, no air thri chuairt : le neach 
na aonar, no le hichd-freagairt dha. 

An ainm an Athar, x agus a Mhic, 
agus an Spioraid Naoimh. Amen. 

Y. Fàilt dhut, a Mhoire, tha thu lan 
de na grasan, tha an Tighearnamaille riut. 

R. Is beannaichte thu measg nam mna, 
is beannaichte toradh do bhronn, losa. 

Y. Fosglaidh tus a Thighearna, mo 
bhial. 

R. Agus bheir mo theanga cliu dhut. 

V. Dian cobhair orm, ò Dhia. 

K. A Thighearna, greas gum chuideach- 
adh. 

Gloir do'n Athair, us don Mhac, us 
ion Spiorad Naomh* 

Mar bha, 's mar tha, 's mar bhios fad 
ìjhaoghal nan saoghal. Amen* 

OHIAD EAREANN. 

Na coig Rùin Eibhinn, rin cantaiìin /i- 
le Di4uain us Diar-daoin; Di-dònaich 

an Aidbhen, us an dèujh Là-nan-tri-Righ 

u Carghus. 

g3 



i 



210 CRABHADH NA CONAIR MHOIRE. 

I. RuN. TpAichdcdreachd an AingiL 

Anns an rdn dliiomliair so thugamaid 
fo-near, guna chuir an t-Aingeal Gabriel 
fàilt air an Oigh bheannaiclite leis na 
briathran so, Tha thu lan de na grasan : 
agus gun d' innis e dhi gun robh ar 
Tighearn losa Criosta dol a ghabhail 
coluinn daonda. An sin ahair. 

Ar n-Athair a tha air nèamh, &c., aoìVi 
uair. 

Fàilt dhut a Mhoire, &c., deich chuairt, 
agus 

Gloir do'n Athair, &c., aon uair. Cuiì 
na tri urnaighean so air toiseachgach rilinl 



hh 



Dianamaid Urnaigh. 

A NAOMH Mhoire, a Bhànrinn nai 
•^^ Oighean, as leth daondachd do Mhi 
ionmhuinn ar Tighearna losa Criost, 
thainig gus ar sabhaladh, thoir dhuinne 
le brigh t' achanaich, soilleireacliadh ceari 
air na grasan mora sin a thog sinn gus ai! 
ard-inbhe a bhith nar braithrean aig d 
Mhac diadhaidh, us thus a bliith dhuin:! 
ìiad Mhathair. Amen. % 



gra.= 



ioiK 



CRABHADH NA CONAIR MHOIRE. 211 

II. TutujS Mhoire gu a hanacharaid. 
N, Ealasaid, 

Anns an rùn dliiomhair so thugamaid 
fo-near, gun deach an Oigh bheannaichte 
Moire ^s iaircluinntinn bho'naingeal guna 
ghabh a banacharaid ban naomh Ealasaid 
sliochd, air adhart gu luath gu beanntan 
ludea a dh' amharc oirre, agus gun d* 
fhuirich i comhla ri tri miosan. Ar 
'n-Athair, &c. 



a sgàth- 



Dianamaid Urnaigh, 

^j r\ MHATHAIR bheannaichte, 

^^ ain ghlain na h-umhlachd, as leth na 

!blàth-charrantachd a thug a choimhead do 
bhanacharaid ban-naomh Ealasaid thu, 
thugas duinn le feartan t'eadar-ghuidhe, 
gum bi ar cridheachan air an lionadh le 
grasan do Mhic naoimh cho pailt, us gum 
n I bi sinn air ar glanadh bhon h-uile peacadh, 
agus gun toir sinn cliu us taing dha fad 
, na siorrachd. Amen. 



' III. Breith los ann am Bethelem, 

/à Anns an rùn dhiomhair so thugamaid 

jÌBMO-near, gun d'rug an Oigh bheannaichte 

Moire san àm fhreagarrach dhi, ar Slànair 



212 CRABHADH NA CONAIR MHOIRE. 

losa Criosta mu mhiadhon oidhche, agus 
guna chuir i anns a phrasaich e, thaobh 's 
nach robh àite dha's na taighean. Ar 7i- 
AthaÌTj (kc. 

Dianamaid Urnaigh. 

r\ MHATHAIR is glaine, as leth t' 
^^ aiseid mhaighdeanail gun bheud, leis 
an tug thu solus don t-saoghal led Mhac, 
ar Slànair losa Criosta; coisinn dhuinn, 
tha sinn a g-achanaich ort le feartan t' 
eadar-ghuidhe, na grasan sin a bheir neart 
us treoir dhuinn gu caithe-beatha cho 
naomh, us cho diadhaidh a leantuinn. air 
talamh gum bi e nar comas a bhith seinn 
a latha sa dh* oidhche trocair do Mhic 
agus a thiodhlaicean. Amen. Ar n- 
Athairy &c. 

IV. Io8 air a thairgte san teampulL 

Anns an rùn dhiomhair m thugamaid 
fo-near, guna thairg an Oigh bheannaichte 
Moii'e, air latha a glanaidh air reir an 
lagha, an leanabh naomh los anns an 
teampull; far antugnaomh Simeontaing 
do Dhia gu ro-chrabhach, aa ghabh e air à 
ghairdeanan e. Ar n-AthtUrt àe. 



CRABHADH NA CONAIR MHOIRE. 213 

Dianamaid Urnaigh, 

r\ MHATHAIR bheannaichte, a sgath- 
^-^ ain agus a bheus na h-umhlachd, a 
thairg san teampull Cruthadair an t- 
saoghail, faigh dhuinne led mhaoidhean 
air do Mhac gaolach, spionnadh agus càil, 
mar bh'aig Simeon agus a bhan-fhaidh 
Anna, gu cliu agus mokdh a thoirt dha gu 
siorruidh. Amen. 

V. Fhuaras losa Criosta san teampulL 
Anns an run dhiomhair so tha e ri 
fhaicinn, gun d' fhuair an Oigh bheann- 
aichte Moire, an dèigh sireadh thri latha le 
bròn, a Mac gaolach, a chaill i gu neo- 
chiontach san teampull, am miadhon nan 
ollamh a reusanachadh riu na dhà 
bhliadhn-dhiag a dh* aois. Ar n-Athairj &c. 

Dianamaid Urnaigh, 

/^IGH naomh is mua a dh' fhuilig na 

^na mairtii-ean fhein, an dèigh sin a 

ì tha ad threise 's ad chomhf hurtachd do 
thruaghain ; as a mhiad sa rinn thu dh' 

1 f haoilteachas rid Mhac ionmhuinn fhaot- 
ainn san teampull, am measg nan ard 

I luchd-faghluim a reusanachadh riu ; faigh 

idhuinne bhuaitbe na grasan a bheir oirnne 



214 CRABHADH NA CONAIR MHOIRE. 

a sliireadh, agus a shealbhachadli anns an 
Eaglais naoimh Chaitlicich, ann an doigh's 
nach teid ar sgaradh bhuaithe a chaoidh. 
Amen. 

Fàilt Mhoire. 

"C^AILT air Bànrinn gun choimeas 
Mathair na trocair, ar Beatha, ar Sòlas 
Friamh ar dochais. Biutsa tha sinn a 
togail ar guth, sliochd seachranach Ebha. 
Biutsa tha ar glaodh, a caoidh sa g-acain 
anu an gleann so nan diar. Thoir ma-ta, 
luchairnan gras, suil f hialairnafeumaich : 
agus an dèigh dhuinn a chèin thìr so 
threigsinn, fiachdhuinn, aGheugoirdheirc, 
do thoradh losa Criosta ] amhail biodh, 
ò Mhathair chaoin chairdeil naomh. 

Y. Guidh air ar son, a naomh Mhathair 
Dhè. 

II. Los gun toiU sinn gealtanas Chriosta. 

Dianamaid Urnaigh. 

/^ DHIA, a cheannaich còir dhuìnn 
^^ air duais shiorruidh le beatha, bàs us 
aiseirigh t'aona Mhic ionmhuinn : thugas 
duinn, atha leughadhagus a beachdachadh 
air na rùin diomhair a tha san urnaigh 
so, gun lean sinn an seoladh, 's gum faigh 



CRABHADH NA CONAIR MHOIRE. 215 

sinn an gealltanas : tro losa Chriost ar 
Tighearna. Amen. 



AN DAENA EAEEANN. 

Na coig Rùin Dhòruinneach, rin can- 
to*7^7^A-m^eDi-mairt'sDi-haoine; agus air 
Di-dònaich sa Charghus. 

I, RuN. Urnaigh us Fallusfala Chriosta 
sa Ghàradh. 

Seallamaid anns an rùn dhiomhair so, 
mar bha losa Criosta ar Tighearna, fo 
dhòruinn cho trom ann an gàradh Gheth- 
semane, 's gun robh fallus fala a f àsgadh 
ro choluinn naoimh, agus a struthadh gu 
frasach gu làr. Ar n-Athair, &c. 

Dianamaid Urnaigh, 

Ì^IGH is mua naomhachd, a dh' f hairich 
^^ dòruinn thar mairtir ri linn do Mhic 
a bhith g-urnaigh gu cruaidh, 's gu cràit- 
each anns a ghàradh; deonaich dhuinn 
comhnadh t'eadar-ghuidhe, los gun cuir 
J5Ìnn ar n-ana-miannan fo sthrèin reusain, 
higus gun aontaich, us gun striochd sinn do 
i;hoil Dè, Amen. 



216 CRABHADH NA CONAIR MHOIRB. 

II. SgiuTsadh los aig a phosta. 

Tha e ri fhaicinn anns an rùn clhiomh- 
air so, gnn deach losa Criost ar Tighearna 
a sgiursadh gu goirt aig a phosta aig tigh 
Philait, a faighinn tuille us coig mile 
stràchd, air reir 's mar chaidh a shoilleir- 
eachadh do bhan-naoimh Bhridget. Ar 
n-Athair, &c. 

Dianamaid Urnaigh, 

r\ MHATHAIIlDhè,ashamhlanaoimh 
^^ na faighidin, as leth a sgiursaidh 
ghoirt a dheonaich do Mhac gradhach 
f hulang ; faigh dhuinn na grasan a chuireas 
casg air mi-rian ar ceudan corporra, agus 
a ghearras bhuainn ceann-aobhair gach 
peacaidh. Amen. 

III. Crìin droighinn air a chur air ceann 
Chriost. 

GABHAMAiDbeachdannsan rùn dhiomh- 
air so, mar a ghabh an sluagh gun iochd 
gun bhàigh an droigheann giar, agus an 
dèis fleasg a dhianamh dheth, sparr iad e 
gun athadh air ceann beannaichte losa 
Criost ar Tighearna. Amen. Ar nr 
Athair, &c. 



I 



CRABHADH NA CONAIR MHOIRE. 217 

Dianamaid urnaigh. 
f\ MHATHAIR prionnsa agus righ 
^^ na glorach siorruidh, as letli nan 
drisean piantail a riab ceann do Mhic 
ionmhuinn le mile lot, thugas duinn, tha 
sinn a guidh ort, le eifeachd t' eadar- 
ghuidhe, a bhith saor anns a bheathasa 
bho uaill, agus latha bhreitheanais bho 
nàire a pheacaidh. Amen. 

lY. los a giùlan na Croise, 

Anns an run dhiomhair so thugamaid 
fo-near guna ghiùlain losa Criost ar Tigh- 
earn a chrois, a chuireadh air a ghuaillean 
creuchdach ; agus gun d' iomraich e i cuid- 
eachd le mor fhaighidin air a thruimid 's 
gun robh i, 's air a mhiad 's gun robh a 
tàir. -4r n-AthaÌ7% &c. 

Dianamaid urnaigh, 
r\ MHATHAIIlbheannaichte,shamhla 
^^^ na faighidin, as leth peine giùlain na 
croise led Mhac gaolach losa Criost ar 
Tighearna, agus eallach bu truime na sin 
ar peacannan, coisinn leeifeachd t' urnaigh 
misneach agus càil dhuinne gu cheuman a 
leanail, agus ar crois iomrachadh gu faigh- 
idneach gu deireadh ar laithean. 



218 CRABHADH NA CONAIR MHOIRE. 

Y. los air a cheusadh, 

Tha e ri smaoineachadh anns an rùn 
dhiomliair so, nach luaithe a rainig ar 
Slànair losa Criosta Monadh Chalbhari, 
na chaidh aodach a spionadh dheth, agiis 
a lamhan sa chasan naomh a thairngeadh 
gu teann us gu piantail ri fiodh na croise 
ann am fianuis a Mhathar bronaich. Ar 
n-Athair, &c. 

Dianamaid urnaigh, 

r\ MHOIHE naomh, a Mhathair Dhè, 
^^ gum b' ann mar a bha do Mhac 
ionmhuinn air a ruighe air a chrois air ar 
son, a bhios gach teud vis buaidh unnainn 
air an ruighe gu teann, a cur a sheirbhis 
naoimh air adhart, 'sa gabhail truais ri 
dhòruinn. Gum b' ann mar sin a bhios 
le d' eadar-ghuidhe, 6 Mhathair naomh, 
los gun coisinn sinn sabhaladh siorruidh 
dhuinn fhein. Amen. 



AN TEEAS EAKRANISr. 

Na Coig Hùin Ghlormhor, rin cantaÌ7in 
h-uile Di-ciaduin '5 Di-sathuirn ; acjus air 
Di-dònaich hho Chaisg gus an Aidbhen. 



CRABHADH NA CONAIR MHOIRE. 219 

I. HuN, Aiseirigh Ghriosta, 

Faicemid anns an rùn dhiomhair so, 
giin d' eirich ar Tighearna losa Criosta 
gu cumhachdach, 's gu glormhor air an 
treas latha bho bhàs gu beatha, 's gu bheil 
e à so suas os cionn gath a bhàis, us guin 
peine. Ar n-Athair, &C. 

Dianamaid urnaigh, 

f\ MHOIEE ghlormhor, as leth t'aighir 
^'^ us do vshòlais ri linn aiseirigh glor- 
mhoir t'aona Mhic, coisinn dhuinn, tha 
sinn a guidh ort, nach bi ar cridheachan 
à so suas a g-iarraidh gu toileachadh 
breige saoghalta, ach an geall an cònuidh 
air aoibhneas bunailteach buan fhla- 
thanais. Amen. 

II. Deasghahhail losa Criosta. 

Gabham AID beachd anns an rùn dhiomh- 
air so, gun deach ar Slànair losa Criost, 
an ceann dà fhichead là an dèis aiseirigh, 
suas gu nèamh, air a chuairteachadh leis 
na h-ainglean, ann an lathair a Mhathar 
naoimh, nan Ostal agus nan deisicobul, a 
bha g-amharc air le moi^an ioghnaidh, 
Ar 7i'Athair, &c. 



220 CEABHADH NA CONAIR HHOIRB. 

Dianamaid urnaigh. 

r\ MHATHAIR Dhè, comlifhurtachd 
^^ nan uireasach, gum b'ann mar a thog 
Mac do ghaoil a lamhan, agus a bheann- 
aich e Ostail naomha, a thogas tusa do 
lamhan beannaichte, rid Mhac as ar leth, 
air chor *s gum faigh sinn mar aon beann- 
achd a Mhic agus na Mathar, gu stà 
dhuinn a bhos us thall. Ar n-Àthair, &c. 

III. Teachd an Spioraid Naoimh air 
na h'Ostail. 

Tha e ri smaoineachadh anns an rùn 
dhiomhair so, gun do chuir losa Criosta 
an dèigh dha suidhe aii^ laimh dheis Dè, an 
Spiorad Naoimh a nuas air na h-Ostail, 
mar a gheall e; agu^ iad san àm maille ri 
Moire ann am baile lerusalem ri urnaigh 
us ri crabhadh gu dìan, a feitheamh ri 
tighinn an Spioraid Naoimh an Comh- 
fhurtair. Ar n-Athair, &c. 

Dianamaid urnaigh, 

/^MHATHAIR bheannaichte, a theam- 
^^ puill an Spioraid Naoimh, coisinn 
dhuinne le cumhachd t' achanaich, gum bi 
sinn air ar stiuradh leis a chomhf hurtair 



CRABHADH NA CONAtR MHOIRE. 22l 

sin, a thug do Mhac gaolach dha chuid 
Ostail, agus gum bi sinn air ar treor- 
achadh leis air an t-slighe dhirich do 
fhlathanais, agus air ceuman gach 
subhaile us dea-ghriomh. 



IV. An Oigh bheannaichte a gabhail 
seilhh am Jlathanas, 

TuiGEMiD anns an rùn dhiomhair so, 
gun deach an Oigh ghlormhor Moire, an 
ceanndà-bhliadhn-dhiag an deigh aiseirigh 
a Mic, suas do f hlathanas as an t-saogh- 
alsa le urram mor agus gloir, air a cuairt- 
eachadh le feachdan aingeal. Ar n-Athair, 

Dtanamaid urnaigh, 

/^IGH a mhor ghliocaìs, a lion, a dol a 
^^ stigh do thalla glormhor nam flathas, 
na naoimh 's na h-ainglean le sòlas, agus 
sinne le dochas ; deonaich seasamh air ar 
oul aig uair a bhàis, air chor 's gun toir 
sinnbuaidhairinnleachdan,us buairidh an 
droch spioraid, agus gum bi ar n-aiseag 
bho thìm gu siorrachd làn sonais lls aoibh- 
jieis gun chrich. Amen* 



222 CRABHADH NA CONAIR MHOIRE. 

V. Crìcnadh na h-Oighe Moire. 

Thugamaid f o-near anns an rùn dliiomh- 
air so, gun do chuir am Mac cumJiachdach, 
an lathair co-thionail ait nan naomh 's 
nan aingeal, crùn na glorach a b' aillidh 
's bu ghile air ceann na h-Oighe beann- 
aichte Moire Mathar Dhè. Ar n-Athair, 
&c. 

\ 
Dianamaid unnaigh. 

r\ BHANRINN nan uile naomhj si ar 
^^ n-achanaich riut, gun gabhadh tu 
bhuainn an crabhadhso,mar fhleasg taitn- 
each ad shuilean ; agus thugas duinn bho 
bhrigh t' achanaich, gum bi ar dèidh air 
t'fhaicinn ad ghloir, mar theine air a 
lasadh nar cridhe cho dìan, 's nach gabh 
e cur as, na isleachadh, gus am fiach e 
dhuinn do ghloir ann am flathanas. 
Amen. 

Tha Fàilt Mhoire ri chantainn a rithsid 
an so, (214.) 

Agiis Labhair an t-Aingeal, &c. (15.) 



223 

FEEAGAIRT NA H-AIFEINN. 

Na hiodh an leahhar Aifrinn agus tufein, 
a Chleirichy air an aon taohh de ^n altair. 
Ach, nuair a hhios an leahhar air an dariia 
taohh, hi thusa air an taohh eile. Agus air 
reir sin tòisich ri freagairt air laimh chlì 
an t-sagairt. 

Sagart. Introibo ad altaire Dei. 

Cleireach. Ad Deum qui Isetificat 
jeventutem meam. 

S. Judica me Deus, et discerne causam 
meam ; de gente non sancta, ab homine 
iniquo et doloso erue me. 

C. Quia tu es Deus fortitudo mea ; 
quare me repulisti, et quare tristis incedo 
dum affligit me inimicus ? 

S. Emitte lucem tuam, et yeritatem 
tuam, ipsa me deduxerunt, et adduxerunt 
in montem sanctum tuum, et in taber- 
nacula tua. 

C. Introibo ad altare Dei ; ad Deum 
qui Isetifìcat juventutem meam. 

S. Confìtebor tibi in cithara, Deus, 
Deus meus ; quare tristis es anima mea, 
et quare conturbas me ] 

C. Spera in Deo, quoniam adhuc con- 
fitebor illi, salutare vultus mei, et Deus 
meus. 



224 FREAGAIRT NA H-AIFRIN1?£. 

S. Gloria Patri, et Filio, et Spiritui 
sancto. 

C. Siciit erat in principo, et nunc, et 
semper, et in ssecula s^eculorum. Amen. 

S. Introibo ad altare Dei. 

C. Ad Deum qui Isetificat juventutem 
meam. 

S. Adjutorium nostrum in nomine 
domini. 

C. Qui fecit coelum et tearam. 

S. Confiteor Deo, àc. 

C. Misereatur tui omnipotens Deus, 
et dimissis peccatis tuis, perducat te ad 
vitam seternam. 

S. Amen. 

C. Confiteor Deo omnipotenti beatse 
Marise semper Yirgini, beato Michaeli 
Archangelo, beato Joanni Baptistae, sanc- 
tis Apostolis, Petro et Paulo, omnibuB 
sanctis, et tibi Pater, quia peccavi nimis 
cogitatione, verbo et opere (buail f uchd 
tri uairean a g-radh) mea culpa, mea cul- 
pa, mea maxima culpa. Ideo precor bea- 
tam Mariam semper Yirginem, beatum 
Michaelum Archangelum, beatum Joan- 
nem Baptistam, sanctos Apostolos Petrum 
et Paulum, omnes sanctos, et te Pater, 
orare pi*o me ad Dominum Deum aostrum. 



FREAGAÌRT NA H-AIFRINNE. 225 

S. Misereatur vestri, &c. 

C. Amen. 

S. Indulgentiam, absolutionem, àc. 

C. Amen. 

S. Deus tu conversus, àc. 

C. Et plebs tua Isetabitur in te. 

S. stende nobis Domine misericordiam 
tuam. 

C. Et salutare tuum da nobis. 

S. Domine exaudi orationem meam. 

C. Et clamor meus ad te veniat. 

S. Dorninus vobiscum. 

C. Et cum spiritu tuo. 

S. Kyrie Eleison. 

C. Kyrie Eleison. 

S. Kyrie Eleison. 

C. Christe Eleison. 

S. Christe Eleison. 

C. Christe Eleison. 

S. Kyrie Eleison. 

C. Kyrie Eleiaon. 

S. Kyrie Eleison. 

S. Dominus vobiscum. 

C. Et cum. spiritu tuo. Ma their e ; 
Flectamus genua, abair, Levate. 

Nuaìr a sguireas leughadh na Litreach, abair : 
Deo Gratias. Agus beagan an deigh sin, atharr- 
aich an leabhar, a toirfc modha do'n altair anns 

H 



226 FREAGAIRT NA H-AIFRINNE- 

an dol seachad le cromadh beag thoirt air do 
oheann. An onair chìadna thoir do dh' ainm 
losa nuair a chluinneas lu e ; agus do thoiseach 
us deireadh an t Soisgeil. 

S. Dominus vobiscum. 

C. Et cum spiritu tuo. 

S. Sequentia sancti Evangelii, àc. 

C. Gloria tibi Domine. 

Nuair a sguireas an Soisgeul, abair Laus tihi 
Christe. Nuair a chi thu a chailis ga rusgadh, 
glac am fìon ann ad laimh dheis agus an tuisge 
ad laimh chli. Agus cho luath agus a bheir thu 
seachad am fion, glac an t-uisge ad laimh dheis, 
a.gus beir air an fhion bhon t-sagart ad laimh 
chli ; an dèigh an t-ui&ge agus am fion a chur 
seachad, fiU air oisinn na h-altrach an t-anart 
beag a tha 'n sin gu meoir an t-sagairt a thiorm- 
achadh ; agus nuair a ni thu sin, doirt uisge 
air meoir a phears-eaglais agus theirig a rithisd 
air do ghlun far an robh thu roimhe. 

S. Oiate fratres. 

C. Suscipiat Dominus sacrificium de 
manibus tuis ad laudem et gloriam no- 
minis sui, ad utilitatem quoque nostram, 
totiusque Ecclesise suse sanctpe. 

S. Per omnia ssecula s?eculorum. 

C. Amen. 

S. Dominus vobiscum. 

C. Et cum spiritu tuo. 

S. Sursura corda. 



FREAGAIET NA H-AIFRINNE. 227 

C. Habemus ad Dominum. 

S. Gratias agamus Domino Deo nostro. 

C. Dignum et justum est. 

Nuaìr a chluinneas tu : Sanctus, sanctus, sanc- 
tus, buaìl an clag. Buail a rithìsd e nuair a chi 
thu an sagart a sgaoileadh a lamhan air uachdar 
Da cailis. 

Seinn e an treas uair an àra togail an arain agus 
na cailis, 's tu air do ghh\n lamh ris an t-sagart, a 
toe:ail iochdar na chasuhuil no'n eididh uachdar- 
aich led laimh chli, agus pog e an àm a leigeil as. 
Agus uair sa bith a bhios tu an dèigh so a dol 
seachad air an altair, theirig air do ghliln a thoìrt 
onair do'n t-sacramaid. 

S. Per omnia ssecula sseculorum. 

C. Amen. 

S. Et ne nos inducas in tentationem. 

C. Sed libera nos a mola 

S. Per omnia ssecula sseculorum. 

C. Amen. 

S. Pax Domini sit semper vobiscum. 

C. Et cum spiritu tuo. 

Cho luath sa chi thu gun do ghabh an sagart a 
chomaine, eìrich a thoirt fìona agus uisge dha mar 
thug thu roimhe, 'S ma tha luchd-comaine ann, 
gabha Chonjiteor sAr an son; sgaoil airam bialaobh 
tubhailte na comaine ; atharraich an leabhar gu 
ceann eile na h-altarach ; agus an sin tog an 
tubhailte bho'n luchd-comaine, agus theirig gus 
an t-àite an robh thu roimhe. 

S. Domiuus vobiscum. 



228 FREAGAIRT NA H-AIFBINNE. 

C. Et cum spiritu tuo. 

S. Per omnia ssecula ssaculorum. 

C. Amen. 

S. Dominus vobiscum. 

C, Et cum spiritu tuo. 

S. Ite, missa est, no Benedicamus Do- 
mino. 

C. Deo graticis. 

Nuair a bhiob an aifrionn air-son nam marbh. 

S. Requiescant in pace. 

C. Amen. 

Ma dh' fhagar an leabhar fosgàilte, na dian 
dearmadairatharraohadhjagusannsandolseachad 
theirig air do ghlùn air bialaobh a phears-eaglaìs 
gus a bheannachd fhaighinn comhla ri cach. 

S. Pater, et Filius, et Spiritus Sanctus. 

C. Amen. 

S. Dominus vobiscum. 

C. Et cum spiritu tuo. 

S. Initium, no Sequentia sancti Evan- 

gelii, &c. 

C. Gloria tibi, Domine. \ 

Nuair a sguireas e, abair ; Deo gratias. 
An sin cuir as na coinnlean, us paisg gach nì 
gu curamach. 



INNERNISi 
CLO-BHUAILTE AIG OFIG AN TEAOHDAIRE. 



^^x